Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2010-12

Cable - agus a' cho-bhanntachd - nas laige

Niall O’Gallagher | 2010-12-22, 10:50

Beachdan (0)

Abair là neònach.

Aig toiseach na maidne an-dè bha nàire air Vince Cable as dèidh mar a ghlacadh e air tèip ag ràdh gum b' urrainn dha cuidhteas a dhèanamh air a' cho-bhanntachd.

Feasgar, bha Dàibhidh Camshron agus Nick Clegg glaste ann an Sràid Dhowning a' beachdachadh air am b' urrainn dhaibh cuidhteas a dhèanamh air an Dtr Cable fhèin.

Aig a' cheann-thall, chuir iad romhpa nach b' urrainn - tha Vince Cable ro chudromach airson taic nan Lib Deamach a chumail ris a' cho-bhanntachd.

Mar sin, chum e a dhreuchd mar Rùnaire an Ghnothachais agus an t-àite aige anns a' chaibineat.

Ach chaidh an dleastanas airson gabhail thairis BSkyB le Rupert Murdoch a thoirt gu Rùnaire a' Chultair, Jeremy Hunt.

Dleastanas

B' fheudar dha sin tachairt as dèidh mar a chaidh pàirt eile den chlàradh dhìomhair a thoirt don BhBC anns an tuirt an Dtr Cable gun robh e air 'cogadh a ghairm' an aghaidh Mhgr Murdoch.

B' ann leis an Dtr Cable a bhiodh am facal mu dheireadh air a' chùis.

'S e dleastanas laghail seach poileataigeach a tha seo agus cha b' urrainn do Vince Cable a cholionadh as dèidh dha na beachdan aige a dhèanamh cho soilleir.

Thuirt Ed Miliband gum biodh esan air a chur far a dhreuchd.

Tha a' cho-bhanntachd nas laige as dèidh seo, agus tha an Dtr Cable fortunach a bhith ann fhathast.

Ach am biodh ministear Tòraidheach na dhreuchd, saoil, as dèidh seo a dhèanamh?

BBC Alba air Freeview

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-12-21, 12:05

Beachdan (1)

Chuala sinn an-diugh, aig a' cheann-thall, gun tèid BBC Alba a chur air Freeview.

Cuiridh muinntir na Gàidhlig fàilte air an naidheachd, a dh'aindeoin na dàlach.

Thug Urras a' BhBC cead seachad airson seo, as dèidh dhaibh sgrùdadh a dhèanamh air an t-sianal Ghàidhlig.

'S e am plana gun tèid stèiseanan rèidio a' BhBC a thoirt far Freeview nuair a bhios BBC Alba a' craoladh, agus gun tèid na 'roinnean Gàidlig' a thoirt far BBC 2.

Tha ceistean ann fhathast, ge-tà, agus chan eil cinnt an-diugh cùine, no ciamar, a thachras e.

Bidh sinn a' cur nan ceistean sin tron là.

Freagairt Albannach do cheist nan oilthighean

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-12-16, 15:01

Beachdan (0)

Cò a bu chòir pàigheadh airson foghlaim àrd-ìre?

Tha a' cheist seo air ùpraid a thogail mu dheas anns gach taigh den phàrlamaid, agus air na sràidean.

An-diugh, chaidh a' cheist a thogail aig Holyrood, agus ministear an fhoghlaim a' foillseachadh pàipeir uaine air a' chùis.

Tha Mìcheal Ruiseal airson 's gum bi freagairt eile, "freagairt Albannach", don cheist sin.

'S e an aon rud ris nach gabh e stèidheachadh chìsean oideachaidh as ùir ann an Alba.

Ach, mura pàigh na h-oileanaich fhèin, cò phàigheas?

Dùbhlan

An-diugh, dh'fhoillsich an riaghaltas grunn roghainnean gus dèiligeadh ri maoineachadh nan oilthighean.

Tha dùbhlan mòr air fàire dhaibh agus na gearraidhean a chuireas a' cho-bhanntachd an sàs mu dheas gan toirt air adhart tro fhormula Bharnett.

Dh'fhaodadh gun tèid iarraidh air oileanaich bhon chòrr den Rìoghachd Aonaichte barrachd a phàigheadh ma chuireas iad romhpa tighinn gu Alba airson an cuid foghlaim.

An-dràsta, bidh iad a' pàigheadh chìsean de £1820 gach bliadhna ach dh'fhaodadh gum bi aca ri suas gu £6000 a phàigheadh anns an àm ri teachd.

(Pàighidh riaghaltas na h-Alba na cìse air sgàth oileanach Albannach, is mar sin cha phàigh iadsan cìsean idir.)

Leis fhèin, ge-tà, cha bhiodh sin gu leòr airson a' bheàrn ann an ionmhas nan oilthighean a lìonadh.

Sgrùdadh

Mar sin, dh'fhaoidte gum bi aig oileanaich ri rudeigin a phàigheadh as dèidh dhaibh ceumnachadh.

Tha Mìcheal Ruiseal an dòchas gum faigh iad airgead gu leòr bho àiteachan airson sin a sheachnadh.

Thèid buidheann-obrach a stèidheachadh airson gach roghainn a sgrùdadh agus cosg gach fear a dhearbhadh.

An uair sin thig an SNP an adhart le moladh a nochdas ann a' mhanifesto aca - bhiodh dùil gun dèanadh na pàrtaidhean eile an aon rud.

'S e an ath riaghaltas Albannach a ghabhas an co-dhunadh mu dheireadh air seo, as dèidh an taghaidh an ath-bhliadhna.

Is coltach gur e seo tè dhe na ceistean as connspaidiche a thèid a dheasbad aig an taghadh sin.

Crichton airson nan Eilean Siar

Niall O’Gallagher | 2010-12-15, 10:30

Beachdan (1)

Tha fios againn aig a' cheann thall cò an tagraiche a bhios aig na Làbaraich anns na h-Eileanan Siar an ath-bhliadhna.

'S e Dòmhnall Crichton, 40, às an Rubha, bràthair Thorcuil, deasaiche Westminster an Daily Record.

Cuiream meal-an-naidheachd air Mgr Crichton, a chaidh a thaghadh air thoiseach air ceathrar eile, nam measg Rhoda Ghrànnd BPA, ball liosta na Gàidhealtachd 's nan Eiliean.

Cha robh ach 687 bhòt eadar na Làbaraich agus an SNP ann an 2007, agus bidh muinntir a' phàrtaidh anns na h-Eileanan dòchasach gum faigh Mgr Crichton an sgìre air ais bho Alasdair Allan.

Ach, smaoinich air seo. Ann an seataichean eile far a bheil na Làbaraich a' dèanamh oidhirp mhòr - leithid Taobh a Deas Ghlashu - tha tagraiche air a bhith aca fad greis mhòr mar-thà.

Chan eil tòrr ùine aig Mgr Crichton gus mòr-chuid Alasdair Allan - ge beag sin - a ghearradh.

Am ministear agus an drochaid

Niall O’Gallagher | 2010-12-14, 10:47

Beachdan (0)

Cha robh mise anns an t-seòmar air an 31 den Chèitean 2007.

Ach ma leughas sibh aithisg oifigeal na Pàrlamaid Albannaich bhon là ud, leughaidh sibh rudeigin air leth inntinneach mu mhinistear ùr na còmhdhail, Keith Brown:

I am no admirer of tolls. Indeed, I was convicted for refusing to pay the Skye bridge toll back in the mid-1990s. The Skye bridge toll campaign was another successful campaign to get rid of unjust tolls. It would be nice if the Lord Advocate were to consider quashing my conviction and those of others who opposed that disgraceful toll, but I suppose that she could just as easily come after me for the £50 fine that I have not paid in 12 years.

Dhearbh fear-labhairt Mhgr Brown a-raoir gun robh e an sàs anns an iomairt gus cur às do chìsean air drochaid an Eilein Sgitheanaich, agus chàin e an riaghaltas mu dheireadh airson cìsean a stèidheachadh anns a' chiad dol a-mach.

Chaidh innse dhomh a-raoir nach cuireadh Mgr Brown ùine seachad air a' chùis na dhreuchd ùr.

Ach dè mu dheidhinn na daoine eile a chaidh a dhìteadh airson pàigheadh a dhiùltadh?

Agus, dè their na pàrtaidhean eile mu mhinistear na còmhdhail a chaidh a dhìteadh airson eucoir còmhdhail?

Soraidh slàn... agus meal-an-naidheachd

Niall O’Gallagher | 2010-12-13, 11:29

Beachdan (0)

"Taing do Dhia!"

Sin na thuirt aon BPA rium air an deireadh-sheachdain agus e ag innse dhomh nach d' fhuair e an dreuchd a leig Stiùbhart Stevenson dheth Disathairne.

A dh'aindeoin sin, cuiream meal-an-naidheachd air ministear ùr na còmhdhail, Keith Brown, agus ministear ùr nan sgilean, Angela Constance.

Cha do shaoil Ailig Salmond gum bu chòir do Mhgr Stevenson fhàgail, ge dòcha nach robh e airson fuireachd as dèidh mar a chaidh magadh air tron t-seachdain.

Ach, b' i an fhìrinn nach b' urrainn don SNP bhòt cion-earbsa fhuilling cho faisg air an taghadh.

Tha fàgail Mhgr Stevenson dona, ach bhiodh sin fiù 's na bu mhiosa.

Earbsa

Tha dreuchd gach ministear an crochadh air earbsa na pàrlamaid - àite far a bheil na nàiseantaich nam beag-chuid.

Fad greis as dèidh don SNP riaghaltas a chruthachadh cha robh na dùbhlanaich airson a cur gu bhòt air eagal 's gum leigeadh Mgr Salmond fhèin a dhreuchd dheth agus taghadh adhbhrachadh.

Leis an taghadh a' teannachadh orra, chan eil an t-eagal sin ann fhathast.

Tha na dùbhlanaich a' tomhas gur e Mgr Salmond a dheidheadh a pheanasachadh airson taghadh a thoirt air adhart, agus tha na Làbaraich a' creidsinn gum biodh iadsan a' buannachadh an taghaidh sin co-dhiù.

Nas miosa na sin don SNP, thug fàgail Mhgr Stevenson buille air ìomhaigh nan nàiseantach mar riaghaltas comasach, rud a tha aig cridhe na h-iomairt aca. Ma gheibh na dùbhlanaich cothrom an aon rud a dhèanamh a-rithist, 's e sin a nì iad.

'S dòcha gur e sin an t-adhbhar gu bheil am BPA sin a bhruidhinn rium air an deireadh-sheachdain toilichte gu bheil e fhathast sàbhailte air na beingean-cùil.

Buaidh chìsean oileanach

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-12-09, 13:33

Beachdan (0)

Cha sgrìobh mi gu tric mu chùisean nach toir buaidh air Alba.

Bu neònach daoine fhaicinn aig Holyrood an t-seachdain a chaidh a' sadail bhallaichean-sneachda air an togalach agus iad a' togail fianaise mu phlana an riaghaltais aig Westminster cìsean oileanach a chur suas.

Chan eil cìsean oileanach an seo - do dh'oileanaich Albannach co-dhiù - mar thoradh air gnìomhan na Pàrlamaid Albannaich fhèin.

Ach 's e beachd nam ball Albannach a bhòtas an aghaidh an riaghaltais aig Westminster an-diugh gun toir plana na co-bhanntachd buaidh mhòr air Alba.

Dh'innis Teàrlach Ceannadach dhomh san t-Sultainn gun robh dragh airsan mu bhuaidh a' pholasaidh air oilthighean mu thuath.

Aig na àm, dhiùlt seann cheannard nan Lib Deamach cantainn mar a bhòtadh e fhèin, ach tha dùil an-diugh gum bhòt e an aghaidh an riaghaltais.

Cron 

'S i a' cheist a tha aig Nick Clegg an-diugh cia mheud a leanas e.

Thug aonta na co-bhanntachd cead do Lid Deamaich bhòtadh a sheachnadh, ach cha bhi sin gu leòr do chuid as dèidh do gach tagraiche gealltainn ron taghadh gun bhòtadh iad an aghaidh àrdachaidh sam bith.

A dh'aindeoin sin, tha dùil gum faigh an riaghaltas an taic a tha a dhìth orra nuair a thig a' bhòt as dèidh 5f.

Ach mar a dh'ionnsaich Tony Blair, 's urrainn don chuspair seo cron mòr a dhèanamh air ceannardan poileataigeach.

Rinn i cron mar-thà air ceannas nan Lib Deamach agus air Nick Clegg gu sònraichte.

Tuilleadh as dèidh a' bhòit.

Ministear an t-sneachda

Niall O’Gallagher | 2010-12-07, 11:02

Beachdan (0)

Tha rudan ann nach eil fo smachd an riaghaltais.

Chan abrainn gum faic sinn manifesto sam bith an ath-bhliadhna ag ràdh gun dèan iad an aimsir nas fheàrr.

Nam b' urrainn do phàrtaidh poileataigeach sin a dhèanamh, cha mhòr gum biodh taghaidhean a dhìth idir.

Ach tha ceistean a-nis gan togail mu fheagairt riaghaltas an SNP don tìde.

Thug an Làbarach Dùghlas Alexander slaic an-diugh air Ministear na Còmhdhail, Stiùbhart Stevenson, airson coire a chur air an fhiosrachadh a fhuair iad bho Oifis na Sìde.

Agus dh'iarr ceannard a' phàrtaidh aig Holyrood, Iain Gray, air an riaghaltas mìneachadh carson a bha iad ceàrr mun t-sneachd an-dè.

Bùrach

B' fheudar do Mhgr Stevenson leisgeul a thoirt seachad as dèidh mar a chaidh luchd-siubhail a ghlacadh air na rathaidean a-raoir agus sgoilearan - nam measg feadhainn aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu - oidhche a chur seachad anns an sgoil.

Dh'innis Mgr Stevenson don BhBC an-diugh nach robh an riaghaltas deiseal airson an sneachd trom a bha againn an-dè, ag ràdh gun toireadh iad sùil air a' chomhairle a fhuair iad.

Ach thuirt Tavish Scott - aig an robh dreuchd Mhgr Stevenson anns an riaghaltas mu dheireadh - nach b' i a' chomhairle sin ach an riaghaltas fhèin a bu choireach airson an bùrach a chunnaic sinn ann an Alba an-dè.

Thuirt Mgr Scott gun robh comhairle Oifis na Sìde ga craoladh tron deireadh-sheachdain agus gun robh leisgeul Mhgr Stevenson "nas sleamhna na na rathaidean".

An turas mu dheireadh a bhruidhinn mi ri Mgr Stevenson, bu choltach gun robh an dreuchd aige mar Mhinistear na Còmhdhail a' còrdadh ris.

An-diugh, ge-tà, is coltach nach eil an dreuchd aige mar Mhinistear an t-Sneachda a' còrdadh ris idir.

Là sneachdail aig Holyrood

Cha robh an t-seòmar aig Holyrood cho làn ris an àbhaist airson Cheistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh, agus an sneachd a chur bacadh air cuid de na buill faighinn don chathair-bhaile.

Agus airson an fheadhainn a bha ann, b' i an droch thìde a' chuspair bu mhotha a chaidh a dheasbad.

A-measg nan ceannardan b' e Iain Gray an aon dhuine a thog ceist eile.

Dh'fhaighnich ceannard nan Làbarach mu ghealltanas an SNP tuilleadh oifigearean poilis a chur air sràidean na h-Alba.

Thuirt Mgr Gray gun robh a' mhòrchuid de na poilis a chaidh fhastadh fon SNP ag obair ann oifisean seach air na sràidean.

Dh'fheagair Ailig Salmond gun robh an riaghaltas air an targaid aca - de 1000 oifigear ùr - a ruighinn, agus thug e slaic air eachdraidh Mhgr Gray mar mhinistear a' cheartais.

Prìomh chuspair

As dèidh sin, ge-tà, ghluais an deasbad don t-sneachda.

A' tionndadh air falbh bhon chath àbhaisteach, mhol Annabel Goldie na bha daoine a' dèanamh airson an cuid nàbaidhean a chuideachadh.

Thug Mgr Salmond taing do cheannard nan Tòraidhean airson tionndadh do 'phrìomh chuspair na seachdain' - faclan iongantach as dèidh foillseachadh Bhile na h-Alba dimàirt.

Thog Tavish Scott ceist mu Phort Adhar Dhùn Èideann, a' faighneachd am b' urrainn don chathair-bhaile ionnsachadh bho phuirt-adhair na Gàidhealtachd a bha fosgailte a dh'aindeoin an t-sneachda.

Dh'innis Mgr Salmond dha gun robh cùisean aig port-adhair Dhùn Èideann dona dha-rìribh, agus gun robh luchd-obrach a' dèanamh an dìcheil fhosgladh a-rithist cho luath 's a ghabhas.

Uile gu lèir, là sneachdail an seo. Chì sinn am mair an sneachd nas fhaide nan aonta eadar co-dhiù cuid dhe na pàrtaidhean.

Deasbad a' gluasad

Tuilleadh air freagairt an SNP do Bhile na h-Alba.

Dh'innis Fiona Hyslop don t-seòmar an-diugh gun dèidheadh an riaghaltas an sàs ann an sgrùdadh a' bhile aig Holyrood.

Thèid sùil a thoirt air a' bhile le comataidh shònraichte na pàrlamaid Albannaich agus bidh cothrom aig buill Pàrlamaid na h-Alba bhòtadh air mus tèid am bile gu Westminster.

Thuirt Fiona Hyslop gun dèanadh an riaghaltas an dìcheal gus am bile a dhèanamh nas fheàrr nuair a thèid e tron phàrlamaid.

Mar sin, ged a tha an SNP den bheachd nach eil am bile a' dol idir fada gu leòr, ged a tha iad draghail mun t-siostam ionmhais a tha e a' moladh, cleachdaidh iad an cothrom seo airson an argamaid a dhèanamh airson tuilleadh chumhachdan.

Gluaisidh an deasbad sin a-nis bho na stiùidiothan craolaidh gu tallaichean Holyrood fhèin.

Bile na h-Alba II

Niall O’Gallagher | 2010-12-01, 11:25

Beachdan (0)

Tha Riaghaltas na co-bhanntachd aig Westminster a-nis air Bile na h-Alba fhoillseachadh.

Bidh cuimhne agaibh gun deach ciad bhile na h-Alba eile a leanntainn le Achd na h-Alba agus an uair sin le Pàrlamaid na h-Alba fhèin.

Chan fhaic sinn atharrachaidhean cho mòr ri sin an turas-sa, ach ma thèid am bile troimhe thèid cumhachdan ùra a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba a nì diofar mòr don dòigh anns an tèid Alba a riaghladh.

A dh'aindeoin sin, tha an SNP - agus na h-Uainich - mì-thoilichte leis a' phasgan de chumhachdan a tha Westminster a-nis a' tabhainn.

Thig an t-atharrachadh as motha do mhaoineachadh na Pàrlamaid - fon phlana thèid 10sg a ghearradh far na cìse cosnaidh an Alba agus bidh cothrom aig an riaghaltas an Dùn Èideann a cumail aig ìre nas ìsle, no a cur an àirde airson a' bheàrn a lìonadh.

Dè tha ceàrr le sin?

Dragh

Mar a bhiodh dùil, tha an SNP den bheachd nach eil am bile seo a' dol fada gu leòr.

Ach tha dragh sònraichte aca mun bhuaidh a bheir e air ionmhas na h-Alba anns an àm ri teachd.

Thuirt Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore, gum biodh barrachd dleastanais aig Holyrood fon phlana airson togail an airgead a bhios iad a' cosnadh.

Ach am beachd nan nàiseantach, dh'fhàgadh e gum biodh dleastanas aig Alba airson eaconomaidh na dùthcha gun na cumhachdan a tha a dhìth gus toirt oirre fàs.

'S ann air sgàth sin a tha ministearan air a bhith ag ràdh gum biodh Alba nas miosa dheth.

Chan e sin deireadh ne sgeòil ge-tà.

Cumhachdan iasaid

Mar phàirt dhen phlana, gheibh Alba cumhachdan iasaid airson a' chiad uair.

Tha Ailig Salmond air a bhith a' strì airson seo fad greis mhòir agus as bith cho mì-thoilichte agus a tha e le plana Choinnich Chalmain a tha air cùl a' bhile seo, cha bhi e airson an cothrom a chall gus na cumhachdan sin a thoirt do dh'Alba.

Tha fios aige cuideachd nach furasta do phàrtaidh nàiseantach cumhachdan eile a dhiùltadh.

Mar sin, chanainn gum faic sinn an SNP a' feuchainn ri buaidh a thoirt air susbaint a' bhile - mar eisimpleir ann an comataidhean aig Westminster - aig an dearbh àm agus a tha iad a' cumail a-mach gu bheil trioblaidean leis a' phlana anns an fharsaingeachd.

Bha an SNP airson Là Naomh Anndra 2010 a chleachdadh airson referendum air neo-eisimileachd a chumail.

Cha deach aca air sin a dhèanamh - ach is cinnteach a-nis gun tèid cumhachdan ùra a thoirt don phàrlamaid Albannaich, an t-atharrachadh as motha o Bhile na h-Alba I.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.