BBC Alba air Freeview
Chuala sinn an-diugh, aig a' cheann-thall, gun tèid BBC Alba a chur air Freeview.
Cuiridh muinntir na Gàidhlig fàilte air an naidheachd, a dh'aindeoin na dàlach.
Thug Urras a' BhBC cead seachad airson seo, as dèidh dhaibh sgrùdadh a dhèanamh air an t-sianal Ghàidhlig.
'S e am plana gun tèid stèiseanan rèidio a' BhBC a thoirt far Freeview nuair a bhios BBC Alba a' craoladh, agus gun tèid na 'roinnean Gàidlig' a thoirt far BBC 2.
Tha ceistean ann fhathast, ge-tà, agus chan eil cinnt an-diugh cùine, no ciamar, a thachras e.
Bidh sinn a' cur nan ceistean sin tron là.
BeachdanFàg beachd
Sin an naidheachd as fheàrr agus am preusant as fheàrr dhan bliadhna ùr a chuala mi ri fada an latha.
Ach am cron mi am BBC World Service?