Deasbad a' gluasad
Tuilleadh air freagairt an SNP do Bhile na h-Alba.
Dh'innis Fiona Hyslop don t-seòmar an-diugh gun dèidheadh an riaghaltas an sàs ann an sgrùdadh a' bhile aig Holyrood.
Thèid sùil a thoirt air a' bhile le comataidh shònraichte na pàrlamaid Albannaich agus bidh cothrom aig buill Pàrlamaid na h-Alba bhòtadh air mus tèid am bile gu Westminster.
Thuirt Fiona Hyslop gun dèanadh an riaghaltas an dìcheal gus am bile a dhèanamh nas fheàrr nuair a thèid e tron phàrlamaid.
Mar sin, ged a tha an SNP den bheachd nach eil am bile a' dol idir fada gu leòr, ged a tha iad draghail mun t-siostam ionmhais a tha e a' moladh, cleachdaidh iad an cothrom seo airson an argamaid a dhèanamh airson tuilleadh chumhachdan.
Gluaisidh an deasbad sin a-nis bho na stiùidiothan craolaidh gu tallaichean Holyrood fhèin.