Cosg an Aonaidh
B' e argamaid luchd taic an aonaidh fad bhliadhnaichean nach gabhadh pàigheadh airson neo-eisimileachd.
Chaidh sin a chluinntin gu tric as dèidh tuiteam nam bancaichean agus cuid ag ràdh gum biodh Alba ro bheag gus dèiligeadh ri tubaist mar sin.
An-diugh, ge-tà, bha Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, a' feuchainn ris an argamaid sin a thionndadh air a ceann.
Thuirt Mgr Swinney nach e neo-eisimileachd ach an t-aonadh a bha ro chosgail.
Na bheachdsan, 's ann le Westminster a tha na gearraidhean a thig a dh'aithghearr.
Mar sin dheth, thuirt e, nach gabhadh pàigheadh airson an aonaidh nas motha.
Ro luath
Bha Mgr Swinney a' bruidhinn beagan làithean mus foillsich an Seansalar, Seòras Osborne, toradh làn-sgrùdadh ionmhas na dùthcha.
Dh'iarr e air Mgr Osborne smaoineachadh a-rithist mu na gearraidhean a bha air fàire.
Thuirt e gun robh riaghaltas na co-bhanntachd a' gearradh ro luath agus ro dhomhainn agus anns na h-àiteachan ceàrr.
Mar sin dheth, tha Mgr Swinney ag ràdh gu feum barrachd cumhachdan a thoirt do Holyrood airson eaconamaidh an h-Alba a chur am feabhas.
Anns an eadar-ama, tha aige ri buidseat ullachadh agus e a' creidsinn gum bi mu £1.1bn nas lugha aige ri cosg.
Bidh deasbad an taghaidh Albannaich gu ìre mhath an crochadh air na bhios anns a' bhuidseat sin.