Sgaradh air a' chìs chomhairle
Tha fios againn a-nis mu thè de na cuspairean a bhios aig cridhe iomairt an taghaidh Albannaich an ath-bhliadhna.
Tha a' chìs chomhairle air a bhith reòthte o 2007, o thòisich a' chiad riaghaltas SNP aig Holyrood.
Ach, tha na Làbaraich air a bhith a' cumail a-mach o chionn greis nach gabh pàigheadh air a shon nas motha, agus an t-uallach air an sporan phoblach air fàs cho trom.
An-diugh, ge-tà, dhearbh an SNP gun cumadh iad a' dol leis an reòthadh fad co-dhiù bliadhna eile nan deidheadh a thoirt air ais gu cumhachd as dèidh an taghaidh.
A' bruidhinn ri co-labhairt a' phàrtaidh am Peart an-diugh, thuirt an leas-phrìomh mhinister, Nicola Sturgeon, gun robh iad ceart teachd a-steach "theaghlaichean-àbhaisteach" a dhìon.
Agus, tha iad a' creidsinn gun còrd am polasaidh ris an luchd-bhòtaidh.
Buidseat
Dhearbh an leas-phrìomh mhinistear gum biodh airgead airson a' chìs chomhairle a reòthadh an ath-bhliadhna anns a' bhuidseat a dh'fhoillsicheas Iain Swinney a dh'aithghearr.
Bidh a h-uile duine an seo ag èisteachd gu cruaidh a-màireach, nuair a bhruidhneas Mgr Swinney fhèin ris a' cho-labhairt.
Ach thuirt Nicola Sturgeon gun deidheadh airgead a lorg airson a' chìs a chumail reòthte ann an 2012-2013 cuideachd.
Bidh seo na chuideachadh don SNP taic fhaighinn bho na Tòraidhean airson a' bhuidseit - tha iad air fàilte a chur ris an naidheachd mar-thà.
'S i a' cheist am bi am polasaidh na chuideachadh don SNP nuair a thèid an luchd-bhòtaidh do na bogsaichean-baileit.
B' e seo an là a thòisich iomairt an SNP airson dàrna theirm gu ceart.