Dùbhlan do na Làbaraich air òrdughan-cungaidh
Dearbhaidh Nicola Sturgeon an-diugh gun tèid cur às do chìsean òrdughan-cungaidh.
Chan e seo ach coilionadh gealltanas a rinn iad roimhe - tachair e an ath-bhliadhna, mar a bha dùil.
Ach tha an SNP air a bhith fo uallach mòr am polasaidh a chur don dàrna thaobh airson airgead a shàbhaladh.
Tha na Tòraidhean, mar eisimpleir, air a bhith a' cumail a-mach nach bu chòir airgead a chosg air òrdughan-cungaidh saora do dhaoine beartach.
Thuirt Nicola Sturgeon fhèin nach sàbhaileadh sin tòrr airgid agus mar sin tha e nas ciallaich cur às do na cìsean uile gu lèir.
'S i a' cheist, ge-tà, dè their na Làbaraich mun pholasaidh.
Roghainn
Aig a' cho-labhairt seo tha an SNP a' feuchainn ri smachd fhaighinn air na ceistean a thèid a chur ris an luchd-bhòtaidh an ath-bhliadhna.
Tha iad air sin a dhèanamh mar-thà leis a' chìs chomhairle, a' tabhainn roghainn don luchd-bhòtaidh eadar cìs reòthte fo riaghaltas an SNP no cìs nas àirde fo riaghaltas Làbaraich.
'S e an aon chleas a tha iad a' feuchainn ri dèanamh air òrdughan-cungaidh.
Tha an SNP a' toirt dùbhlain do na Làbaraich agus iad an dòchas gun can iad gun deidheadh na cìsean a chumail nan robh iadsan ann an cumhachd as dèidh an taghaidh.
'S i ceist eile ciamar a ghabhas pàigheadh airson nam polasaidhean seo agus gearraidhean mòra air fàire.
Ach leis an taghadh dìreach mìosan air falbh tha ceistean poileataigeach co-dhiù cho cudromach agus a tha ceistean ionmhais.