Manifesto...na Gàidhlig
Dh'fhoillsich na Tòraidhean manifesto a' phàrtaidh na bu tràithe - sgrìobhaidh mi barrachd mu dheidhinn nuair a thèid an dreach Albannach fhoillseachadh an ath-seachdainn.
Anns an eadar-ama, chaidh manifesto eile fhoillseachadh an-diugh.
Coltach ris an fheadhainn eile a chì sinn an t-seachdainn-sa tha e a' cur adhart amasan airson na bliadhnaichean a tha romhainn agus targaidean a ghabhas cleachdadh gus tomhas an deach na h-amasan sin a cholionadh.
Agus - coltach ris an manifestothan eile - tha e faiceallach gun a bhith a' dèanamh ghealltanasan nach gabh a chur an gnìomh, gu h-àraid nuair a tha airgead gann.
'S e ainm a' mhanifesto seo Ginealeach Ùr na Gàidhlig, agus chaidh a chur ri chèile le Bòrd na Gàidhlig as dèidh iarrtais bho Riaghaltas na h-Alba.
'S e amas a' phlana "àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a mheudachadh" - saoil an obair e?
Còig Rudan
Tha am plana - a tha goirid gu leòr leughadh le cofaidh ann an deich mionaid - a' toirt sùil air còig rudan gu sònraichte:
'S iad taic do phàrantan, adhartachadh na cànain, ionnsachadh inbheach, foghlam do chloinn fo aois sgoile, agus foghlam do chloinn aig aois sgoile.
'S e amas a' Bhuird 100,000 neach-labhairt a ruighinn ro 2025 agus tha am plana gnìomha seo a' foillseachadh slighe don targaid sin.
A-measg na gnìomhan a tha anns a' phlana tha barrachd chothroman do phàrantan a bhith air am bogadh anns a' chànain, agus iomairt nàiseanta airson inbhe na cànain a thogail.
Tha am Bòrd a' moladh tuilleadh airgid airson an dòigh ionnsachaidh Ùlpan a leasachadh, a bharrachd air leasachadh air an làrach-linn chonnspaideach mygaelic.com
Cuideachd, tha am plana a' moladh iomairt gus taic a thoirt do chloinn fo aois sgoile Gàidhlig a thogail, a thuilleadh air barrachd foghlaim tron Ghàidhlig airson choinn nas sine.
Deasbad
Mar a bhiodh dùil. chuir Riaghaltas na h-Alba fàilte air a' plana.
Ach an-diugh, dh'iarr Ministear na Gàidhlig Fiona Hyslop air a' bhòrd aire shònraichte a thoirt air dìreach trì rudan - foghlam do chloinn fo aois sgoile, ionnsachadh inbheach, agus foghlam tro meadhan na Ghàidhlig.
Am beachd an riaghaltais 's iad na rudan as cudromaiche airson àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a thogail.
Ach dè ur beachdan fhèin?
Bidh cothrom aig Pàrlamaid na h-Alba a' chùis a dheasbad diardaoin.
Anns an eadar-ama, carson nach cleachd sinn am blog seo airson deasbad a chumail? Thèid fàilte a chur air ur beachdan uile.