Manifesto nan Làbarach
Dh'fhoillsich na Làbaraich am manifesto Albannach aca an-diugh.
Gheibh sinn manifestothan bho na pàrtaidhean eile anns na beagan làithean a tha romhainn.
Tha feadhainn gu math amharasach mu mhanisfestothan, agus iad teagmhach gun tèid na gealltanasan a tha nam broinn a cholionadh
Ach tha iad cudromach - 's e cumhnantan a tha annta eadar pàrtaidh agus an luchd-bhòtaidh.
Tha e nas duilghe do na dùbhlanaich - no cul-bheingearan pàrtaidh an riaghaltais fhèin -seasamh an aghaidh rudeigin a bha ann am manifesto a fhuair taic bhon mhòr-shluagh.
Mar sin, dè tha ann am manifesto nan Làbarach?
Taghadh Albannach
Is urrainn do dhaoine a tha airson a sgrùdadh gu mionaideach am manifesto gu lèir a leughadh an seo.
Ach mhothaich mì fhìn do rud no dhà mar-thà.
An toiseach, tha am manifesto a' dèiligeadh ri rudan a tha fo smachd Pàrlamaid na h-Alba, a bharrachd air na rudan a tha glèidhte do Westminster.
Tha na Làbaraich ag ràdh gum feuch iad ris a' phrogram aca gu lèir a chur an gnìomh - pàirt dhe mar riaghaltas mu dheas, agus pàirt eile mar dhùbhlanaich mu thuath.
Chan urrainn do thagraichean cuspairean mar shlàinte agus foghlaim a sheachnadh, agus mar sin dheth tha seo a' dèanamh ciall.
Ach tha e follaiseach cuideachd gu bheil aon shùil aig na Làbaraich air an taghadh Albannach an ath-bhliadhna.
Sporan
'S e an rud eile a bhuaileas ormsa gu bheil na Làbaraich a' feuchainn ri gealltanasan mòra a sheachnadh, gu h-àraid gealltanasan a tha cosgail.
Tha seo furasta a thuigsinn - an toiseach, chan eil tòrr anns an sporan.
Ach, aig a' cheart àm, tha iad a' tomhas nach biodh an luchd-bhòtaidh gan creidsinn co-dhiù.
Tha e soilleir mar-thà gum bi earbsa aig cridhe an taghaidh seo.
Tha sgainneal nan cosgaisean a' fàgail gu bheil earbsa ann an luchd-poileataigs fiù 's nas ìsle na bha i roimhe.
'S e amas manisfesto nan Làbarach toirt air an luchd-bhòtaidh creidsinn gun gabh earbsa a chur anntasan airson ceithir no còig bliadhna eile.
Saol an soirbhich leotha?
Barrachd air na pàrtaidhean eile tron t-seachdainn.