Manifesto nan Tòraidhean
Anns na beagan làithean a dh'fhalbh, tha mi air a bhith a' siubhail air feadh Alba, a' clàradh phìosan ann an grunn sgìrean mu dh'iomairt an taghaidh.
Thèid an craoladh air An Là an ath-sheachdainn agus seachdainn an taghaidh fhèin.
'S ann air sgàth sin gun robh am blog car sàmhach o chionn greis.
A-màireach - ma bhios an itealan a' dol - thèid mi gu Leòdhas airson fiolm eile a chlàradh an sin.
Anns an eadar-ama, ge-tà, tha na h-iomairtean nàiseanta air a bhith trang glè thrang cuideachd.
An-dè, chaidh Manifesto Albannach eile fhoillseachadh - an turas-sa leis na Tòraidhean.
Cuireadh
'S urrainn dhaibh an rud air fad a leughadh an seo.
Seo a' chiad rud don a mhothaich mi dè cho trom 's a tha e - 124 duilleag uile gu lèir.
As dèidh 13 bliadhna air na beingean dùbhlanach, tha am pàrtaidh airson sealltainn gu bheil planaichean mòra, susbainteach aca airson dèiligeadh ris na trioblaidean a tha againn.
Ach 's e feallsanachd a bharrachd air dìreach stoidhle a tha eadar-dhealaichte mun mhanifesto seo.
Air còmhdach a' mhanifesto tha na faclan 'cuireadh a dhol an sàs ann an Riaghaltas Bhreatainn'.
Dè dìreach a tha sin a' ciallachadh ge-tà?
Cumhachd
Ma tha na Làbaraich a' coimhead ris an stàit airson trioblaidean na dùthcha a chàradh, tha na Tòraidhean airson cumhachd a thoirt do dhaoine sin a dhèanamh anns na coimhearsnachd aca fhèin.
B' urrainn, mar eisimpleir, do phàrantan sgoiltean ùra fhosgladh ma bhios iad mì-thoilichte leis an sgoil ionadail aca.
Tha na Tòraidhean cuideachd airson cothrom a thoirt do dhaoine ceannardan poilis a thaghadh, no buill-pàrlamaid a chur far an dreuchdan.
Ach, coltach ri manifesto Albannach nan Làbarach, tha na Tòraidhean a' bruidhinn mu chùisean a tha fo smachd Westminster - cùisean nach gabh atharrachadh leotha fiù 's ma bhuannaicheas iad aig an taghadh seo.
Tha trioblaid Albannach eile aig na Tòraidhean. Chan eil aca an-dràsta ach aon bhall Albannach anns na Cumantan, suidheachadh a bhiodh duilich dhaibh nan robh riaghaltas Tòraidheach aig Westminster as dèidh an taghaidh.
Tha am pàrtaidh ag obair gu cruaidh, mar sin, airson sin atharrachadh.