BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 12 Am Faoilleach, 2012 - Air fhoillseachadh aig 11:02 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Tuilleadh thrioblaidean le siostam uisge Uibhist a Tuath
 
Tap
Tha gearanan air a bhith ann son ùine mu shiostam an uisge an Uibhist a Tuath.
Nochd an tuilleadh ghearanan mu shiostam an uisge ann an Uibhist a Tuath.

Cha robh uisge aig sgìre Sholais fad an là Diluain, a' leantainn air trioblaidean le uisge san sgire thairis air na trì mìosan mu dheireadh.

Bha sin a' tighinn as dèidh gearanan eile bho mhuinntir Uibhist a Tuath an-uiridh mun t-seirbheis uisge a tha iad a' faighinn.

Tha Uisge na h-Alba an dùil coinneamhan a chumail air an eilean aig deireadh na mìos gus am faigh daoine air ceistean fhaighneachd mun obair-leasachaidh a tha iad a' dèanamh.

Beachdan

Tha fear de chomhairlichean na sgìre, Ùisdean Robasdan, ag iarraidh air daoine a dhol chun na coinneamhan is na beachdan aca a thogail.

Thuirt e gu bheil dragh air mun dòigh san deach gnothaichean a làimhsicheadh thuige seo is beachd ann nach deach na gearanan uile a rinn daoine a chlàradh.

Thuirt Uisge na h-Alba gu bheil iad mothachail gu bheil trioblaidean air a bhith an Uibhist a Tuath bho chionn ghoirid agus gu bheil iad a' dèanamh nas urrainn dhaibh airson gnothaichean a chur ceart.

Thuirt iad gu bheil iad an-drasta a cuir pìoban ùra an-sàs sa sgìre ann an àitean far a bheil feadhainn air fàs sean, 's gun lean an obair sin.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Uisge ga chur dheth an Uibhist a Tuath
06 An Dùbhlachd, 2011 | Naidheachdan
Rabhadh gun a bhith ag òl uisge an Uibhist a Tuath
06 An Dàmhair, 2011 | Naidheachdan
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy