![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
|||||||||||||||||
![]() |
![]() |
||||||||||||||||||||||
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Ceistean mu Shionnach Cholbhasa
|
||||||||||||||||||||||
Nochd ceist ann an Colbhasa air ciamar a thàinig sionnach marbh gu bhith san eilean.
Chan eil sionnaich ann an Colbhasa. Chaidh a' chlosach a lorg ann an Sgalasaig le feadhainn a bha a' sgrùdadh an deach stèisean-smàlaidh an eilein a mhilleadh le droch shìde. Chan eil fios aig duine ciamar a thàinig sionnach a bhith ann an Colbhasa. Thuirt Oifigear an RSPB son Cholbhasa is Orasa, Mike Peacock, gur e suidheachadh neònach dha-rìribh a th'ann. "Math dh'fhaodte gun d'thàinig e an seo ann an làraidh an sgudail. "Tha mise den bheachd ge-tà gun d'thug cuideiginn a' chlosach an seo mar fealla-dhà", thuirt e. Dh'aidich Mgr Peacock ge-tà nach robh fianais sam bith aige gur e sin a thachair. |
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|