Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1353
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1353. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.
Last on
Sun 22 Jun 2025
13:55
BBC Radio nan Gàidheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1049
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1353
Duration: 05:00
Litir 1353: Sionnach na Maoile
Bha mi ag innse sgeulachd dhuibh à Gall-Ghàidhealaibh anns an Litir mu dheireadh. Thachair i aig Maol Gall-Ghàidheil, The Mull of Galloway.
Thàinig am facal mull bhon Ghàidhlig maol. Tha faclair Dwelly ag innse dhuinn gu bheil maol, anns a’ cho-theacsa seo, a’ ciallachadh ‘cape, promontory’.
Tha Maol Ghall-Ghàidheil gu math creagach, le bearraidhean àrda, casa. Tha maol ainmeil eile ann an Alba, car dhen aon seòrsa. ’S e sin Maol Chinn Tìre, The Mull of Kintyre. Leis gur e àite creagach a th’ ann, tha am facal creag a’ nochdadh ann an ainmean-àite faisg air a’ Mhaol – mar eisimpleir Creag na h-Iolaire agus Creag a’ Mhadaidh. Ach, air na mapaichean, chan eil sgeul air Creag an t-Sionnaich. Agus chan e Creag a’ Mhadaidh Creag an t-Sionnaich.
Is mòr am beud nach eil Creag an t-Sionnaich air na mapaichean oir dh’inns an sgoilear Gàidhlig, Alasdair MacIlleMhìcheil, sgeul annasach mu a deidhinn, agus mar a fhuair i a h-ainm. Bha sin ann an Carmina Gadelica.
Bha sionnach a’ fuireach faisg air Maol Chinn Tìre o chionn fhada. Bhiodh e a’ sealg pìos mòr air falbh bhon t-saobhaidh aige. Bhiodh e a’ sealg nan caorach aig tuathanaich. Bha na tuathanaich a’ call caoraich gu leòr.
Chan e sin a-mhàin, ach bha iad a’ call an cuid chon cuideachd. Seo na bha a’ tachairt. Bha na coin a’ ruagadh an t-sionnaich. Bha iad a’ ruigsinn bearradh a’ Mhaoil agus a’ tuiteam dom bàs thar na creige. Bhiodh na tuathanaich a’ lorg an closaichean aig bonn a’ bhearraidh.
Ge-tà, cha do dh’fhuiling an sionnach cron sam bith. An ath latha, bhiodh e a’ tilleadh gu bhith a’ sealg nan caorach, agus e cho fallain ri breac.
Cha do thuig duine mar a bha am madadh gam mealladh. Dh’fhastaich na tuathanaich brocair airson an cuideachadh. Chaidh e sìos am bearradh air ròpa. Lorg e craobh-chaorainn òg a bha a’ fàs a-mach às a’ chreig. Thuig e na bha a’ tachairt.
Bhiodh an sionnach a’ leum far na creige. Ach, eucoltach ris na coin a bha ga leantainn, bhiodh e a’ leum a dh’aona-ghnothach air a’ chraoibh-chaorainn, a’ glacadh geug le a bheul. Le cuideam an t-sionnaich a’ tighinn air, bhiodh an geug a’ lùbadh gu snog, a’ leigeil leis a’ mhadadh leum dheth agus coiseachd gu sàbhailteachd air palla cumhang.
Bhiodh a’ chraobh a’ tilleadh air ais mar a bha i roimhe, deiseil airson an ath thurais a thigeadh an sionnach oirre bho gu h-àrd. Gheàrr am brocair a’ chraobh agus chuir e air ais i ann am fròg anns a’ chreig.
An ath thuras a theich an sionnach ro na coin, cha do sheas a’ chraobh gheàrrte ri a chuideam. Chaidh closach a’ mhadaidh a lorg aig bonn a’ bhearraidh, agus geug dhen chraoibh fhathast na bheul.
Bha an sionnach sin ainmeil mar Sionnach na Maoile. Bha an samhla ann – cho seòlta ri sionnach na Maoile. ’S e a bha seòlta, gu dearbh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Gall-Ghàidhealaibh: Galloway; Maol Gall-Ghàidheil: The Mull of Galloway; Creag an t-Sionnaich: ‘the crag of the fox’; Maol Chinn Tìre: The Mull of Kintyre; dh’fhastaich: hired; brocair: fox-hunter [it originally meant ‘badger-hunter’]; craobh-chaorainn: rowan tree; eucoltach ri: unlike; samhla: simile.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: creagach, le bearraidhean àrda, casa: rocky, with high, steep cliffs; car dhen aon seòrsa: somewhat of the same type; chan e Creag a’ Mhadaidh Creag an t-Sionnaich: Creag a’ Mhadaidh is not [the same place as] Creag an t-Sionnaich; a’ sealg pìos mòr air falbh bhon t-saobhaidh aige: hunting a good distance from his den; bha na tuathanaich a’ call caoraich gu leòr: the farmers were losing many sheep; chan e sin a-mhàin: not only that; bha iad a’ call an cuid chon cuideachd: they were also losing their dogs; a’ ruagadh an t-sionnaich: chasing the fox; a’ ruigsinn bearradh a’ Mhaoil: reaching the cliff(s) of the Mull; a’ tuiteam dom bàs thar na creige: falling to their deaths over the rock; a’ lorg an closaichean aig bonn a’ bhearraidh: finding their carcasses at the base of the cliffs; mar a bha am madadh gam mealladh: how the fox was tricking them; bhiodh an geug a’ lùbadh gu snog: the branch would bend nicely; a’ leigeil leis a’ mhadadh leum dheth: allowing the fox to jump off; coiseachd gu sàbhailteachd air palla cumhang: walk to safety on a narrow ledge; gheàrr am brocair a’ chraobh: the fox-hunter cut the tree; chuir e air ais i ann am fròg anns a’ chreig: he reinserted it into a chink in the rock; an ath thuras a theich an sionnach ro na coin: the next time the fox ran ahead of the dogs; cha do sheas a’ chraobh gheàrrte ri a chuideam: the cut tree did not withstand its weight; geug dhen chraoibh fhathast na bheul: a branch of the tree still in its mouth.
Puing-chànain na Litreach
Puing-chànain na Litreach: gu bheil maol, anns a’ cho-theacsa seo, a’ ciallachadh X: that maol, in this context, means X. Co-theacsa is a fairly modern word, inspired by the English ‘context’ (Dwelly’s dictionary gives co(mh)-theagasg). Teacsa means ‘text’ and was also inspired by the English word.
Gnàthas-cainnt na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach: cho fallain ri breac: as healthy as a trout [cf. ‘as fit as a fiddle’].
Broadcast
- Sun 22 Jun 2025 13:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.