Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1095

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1095. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 15 Jul 2020 23:30

Clip

Litir 1095: A' Ghàidhlig as Fheàrr

Dè an sgìre dhen Ghàidhealtachd anns an cluinnear a’ Ghàidhlig as fheàrr? Abair ceist airson Litir a chur air bhog! Bidh a bheachd no a beachd fhèin aig gach neach. Agus chan eil mi fhìn a’ dol a thoirt beachd sam bith seachad air a’ ghnothach. Chan eil math dhomh.

Tha mi a’ togail na ceist oir, air mo bheulaibh, tha alt a nochd anns an iris ‘An Gàidheal’ anns an Dùbhlachd naoi ceud deug, fichead ʼs a ceithir (1924). Leis an fhìrinn innse, chan e ‘An Dùbhlachd’ a tha sgrìobhte air ceann shuas na duilleig, ach ‘An Dùdlachd’. Tha iad le chèile a’ ciallachadh ‘December’.

Co-dhiù, b’ e ùghdar an uilt An t-Urr. Uilleam MacGillÌosa. Bha e ann am Beurla, ach seo agaibh m’ eadar-theangachadh dhen chiad pharagraf: ‘Faisg air ceud bliadhna air ais, bha deasbad aig oileanaich Ghàidhealach a bha ceangailte ri Comann Deasbaireachd Oilthigh Dhùn Èideann air a’ cheist, “Dè an sgìre de dh’Alba as fheàrr anns a bheil Gàidhlig ga bruidhinn, agus dè an sgìre as motha anns an deach an cànan adhartachadh?” Chaidh an duais a thoirt gu ... Siorrachd Pheairt ...’

Uill, ʼs dòcha gun do chuir sin iongnadh oirbh. Ach cuimhnichibh gun robhar a’ deasbad na ceist tràth anns an naoidheamh linn deug. Carson, ma-thà, a thug na h-oileanaich an duais do Shiorrachd Pheairt? Bha ceithir adhbharan aca, agus seo iad:

Anns a’ chiad àite, ’s ann an Siorrachd Pheairt a rugadh an fheadhainn a rinn eadar-theangachadh dhen Bhìoball gu Gàidhlig – an t-Urr. Seumas Stiùbhart à Cill Fhinn agus a mhac, Iain. Anns an dàrna àite, ʼs ann an Siorrachd Pheairt a rugadh am bàrd Gàidhlig a bu chliùitiche – Dùghall Bochanan. 

B’ e an treas adhbhar gun do rugadh an t-Oll. Urr. Alasdair Stiùbhart ann an Siorrachd Pheairt. Bha esan na mhinistear ann am Maoilinn, faisg air Baile Chloichridh. Rugadh e ann an Athall. Agus carson a bha na h-oileanaich ga mholadh? Uill, sgrìobh e, nam beachd, an leabhar-gràmair a b’ fheàrr a bh’ ann. Smaoinichibh air sin – duine a’ faighinn moladh mòr airson leabhar-gràmair a chur ri chèile! 

Agus b’ e an ceathramh adhbhar gun robh Siorrachd Pheairt na b’ fheàrr na sgìre sam bith eile, gun do rugadh Raibeart Armstrong anns a’ Cheannmhor. Sgrìobh esan am faclair Gàidhlig a b’ fheàrr a bh’ ann aig an àm sin. 

Tha a’ chuid as motha dhen alt mu dheidhinn Armstrong, agus thig mi gu cunntas air a bheatha ann am mionaid. Ach, ann an naoi ceud deug, fichead ʼs a ceithir (1924), an robh daoine fhathast dhen bheachd gur ann an Siorrachd Pheairt a b’ fheàrr anns an robhar a’ bruidhinn na Gàidhlig? Uill, cha robh. Tha an t-ùghdar ag ràdh gun robh a’ Ghàidhlig air a dhol bhuaithe anns an t-siorrachd, agus gun robh na Peairtich ga measgachadh le tòrr Beurla.

A-nise, gu Raibeart Armstrong, fear an fhaclair. Thàinig ‘A Gaelic Dictionary in Two Parts’ aige a-mach ann an ochd ceud deug, fichead ʼs a còig (1825). Rugadh Armstrong anns a’ Cheannmhor, aig ceann an ear Loch Tatha, ann an seachd ceud deug, ochdad ʼs a h-ochd (1788). Innsidh mi dhuibh tuilleadh mun duine ainmeil seo anns an ath Litir.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: duais: prize; Siorrachd Pheairt: Perthshire; adhbharan: reasons; Dùghall Bochanan: Dugald Buchanan; an t-Urr. Alasdair Stiùbhart: Rev. Alexander Stewart; Athall: Atholl; An Ceannmhor: Kenmore; Loch Tatha: Loch Tay.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Dè an sgìre anns an cluinnear a’ Ghàidhlig as fheàrr?: in which district is the best Gaelic heard?; chan eil mi fhìn a’ dol a thoirt beachd sam bith seachad air a’ ghnothach: I’m not going to offer any opinion on the matter; air mo bheulaibh, tha alt a nochd anns an iris: in front of me is an article that appeared in the magazine; b’ e ùghdar an uilt An t-Urr. Uilleam MacGillÌosa: the author of the article was the Rev. William Gillies; oileanaich Ghàidhealach a bha ceangailte ri Comann Deasbaireachd Oilthigh Dhùn Èideann: Highland students who were connected with the Debating Society of Edinburgh University; dè an sgìre de dh’Alba as fheàrr anns a bheil Gàidhlig ga bruidhinn: in what district of Scotland is the best Gaelic spoken; dè an sgìre as motha anns an deach an cànan adhartachadh?: which district has done the most to promote the language; ʼs dòcha gun do chuir sin iongnadh oirbh: perhaps that surprised you; cuimhnichibh gun robhar a’ deasbad na ceist: remember that the question was being debated; an t-Urr. Seumas Stiùbhart à Cill Fhinn agus a mhac, Iain: the Rev. James Stewart of Killin and his son, John; bha e na mhinistear ann am Maoilinn, faisg air Baile Chloichridh: he was minister at Moulin, near Pitlochry; duine a’ faighinn moladh mòr airson leabhar-gràmair a chur ri chèile: somebody being praised for compiling a grammar book; gun robh a’ Ghàidhlig air a dhol bhuaithe: that Gaelic had sunk to a low ebb; gun robh na Peairtich ga measgachadh le tòrr Beurla: that the Perthshire folk were mixing it [fem.] with a lot of English; bu bhochd sin: that was poor, a pity.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Bidh a bheachd no a beachd fhèin aig gach neach: each person will have his or her opinion. His opinion – a bheachd; her opinion – a beachd (these are lenition rules connected to the third personal singular possessive pronoun). I’ve used neach, the gender-neutral noun which can stand for fear or tè, both of which represent a distinct gender. However, I could have said aig gach duine because, although duine can mean ‘man’ or even ‘husband’, it can also stand for ‘person’ and not be gender-specific, depending on the context.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Chan eil math dhomh: I’d better not. It can also mean ‘there’s no point [in me ...]’

Broadcasts

  • Sun 12 Jul 2020 22:30
  • Wed 15 Jul 2020 23:30

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast