Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1060
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1060. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.
Last on
Wed 13 Nov 2019
23:00
BBC Radio nan Gàidheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 756
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1060
Duration: 05:00
Litir 1060: An Gàidheal - Tòimhseachain
Halò a-rithist, a chàirdean. An toigh leibh tòimhseachain? Fhuair mi lorg air feadhainn an latha eile ann an seann phàipear-naidheachd a chaidh fhoillseachadh anns an naoidheamh linn deug – An Gàidheal. Gabhaidh e leughadh air an eadar-lìon.
An toiseach, dà thòimhseachan a tha a’ cleas leis an fhacal ‘fada’. Seo agaibh a’ chiad fhear: Carson a tha leabaidh an t-slaodair ro ghoirid air a shon? A bheil sibh a’ tuigsinn slaodair? Cuideigin a tha leisg is slaodach. Carson a tha leabaidh an t-slaodair ro ghoirid air a shon? A chionn ʼs gu bheil e ro fhada innte. Bùm bùm, mar a thuirt am fear eile. Because he is too long in it. A chionn ʼs gu bheil e ro fhada innte.
Seo agaibh tòimhseachan eile anns an aon iris dhen Ghàidheal: Cò an sluagh as leisge, agus carson? Cò an sluagh as leisge, agus carson? ʼS e am fuasgladh – An fheadhainn as àirde, oir bidh iad nas fhaide anns a’ leabaidh na càch!
Bha na seann Ghàidheil riamh measail air tòimhseachain, agus bhiodh e math a leithid a chumail a dol anns an latha a th’ ann. Seo agaibh fear eile: Carson a tha muc anns an t-seòmar coltach ri taigh na theine? Carson a tha muc anns an t-seòmar coltach ri taigh na theine? Mar as luaithe a chuireas tu às i, ʼs ann as fheàrr. The quicker you put it out, the better. Mar as luaithe a chuireas tu às i, ʼs ann as fheàrr.
Agus fear eile. Bha m’ athair nach maireann na fhiaclair. Mar sin, tha am fear seo a’ còrdadh rium. Carson a tha fiacail a chaidh a tharraing coltach ri nì a chaidh air dìochuimhne? Carson a tha fiacail a chaidh a tharraing coltach ri nì a chaidh air dìochuimhne? ʼS e am fuasgladh – dh’fhalbh e às a’ cheann!
Agus aon fhear eile. ʼS dòcha nach bi seo cho furasta dhuibh, ach smaoinichibh air cumadh a’ bhuntàta. Carson a tha deòir coltach ri buntàta? Carson a tha deòir coltach ri buntàta? Tha iad a’ fàs às an t-sùil. Tha iad a’ fàs às an t-sùil. Nì sin an gnothach airson tòimhseachain an-dràsta, nach dèan?
Tha mi airson abairt no dhà innse dhuibh, a nochdas anns an aon iris dhen Ghàidheal. Tha tòrr fìrinn anns na h-abairtean seo, agus tha iad brìghmhor. Seo agaibh tè: Is fheàrr teine beag a gharas, na teine mòr a loisgeas. A small fire that warms a person is better than a big fire that burns them. Is fheàrr teine beag a gharas, na teine mòr a loisgeas.
Seo feadhainn eile: Is fheàrr fuine thana na bhith gun aran idir. It’s better to have a thin baking than to be without bread. Is fheàrr fuine thana na bhith gun aran idir.
Is duilich bùrn glan a thoirt à tobar salach. It’s hard to draw clean water from a dirty well. Is duilich bùrn glan a thoirt à tobar salach.
Is beag a th’ eadar do ghal ʼs do ghàire. Little separates tears from laughter. Is beag a th’ eadar do ghal ʼs do ghàire.
Agus seo agaibh smuain a tha a cheart cho fìor an-diugh ʼs a bha i riamh: Is beò duine an dèidh a shàrach’, ach cha bheò e an dèidh a nàrach’.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: tòimhseachain: riddles; measail air: keen on; fuasgladh: solution; brìghmhor: pithy.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: a tha a’ cleas leis an fhacal X: that play with the word X; carson a tha leabaidh an t-slaodair ro ghoirid air a shon?: why is the lazy man’s bed too short for him?; cò an sluagh as leisge, agus carson?: who are the laziest people, and why?; an fheadhainn as àirde, oir bidh iad nas fhaide anns a’ leabaidh na càch: the tallest people, because they are longer in bed than anybody else; bhiodh e math a leithid a chumail a dol anns an latha a th’ ann: it would be good to keep the like going in today’s world; carson a tha muc anns an t-seòmar coltach ri taigh na theine?: why is a pig in the room like a house on fire?; bha m’ athair nach maireann na fhiaclair: my late father was a dentist; carson a tha fiacail a chaidh a tharraing coltach ri nì a chaidh air dìochuimhne?: why is a tooth that has been extracted like something that has been forgotten; dh’fhalbh e às a’ cheann: it [has] left the head; ʼs dòcha nach bi seo cho furasta dhuibh: perhaps this won’t be so easy for you; smaoinichibh air cumadh a’ bhuntàta: think of the form of a potato; carson a tha deòir coltach ri buntàta?; why are tears like a potato [potatoes]?; tha iad a’ fàs às an t-sùil: they grow from the eye; nì sin an gnothach: that’ll do; tha mi airson abairt no dhà innse dhuibh: I want to tell you a couple of phrases; a nochdas anns an aon iris: that appear in the same edition.
Puing-chànain na Litreach
Puing-chànain na Litreach: Is fheàrr fuine thana na bhith gun aran idir: it’s better to have a thin baking than to be without bread. Starting a statement with ‘Is fheàrr’ is a neat way of making a pithy statement – why not try and create a few or your own, starting with ‘Is fheàrr’? Is fheàrr beagan Gàidhlig na bhith gun Gàidhlig idir!
Seanfhacal na Litreach
Seanfhacal na Litreach: Is beò duine an dèidh a shàrach’, ach cha bheò e an dèidh a nàrach’: a man survives harrassment but does not survive shaming.
Broadcasts
- Sun 10 Nov 2019 22:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 13 Nov 2019 23:00BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.