Ceist na Gàidhlig

Pàipear-bhòtaidh Èireannach air Cunnradh Lisbon
"Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich?"
Bidh cuid agaibh a chreideas gum bu chòir, cuid eile, nach bu chòir.
Tha fios againn gu bheil tòrr nach tàinig gu co-dhùnadh fhathast.
Agus, 's cinnteach, gu bheil feadhainn eile a tha coma co-dhiù.
(Ged as dòcha nach bi mòran dhen t-seòrsa sin a leughas blog mar seo).
Ach, ge bith ur freagairt, cha bhi cothrom agaibh a dhèanamh anns a' Ghàidhlig.
Tuigsinn
Dhearbhadh sin leis an leas-phrìomh mhinistear, Nicola Sturgeon mar fhreagairt do cheist bho bhall nàiseanteach na h-Easglaise Brice, Aonghas Dòmhnallach.
Bheachdaich i nach robh a' Ghàidhlig a dhìth air sgàth 's gun robh luchd na cànain a' tuigsinn na Beurla.
A bheil i ceart?
A rèir Achd na Gàidhlig (2005), 's e a tha anns a' Ghàidhlig ach 'cànain oifigeil na h-Alba' a tha airidh air 'co-ionnanachd spèis leis a' Bheurla'.
A bheil co-dhunadh an riaghaltais gun Ghàidhlig a chleachdadh a' dol an aghaidh sin?
Thèid fàilte a chur air ur beachdan uile.