Ceist an airgid
Bha Ailig Salmond a' coimhead mì-chofhurtail aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh.
Thog Johann Lamont ceist mun airgead a chleachdadh Alba neo-eisimeileach.
'S e polasaidh an SNP a-nis gun cumadh Alba Sterling as dèidh dhi an Rìoghachd Aonaichte fhàgail.
Roimhe, b' e polasaidh a' phàrtaidh gun cleachdadh sinn an Euro ach tha cùisean air atharrachadh gu mòr on uair sin.
Aig àm nuair a tha dragh gum bi aig cuid de dhùthchanan Sòn an Euro fhàgail chan urrainn don SNP a mholadh.
Agus, tha luchd-poileasaidh a' phàrtaidh a' creidsinn gum biodh e ro chosgail not Albannach ùr a chur air dòigh.
Smachd
Mar sin, 's e an aon roghainn a tha aca cantainn gun tèid Sterling - coltach ris a' Bhanrìgh - a chumail ma bhòtas Albannaich airson neo-eisimeileachd.
Dh'fhàgadh sin gum biodh smachd fhathast aig Banca Shasainn air polasaidh ionmhais na h-Alba.
Air deasbad a' BhBC Didòmhnaich, thuirt an leas-phrìomh mhinistear Nicola Sturgeon gum biodh ball aig Alba air comataidh polasaidh airgid a' Bhanca.
An-diugh, dh'fhaighnich ceannard nan Làbarach am b' urrainn do Mhgr Salmond sin a dhearbhadh.
Cha b'urrainn.
Ach thuirt Mgr Salmond gum biodh sin na dhòigh air adhart "reusanta".
Stiùireadh
Am beachd Johann Lamont, dh'fhàgadh sin gun deigheadh polasaidh ionmhais na h-Alba a' stiùireadh le buidhean air nach robh smachd sam bith aig Alba.
Thuirt am prìomh mhinistear nach robh smachd sam bith aig Alba air a' pholasaidh sin an-dràsta, agus sinn nar pàirt dhen Rìoghachd Aonaichte.
Ach, bu choltach nach robh Mgr Salmond deiseil airson na ceist - rud neònach agus i air a bhith ga deasbad anns a' phàrlamaid agus na meadhanan fad greis mar-thà.
Tha cuid air taobh Mhgr Salmond a' creidsinn nach dèan ceistean mar sin ach cur an cuimhne dhaoine gun cumadh Alba an not - rud math dhaibhsan.
Ach 's ann air aodann Johann Lamont a bha a' ghàire aig deireadh nan ceistean aice an-diugh.
Gu ìre 's e staing an Euro a thug air an SNP am polasaidh seo a chur air adhart - mura h-urrainn dhaibh atharrachadh, bidh sgiopa Mhgr Salmond airson dèanamh cinnteach gu bheil mìneachadh nas fheàrr aige an ath thuras.