A' tionndadh air ais bhon t-sabaid
Dhearbh an SNP nach tèid polasaidh a' phàrtaidh air Nato a dheasbad aig ath choinneamh Comhairle Nàiseanta a' Phàrtaidh ann am Peart an ath-mhìos.
O chionn cola-deug, as dèidh Òraid na Banrigh, chaidh innse dhomh gun robh ceannas a' phàrtaidh fhathast airson a' chùis a thogail nuair a bha na taghaidhean ionadail seachad.
An-dràsta, 's e polasaidh an SNP gum biodh Alba neo-eisimeileach a' fàgail na buidhne.
Ach bha dùil gum moladh ceannardan a' phàrtaidh gum biodh Alba a' fuireach ann an Nato ged a chumadh iad ris a' ghealltanas aca cur às do dh'armachd niùclasaich air talamh na h-Alba.
Tha iad airson sin a dhèanamh fhathast, ach 's coltach a-nis nach tèid an deasbad a chumail ron fhoghar.
Dè thachair?
Mì-chinnt
A-raoir, thuirt labhraiche an SNP gun do dh'fhàg mì-chinnt mun bhuaidh a bheireadh air Alba le ath-sgrùdadh dìon an riaghaltais aig Westminster gun robh dùil a-nis gun deigheadh seo a dheasbad aig co-labhairt a' phàrtaidh as t-fhoghar.
Ach chuir an co-dhunadh iongnadh air co-dhiù cuid de bhuill nàiseantach an seo aig Holyrood.
Thuirt fear dhiubh dhomh gun do rinn ceannardan a' phàrtaidh deuchainn air an uisge agus cha robh e cho blàth is a bha dùil.
Agus, 's dòcha nach robh an t-àm ceart agus an iomairt oifigeal airson neo-eisimeileachd gus tòiseachadh Dihaoine.
Is coltach an-diugh gu bheil ceannardan an SNP air tionndadh air ais bho shabaid air seo.
Ach thig i fhathast agus na sgaraidhean anns a' phàrtaidh mu dheidhinn Nato gu math follaiseach.