
16/07/1999
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 2
Duration: 05:02
Litir 2: Damhan-allaidh
Bha mi a’ bruidhinn an latha roimhe ri fear a thogadh am measg luchd-siubhail na Gàidhealtachd ann an Siorrachdan Chataibh is Rois. Tha Gàidhlig bhrèagha aige, agus tha stòras de sheann sgeulachdan aige a tha cho math ’s a th’aig duine ann an Alba an-diugh. Is esan Ailig Iain MacUilleim, agus bu mhòr a chòrd e rium coinneachadh ris.
Bha sinn a’ bruidhinn mu na h-ainmean a bhiodh aig an luchd-siubhail airson beathaichean is lusan anns a’ Ghàidhlig aca fhèin. “Aiteann” airson juniper, “taghan” airson pine marten is mar sin air adhart. Anns an fharsaingeachd bha na h-aon fhaclan aige ’s a bh’aig a h-uile duine eile a bha an làthair, co-dhiù bha iad às tir-mòr neo às na h-eileanan.
Ach thàinig sinn gu aon fhacal a bha rud beag eadar-dhealaichte. Dh’fhaighnich mi dheth dè a’ Ghàidhlig a bh’aige air spider. Bha càch an dùil gun canadh e “damhan-allaidh”, ach bha mise dhen bheachd gur dòcha gum biodh facal eadar-dhealaichte aige. Agus bha. “Poca-salainn.” ’S e an aon rud a th’aig mo chàirdean air a’ Chomraich ann an Siorrachd Rois air tir-mòr na Gàidhealtachd. Poca-salainn.
Chan eil càil a dh’fhios agam ciamar a fhuair beathach beag mar sin ainm mar phoca-salainn. Tha fhios nach e am blas a bh’ann. Cha bhiodh duine ag ithe a leithid! ’S dòcha gur e coltas a’ chreutair a bh’ann. Donn neo glas le uaireannan casan geala air, mar a bhiodh seann phoca le salann na bhroinn. Donn neo glas – ach le dath geal an t-salainn a’ nochdadh an siud ’s an seo.
Co-dhiù cha b’urrainn do mo sheanmhair innse dhomh carson is e poca-salainn a bh’aice fhèin air a leithid de bheathach. Ach cha bu toil leatha iad, agus chan fhada a bhiodh iad beò, neo co-dhiù am broinn an taighe, nuair a fhuair i lorg orra. Beò neo marbh – bhiodh iad air an tilgeil a-mach air an doras.
Tha amharas agam gu robh mo sheanmhair agus Ailig Iain MacUilleim eòlach air a’ chèile. Bhiodh an luchd-siubhail a’ campachadh gu tric air a’ Chomraich ann an àite ris an canar “An Caman”. Chuir mo sheanmhair seachad bliadhnaichean mòra ann an dà bhaile nach eil ach mìle air falbh bhon Chaman, ma tha iad sin. Agus is cinnteach gu robh feum aice air na rudan a dhèanadh an luchd-siubhail, gu h-àraidh na rudan a dhèanadh iad le meatailt.
Ach tha mi’n dùil nach e dìreach sin a thug an luchd-siubhail leotha don Chomraich, agus bailtean eile na Gàidhealtachd, eadar an t-earrach agus am foghar gach bliadhna. Thug iad cuideachd seanachas, naidheachdan, sgeulachdan, òrain is pìobaireachd. Agus bhiodh an còmhradh gu lèir ann an Gàidhlig.
Tha mòran de na seann sgeulachdan sin fhathast aig Ailig Iain MacUilleim, agus aig a charaid, Easaidh Stiùbhart, ach ’s gann gu bheil iad aig duine sam bith eile a-nise. Mar sin bha mi dhen bheachd gu robh mi gu math fortanach a bhith ag èisteachd ri Ailig Iain ag innse dhuinn sgeulachdan mar “Am Mèirleach Bòidheach” neo “Peadar Sgoilear” mar a chuala esan iad ann an teanta, neo ri taobh teine, nuair a bha e òg. Sgeulachdan a chaidh bho ghinealach gu ginealach thairis air linntean. Sgeulachdan cho Gaidhealach ’s a ghabhas.
Thug ar còmhradh orm smaoineachadh. ’S dòcha gu robh mo sheanmhair fhèin neo cuid de mo shinnsirean air feadhainn de na sgeulachdan sin a chluinntinn aig an luchd-siubhail o chionn fhada. Agus thàinig aon smuain bheag thugam. ’S dòcha gu robh mo sheanmhair uaireigin cuide ris an luchd-siubhail nuair a nochd beathach beag le ochd casan nam measg. Ge bith de a’ bheachd a bhiodh aca air, bhiodh iad ag aontachadh dè bh’ann. Chan e “damhan-allaidh”, mar a chì sinn anns na faclairean, ach “poca-salainn”.
Faclan na seachdaine
Faclan na seachdainne: luchd-siubhail: travelling people; eadar-dhealaichte: different; poca-salainn: spider (lit. bag of salt); a’ Chomraich: Applecross; blas: taste; a’ campachadh: camping; ginealach: generation.
Abairtean na seachdaine
Abairtean na seachdainne: bu mhòr a chòrd e rium : I enjoyed greatly; anns an fharsaingeachd: in general.
Puing ghràmair na seachdaine
a leithid: the (its) like; leithid is usually preceded by a possessive pronoun, not by an article. Cha bhiodh duine ag ithe a leithid: a person would not eat its like; a leithid de bheathach: an animal like that. Other examples of its use would be: chan fhaca mi a leithid a-riamh: I never saw its like; thug seinneadairean leithid Elvis Presley buaidh mhòr air òigridh: singers like Elvis Presley had a big effect on young people.
Gnàths-cainnt na seachdaine
’s a ghabhas: as can be/as is possible. Sgeulachdan cho Gaidhealach ’s a ghabhas: stories as Highland (culturally Gaelic) as can be. This is a contraction of agus a ghabhas a bhith (as is possible to be) but in everyday speech it is invariably the contracted form which is used. The verb gabh has many meanings including take and receive. In this form it is used to denote what is possible. Cha ghabh sin dèanamh: that cannot be done.
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.