
01/10/1999
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 13
Duration: 04:42
Litir 13: Ochd-chasach
Thàinig an gille agam dhachaigh bhon sgoil latha a bha seo le fealla-dhà dhomh. Mar is trice ’s e jokes Beurla a bhios aig a’ chloinn, ach an turas seo bha rudeigin èibhinn aige ri ràdh ann an Gàidhlig. Cha robh e ach òg òg. Cha chreid mi nach robh e ann an Clas 2 anns a’ bhun-sgoil. “Dè an t-òran Gàidhlig,“ dh’fhaighnich e, “as fheàrr leis an ochd-chasach, neo octopus?”
“Chan eil càil a dh’fhios agam,” fhreagair mi, “dè an t-òran as fheàrr leis an ochd-chasach?”
Dhùin e a shùilean, mar gu robh e air an àrd-ùrlar aig a’ Mhòd Nàiseanta, agus thòisich e air seinn…. “Teann a-nall ’s thoir dhomh do làmh, do làmh, do làmh, do làmh, do làmh, do làmh, do làmh, do làmh.” Bha e gu math toilichte leis fhèin agus cha b’urrainn dhomh ach gàire a dhèanamh.
An uairsin, dh’fhaighnich e dhiom gu dè bh’ann ann an seachd-chasach. “Chan eil càil a dh’fhios agam,” arsa mise ris, a’ smaoineachadh air a h-uile beathach air an robh mi eòlach, “dè th’ann ann an seachd-chasach?”
“Tha,” ars’ esan, “ochd-chasach a th’air cas a chall!”
Bha mi a’ dol ga òrdachadh a-mach às mo shealladh, ach thuirt e rium gu robh pìos beag eile de dh’fhealla-dhà aige. Agus bha sin mu dheidhinn casan cuideachd.
“Siuthad, ma tha,” thuirt mi ris, “innis do sgeul dhomh agus thalla!”
Bha e mu dheidhinn lannsair agus euslainteach ann an ospadal. Bha an t-euslainteach air a bhith fon lannsa mar tha. “Tha droch naidheachd agus deagh naidheachd agam dhut,” thuirt an lannsair ris an euslainteach. “An toiseach – an droch naidheachd. Thug sinn a’ chas cheàrr dhìot. Ach ’s i an naidheachd mhath – as dèidh a h-uile rud, nach leig sinn a leas a’ chas eile a thoirt dhìot idir!”
Faodaidh sinn fealla-dhà a dhèanamh mu dheidhinn casan, gu h-àraidh leis gu bheil am facal “cas” neo, mar a tha e uaireannan, “cois” neo “coise” a’ nochdadh gu math tric ann an gnàthsan-cainnt. Canaidh sinn “cas a’ falbh is cas a’ fuireach” mu dheidhinn duine nach urrainn co-dhùnadh a dhèanamh. Neo gu robh taigh an cois na mara, ged nach eil cas aig a’ mhuir ann. Neo gun tug cuideigin a chasan leis. Ach nach eil sinn uile a’ toirt ar casan leinn?!
Uill, ’s dòcha nach eil, agus tha cuimhn’ agam air turas a dh’fhàg gnàths-cainnt anns an robh am facal “cas” neo “cois” uabhas air fear is aithne dhomh a bha na fhear-naidheachd. Chuir e fòn don duine eile a bha seo mu dheidhinn mar a chaill am fear eile a dhà chois ann an tubaist. Cha robh e freagarrach bruidhinn aig an àm agus thuirt mo charaid gum fònadh e air ais air an lathairne-mhàireach. Bha e airson faighinn a-mach am biodh an duine eile ag èirigh tràth anns a’ mhadainn, gus am biodh fios aige cuin’ a bhiodh e freagarrach fònadh. Ach ’s e na thuirt e ris “am bi thu air do chois trath?” Cho luath ’s a thuirt e e, bha fios aige gu robh e air mearachd a dhèanamh. Gu fortanach thuig am fear eile nach ann a’ deanamh di-meas air a bha e, ach gur e dìreach gnàths-cainnt nàdarrach a bh’ann.
Ach air ais gu smuaintean nas aighearaich. Air latha eile, thàinig mo nighean dhachaigh le feàlla-dhà eile agus ’s ann mu dheidhinn casan a bha sin cuideachd. “Chaidh fear a-steach a bhùth-tàilleir,” thuirt i. “Bha aon chas aige ochd òirlich na b’fhaide nan t’eile. ‘Bu toil leam deise fhaicinn a bhiodh freagarrach dhomh,’ thuirt e ris an tàillear.
‘Bu toil is leamsa,’ fhreagair an tàillear.
Faclan na seachdainne
Abairtean na seachdainne
Puing ghràmair na seachdainne
Gnàths-cainnt na seachdainne
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.