
08/10/1999
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 14
Duration: 04:17
Litir 14: Bainne nan gobhar
Bha mi a’ campachadh an oidhche roimhe air rubha air taobh sear na Gàidhealtachd, ri taobh a’ chladaich, ach air falbh o thaighean is bailtean, nuair a chuala mi mèilich air na creagan àrda os mo chionn. Bha e dubh dorch, agus chan fhaca mi am beathach a bha a’ deanamh an fhuaim. Ach bha fios agam nach e caora neo uan a bh’ann. Bha am mèilich ro mhaoth! ’S e bh’ann – meann – gobhar òg.
Tha buidheann de ghoibhrean molach a’ fuireach ann a sin, air mullach na creige, agus tha iad air leth brèagha, le adharcan fada cama. Tha feadhainn aca donn. Tha cuid eile dubh, bàn is odhar. Ged a tha iad a’ coimhead fiadhaich, cumaidh iad air falbh o dhaoine, agus bha làn-fhios agam nach ann ann an èiginn a bha am meann a bha seo, ged a bha e gu h-àrd air creag chas. Chan fhaicear beathach a tha nas fheàrr na gobhar ann a bhith a’ sreap.
Thàinig e a-steach orm, agus mi nam laighe nam phoca-chadail, gu bheil càirdeas air a bhith ann eadar goibhrean is daoine air Ghàidhealtachd airson ùine mhòr mhòr. Chì sinn sin ann an ainmean-àite. Thagh mi map bho na sgeilpichean agam dìreach an-diugh fhèin – map de thaobh sear na Gàidhealtachd – agus bha mi an ìre mhath cinnteach gum biodh ainm air le “gobhar” ann. Agus bha – faisg air Drochaid a’ Bhanna – tha Creag a’ Ghobhair ann, agus ri a taobh, Loch a’ Ghobhair. Agus tha mi an dùil gum biodh ainmean-àite car coltach ri sin ann am mòran sgìrean eile air feadh na Gàidhealtachd.
Tha mi a’ deanamh dheth gur ann measail air goibhrean a bha na seann Ghàidheil, fada na bu mheasaile na bha iad air caoraich, co-dhiù na caoraich mhòra nuair a thàinig iadsan don Ghàidhealtachd aig àm nam Fuadaichean. Tha sean-fhacal neo dhà ann a dhearbhas am meas a bh’aig na daoine air na beathaichean sin. Mar eisimpleir - “Bainne nan gobhar fo chobhar ’s e blàth, ’s e chuir an spionnadh ’s na daoine a bha.” Canaidh mi sin a-rithist gus an greimich sibh air. “Bainne nan gobhar fo chobhar ’s e blàth, ’s e chuir an spionnadh ’s na daoine a bha.”
Uill, chan eil fhios agam fhìn mu dheidhinn sin. Dh’fheuch mi bainne-ghobhar blàth aon turas agus is beag an spionnadh a chuir e annamsa! Feumaidh mi ràdh nach do chòrd am blas rium idir! Tha fhios gur ann air goibhrean na croite a bha an sean-fhacal sin a-mach, seach goibhrean fiadhaich a’ mhonaidh. Tha an fheadhainn air a’ chroit nas fhasa bleoghain co-dhiù!
Ach ’s dòcha gu robh mi ag òl a’ bhainne-gobhair aig an àm chèarr anns a’ bhliadhna. ’S ann anns a’ Chèitean, neo anns a’ Mhàigh, as fheàrr a tha e, a-rèir choltais, co-dhiù ma tha thu ga chur gu feum mar leigheas airson tinneas. Seo seann rann Gàidhlig mu dheidhinn bainne-ghobhar:
Is leigheas air gach tinneas
Creamh is ìm na Màigh’.
Òl an fhochair sin
Bainne-ghobhar bàn
’S e creamh an lus ris an canar ann am Beurla wild garlic – a bhios fo bhlàth anns a’ Mhàigh – mìos anns am bi feur ùr an Earraich a’ toirt deagh bhlas don bhainne agus ìm. Seo an rann a-rithist:
Is leigheas air gach tinneas
Creamh is ìm na Màigh’.
Òl an fhochair sin
Bainne-ghobhar bàn
’S e an aon rud a chanainn mu dheidhinn sin gum bithinn an dòchas nach robh an gobhar fhèin ag ithe a’ chreamha mus d’fhuaradh am bainne. Neo, gu cinnteach, cha bhiodh blas math air a’ bhainne idir!
Faclan na seachdainne
Abairtean na seachdainne
Puing ghràmair na seachdainne
Gnàths-cainnt na seachdainne
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.