
29/10/1999
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 17
Duration: 04:47
Litir 17: Gallaibh
Coimheadamaid air an ainm-àite “Gallaibh”. Ann an dòigh, tha e mi-fhortanach gur e sin an t-ainm a th’againn airson na siorrachd as fhaide tuath air tir-mòr na h-Alba. Tha e a’ ciallachadh “ceàrn nan Gall”, agus ’s e Gall duine nach eil Gaidhealach, agus aig nach eil Gàidhlig. Ach nach robh Gàidhlig a-riamh aig muinntir Ghallaibh? A bheil na comhairlichean às Gallaibh, a tha a’ cumail a-mach nach robh an cànan air a bruidhinn gu mòr ann a sin, ceart neo ceàrr? Uill, tha iad ceàrr.
Ged is ’s e Lowlander a bhios sinn a’ ciallachadh mar is trice an-diugh le “Gall”, bha e tric a’ ciallachadh, o shean, “Lochlannach” agus, nuair a chì sinn ainmean air a’ mhap mar “Camus nan Gall”, tha fios againn gur e “Camus nan Lochlannach” a bhathar a’ ciallachadh. Bha seann ainm air na h-Eileanan Siar – Innse Gall – Eileanan nan Lochlannach. Ach chan eil an t-ainm sin iomchaidh an-diugh air sgath ’s gur iad na h-eileanan sin an t-àite as Gaidhealaiche a th’ann ann an Alba.
Ach dè mu dheidhinn Ghallaibh? Chan eil teagamh nach robh na Lochlannaich na bu làidire ann an sin na bha iad, can, ann an Cataibh. Agus ann am fìor cheann an ear-thuath na siorrachd, tha a’ chuid as motha de na h-ainmean-àite a’ tighinn bho Lochlannais, an àite Gàidhlig. Ach seallaibh air seo. Tha mi a’ cur map de Ghallaibh air mo bheulaibh air a’ bhòrd, agus seallaibh air na h-ainmean Gàidhlig – Blàr an Fhraoich, Monadh nan Càrn, Beinn Freacadain, Cnoc Alltan Iain Duinn, is mar sin air adhart. Tha an t-uabhas dhiubh ann. Ainmean glan Gàidhlig ann an Gallaibh air am faighinn bho mhuinntir an àite fhèin anns an naoidheamh linn deug (19mh linn). Ciamar a fhuair luchd nam mapaichean ainmean Gàidhlig bho na daoine mura robh an cànan aca?
Agus tha fianais eile ann gu robh Gàidhlig air a bruidhinn gu mòr ann an Gallaibh, ach a-mhàin anns an ear-thuath, agus ann an cuid de bhailtean, leithid Inbhir Uige, far an robh a’ Bheurla làidir. Tha aithris ann, a chaidh a sgrìobhadh trath anns an ochdamh linn deug (18mh linn), a tha ag iarraidh oirnn smaoineachadh air loighne dhìreach eadar Inbhir Theòrsa agus Inbhir Uige. “’S e Beurla a th’aig a’ chuid as motha gu sear air an loighne,” tha i ag ràdh, “[ach] air an taobh siar ’s e Gàidhlig a th’aca. Anns an sgìre sin [air an taobh siar] feumaidh ministearan searmonachadh anns an dà chànan.”
Ann am meadhan na h-ochdamh linn deug, sgrìobh ùghdar eile, “Tha deich sgìrean ann an Gallaibh, còig aca sin anns a bheilear a’ bruidhinn Beurla dhen t-seòrsa Albannach, agus anns a’ chòig eile nàdar de Ghàidhlig bhriste...” Aig deireadh na linne, ge-tà, a-rèir an Old Statistical Account, bha a’ Bheurla a’ faighinn làmh-an-uachdair, ach a-mhàin ann an sgìre Mheaghrath anns an iar-thuath. Agus chum crìonadh na Gàidhlig a dol. Ann an ochd ceud deug, ceithir fichead ’s a h-aon deug (1891) cha robh ach ceithir mìle duine air fhàgail aig an robh Gàidhlig ann an Gallaibh, aona duine deug às gach ceud anns an t-siorrachd.
Ach, crìonadh ann neo às, chan eil e fìor ri ràdh nach eil dualchas Gaidhealach aig Gallaibh. Agus carson a tha eòlas mar seo cutromach? Uill, tha luchd-taic na Gàidhlig ann an Gallaibh air spàirn mhòr a dhèanamh airson sgoil-àraich Ghàidhlig a chur air chois ann an Inbhir Theòrsa. Agus a-nise, tha cuid de chomhairlichean Ghallaibh a’ cur na h-aghaidh, agus iad dhen bheachd nach robh a’ Ghàidhlig a-riamh làidir anns an sgìre. Uill, tha mi’n dòchas, aig a’ cheann thall, gun dean eòlas a’ chùis air aineolas.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.