
19/11/1999
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 20
Duration: 04:10
Litir 20: Bodach na Sìde
Chan fhada gus am bi “Bodach na Sìde” a’ cur briathrachas eile aige gu feum – briathrachas nach robh gu mòran feum thairis air mìosan an t-samhraidh. ‘S e sin briathrachas sìde a’ gheamhraidh. Seadh, a chàirdean. Tha am foghar ann agus chan fhada gus am bi fuachd is stoirmean a’ gheamhraidh a’ bualadh oirnn a-rithist.
’S ann tric a bhios sinn a’ bruidhinn air an aimsir ann an Alba agus chanainn gu bheil mòran fhaclan againn ann an Gàidhlig mu dheidhinn coltas na sìde. Gu h-àraidh mu dheidhinn uisge is ceò! Mar a bha i, mar a tha i agus mar a bhitheas i. Bha bana-charaid agam às Astràilia a-bhos a seo o chionn ghoirid. Bha i anns an Eilean Sgitheanach airson a’ chiad turais, agus thuirt i gu robh i air a chluinntinn, mus deach i don eilean, gu robhar a’ faighinn gach ràith dhen bhliadhna taobh a-staigh latha. Ach an dèidh dhi bhith anns an eilean airson seachdain, thuirt i rium gu robh sin fada ceàrr. “Bithear a’ faighinn gach ràith taobh a-staigh deich mionaidean!” thuirt i. Thug i sgàilean leatha don eilean ach bha e gu beag feum air sgàth na gaoithe. Cha b’fhada gus an deach a bhriseadh ann an stoirm.
Agus fhad’s a tha mi a-mach air aimsir taobh siar na Gàidhealtachd, tha mi’n dùil gun cuala sibh mar tha ro-shealladh na h-aimsir anns a’ Ghearasdan, fear de na bailtean as fhliuche ann an Alba. Uill, mura cuala, seo e. Mura faic thu Beinn Nibheis, tha an t-uisge ann; ma chì thu a’ bheinn, tha an t-uisge gu bhith ann!
Ach mus nochd faclan a’ gheamhraidh aig Bodach na Sìde, rudan mar “sneachd”, “flin” agus “clachan-meallain”, ’s fhiach sùil a thoirt air mar a bhios luchd-naidheachd Radio nan Gaidheal ag aithris na sìde. Seo na bh’air prìomh phrogram-naidheachd na maidne, ris an canar “Aithris na Maidne”, o chionn ghoirid:
Bidh a’ chuid mhòr de dh’Alba tioram le greisean grianach an còrr dhen latha. Ach bidh i sgòthach ro bheul na h-oidhche ann an cuid de sgìrean mun iar, shìos mu Earra-Ghaidheal agus gu h-àraid anns na h-Eileanan Siar agus anns an iar-thuath. Leanaidh i mar sin tron oidhche, le frasan anns an iar-thuath agus anns na h-Eileanan Siar. Ruigidh i tri-deug neo ceithir-deug Celsius tron latha an-diugh ach bidh i fuar a-nochd, a’ tuiteam gu dìreach tri neo ceithir Celsius.
A’ coimhead romhainn gu deireadh na seachdanach – blàth, tioram, grianach a-màireach, ach gum bi am fìor cheann a tuath agus an iar-thuath sgòthach le corra fhras. Agus Latha na Sàbaid, bidh i nas sgòthaiche le frasan anns a h-uile h-àite, agus bidh a’ ghaoth an àirde beagan.
Nach math an naidheachd a bh’aig Bodach na Sìde an turas sin, agus e ag innse dhuinn gum biodh a’ chuid mhòr de dh’Alba tioram le greisean grianach. ’S ann ainneamh a chluinneas sinn na faclan sin anns na beagan mhìosan romhainn, gu mi-fhortanach. Mar is trice,
cluinnidh sinn gum bi a’ chuid mhòr de dh’Alba fliuch is fuar. Bidh sinn beò an dòchas, ge-tà, gum faigh sinn corra shealladh dhen ghrèin bho àm gu àm!
Ach bha uair ann a chuala mi aithris mu choltas na h-aimsir air rèidio, ann an Gàidhlig, a bha gu math eadar-dhealaichte bho na tha romhainn anns a’ gheamhradh seo. Chaidh i rudeigin mar seo. “Bidh i blàth is tioram is grianach fad an latha an-diugh. Ruigidh i mu chòig deug ar fhichead (35) Celsius, aig a’ char as blàithe, agus bidh a’ ghaoth aotrom.” Agus càit’ an robh seo? Uill, feumaidh mi bhith onorach. Cha b’ann an Alba a bha e, ach air a’ phrògram Gàidhlig ann am Melbourne ann an Astràilia!
Feuch gun cum sibh blàth anns an t-seachdainn romhainn…
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.