
26/11/1999
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 21
Duration: 04:45
Litir 21: Cailleach
Bidh sibh eòlach air an fhacal “cailleach”. Mar is trice an-diugh, ’s e seann bhoireannach a tha sinn a’ ciallachadh, ach tha ciall neo dhà eile air, a bharrachd air a sin. ’S e “cailleach-oidhche”, mar eisimpleir, seòrsa de dh’eun a thig a-mach anns an dorchadas. Agus dè mu dheidhinn “cailleach dhubh”? Chan e seann bhoireannach a bhuineas do chinneadh dubh a tha sin a’ ciallachadh, ach boireannach sam bith a tha ann an comann sònraichte anns an Eaglais Chaitligich. “Nun” ann am Beurla. Agus cha leig i leas a bhith aosta.
Tha seann làrach fhathast ri fhaicinn ann an Sgìre Uige ann an Eilean Leòdhais ris an canar “Taigh nan Cailleachan Dubha”. Sin àite far an robh cailleachan dubha a’ fuireach o shean, nuair a bha sluagh an eilein fhathast Caitligeach. Agus tha baile ann am Beinn a’ Bhaoghla air a bheil “Baile nan Cailleach” far an robh cailleachan dubha a’ fuireach uaireigin. Ann am Beurla ’s e “Nunton” a th’air.
Ach tha “cailleach” cuideachd a’ ciallachadh nàdar de dhroch spiorad, neo bòcan, ann an cruth sheann bhoireannaich, a bha a’ fuireach anns a’ mhonadh ann an àite uaigneach agus a bha a’ toirt ionnsaigh air luchd-siubhail. Bha tè aca anns a’ mhonadh eadar Gleann Urchardain agus Gleann Moireasdan, gu siar air Loch Nis, ann an àite a tha fhathast gun rathad. ’S e “An Cràthach” a th’air an àite agus choisinn a’ chailleach cliù – droch chliù – dhi fhèin mar “Chailleach a’ Chràthaich”.
A-rèir beul-aithris na sgìre, bha i a’ fuireach ri taobh Loch a’ Chràthaich agus airson bliadhnaichean bhiodh i a’ toirt droch ionnsaigh air daoine a thug an rathad sin eadar an dà ghleann. Ach ’s e an rud a bha annasach mu deidhinn an dòigh ’s a bhiodh i a’ muirt dhaoine. Chan ann le sgian neo gunna a bheireadh i ionnsaigh orra idir. Bhiodh i a’ goid am bonaidean. An uairsin bhiodh i a’ dannsadh air a’ bhonaid gus an nochdadh toll ann. Goirid as dèidh sin, gheibheadh an duine, a bh’air a bhonaid a chall, bàs.
Thachair sin iomadh turas gu h-àraidh do fheadhainn a bhuineadh do Chloinn ’ic a’ Mhaoilein, neo do Chloinn ’ic Dhòmhnaill. Tha e coltach gu robh gràin aig a’ chaillich air an dà chinneadh sin, ged nach eil fhios an-diugh carson. Tha seann òran, a rinn Dòmhnallach air choireigin, a’ toirt iomradh oirre.
Cha tèid mi an rathad
A dh’oidhche neo latha.
Chan eil deagh bhean an taighe
’S a Chràthach.
Tha i trom air mo chinneadh,
Gam marbhadh ’s gam milleadh.
’S gun cuireadh Dia spiorad
Nas fheàrr ann.
Ach, mu dheireadh, rinn fear tapaidh a’ chuis air a’ chaillich, agus ’s e Dòmhnallach a bh’ann. Bha e a’ coiseachd seachad air a’ Chràthach, nuair a leum a’ chailleach air le droch rùn. Bha iad am bad a chèile greis mus do ruith a’ chailleach air falbh le a bhonaid.
Ach bha fios aig an Dòmhnallach gu robh e ann an cunnart a bheatha agus ruith e an dèidh na caillich mar a’ pheilear. Thug e greim oirre agus bha sabaid uabhasach ann eadar an dithis gus an do shàth e le sgian i. Gu fortanach dha cha robh toll anns a’ bhonaid. Agus leis gu robh a’ chailleach marbh, bha muinntir an àite saor gus a dhol seachad air a’ Chràthach a-rithist.
Mar a bhios feadhainn a’ deanamh chun an latha an-diugh. Agus ma chuireas iad am bonaidean dheth nuair a tha iad faisg air a’ Chràthach, an ann saobh-chràbhach neo direach glic a tha iad? Faodaidh bonaid sam bith a bhith air a sguabadh air falbh leis a’ ghaoith shuas anns a’ mhonadh sin.
Mar a chanadh muinntir an àite sin, ’s dòcha – guma fada beò sibh is bonaid air ur ceann!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.