
07/01/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 27
Duration: 04:32
Litir 27: Ceann-fionn
Bidh cuimhn’ agaibh gu robh mi a’ dol a dh’innse dhuibh an t-seachdain-sa gu dè an t-eun dubh is geal air a bheil ainm ann am Beurla a thàinig gu dìreach bhon Chuimris. Uill, ’s e am “penguin” a th’ann. Ann an Cuimris, tha “pen” a’ ciallachadh ceann agus tha “gwyn” a’ ciallachadh geal neo fionn. Pen-gwyn. Tha e coltach gu robh Cuimreach air choreigin am measg a’ chiad fheadhainn a chaidh don Antarctaig às Breatainn, ceudan bliadhna air ais, agus gun do chuir e an t-ainm sin air na h-eòin. Agus gun tàinig sin tarsainn don Bheurla aig an àm sin.
Thàinig an gnothach seo gu m’aire nuair a bha mi ann am bun-sgoil far a bheilear a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Cha robh mi eòlach air facal sam bith airson “penguin” ann an Gàidhlig ach penguin fhèin. Ach air a’ bhalla anns an sgoil sin, bha dealbhan a rinn na sgoilearan de bheathaichean anns an Antarctaig. Agus fo dhealbh de dh’eun dhen t-seòrsa sin bha an tiotal – “Ceann-fionn”. Bha cuideigin air a’ Chuimris eadar-theangachadh don Ghàidhlig. Pen-gwyn: ceann-fionn. Chan eil fhios a’m an tuigeadh bodach ann am Bràgar, ge-tà, gur e ceann-fionn penguin.
Ach, air falbh bhon Antarctaig, tha mi a’ faicinn gu bheil fear à Sasainn, a th’air a bhith a’ rannsachadh Uilebheist Loch Nis, dìreach air a bhith anns na Stàitean Aonaichte airson sreath òraidean a thoirt air “Nessie” thall an sin. Thug Pòl MacEanraig leabhar a-mach o chionn ghoirid, air a bheil Encyclopaedia of the Loch Ness Monster.
Cha do leugh mi an leabhar, ach chaidh aithris a dhèanamh air ann am pàipear-naidheachd air Ghàidhealtachd mar “chlàr aibidileach dhen chùis … bho shealladh Chaluim Chille [dhen uilebheist] ann an 565 gu rannsachaidhean an latha an-diugh.” Tha e inntinneach cho tric ’s a tha Calum Cille air a thoirt a-steach don ghnothach airson barrachd chreideis a thoirt dha. Gu h-àraidh leis nach robh mòran aithrisean ann eadar a linn-san agus na tricheadan anns an fhicheadamh linn. Ach an e uilebheist Loch Nis a chunnaic an naomh?
Rachamaid air ais don aithris a sgrìobh Naomh Adomnan air a’ chùis. B’esan naoideamh Aba Ì agus sgrìobh e an leabhar Vita Sancti Columbae, Beatha Naoimh Chaluim Chille, ann an Laideann, aig deireadh an t-seachdamh linn.
“… air latha eile,” sgrìobh e, “nuair a chuir an duine beannaichte seachad grunn làithean ann an dùthaich nan Cruithneach, b’fheudar dha dhol tarsainn Abhainn Nis. Nuair a ràinig e a bruach, chunnaic e cuid de mhuinntir an àite, agus iad a’ tiodhlacadh duine truagh. Thuirt iad gun tug beist na h-aibhne greim air, agus gun do rinn e cron air, fhad’s a bha e a’ snàmh goirid roimhe sin.” A-reir Adomnan, dh’iarr Calum Cille air fear de a chompanaich dhol a shnàmh agus, nuair a dh’èirich an t-uilebheist bho ghrunnd na h-aibhne le droch rùn, gun do dh’òrdaich an naomh dha teicheadh ann an ainm Dhè.
’S e an rud a bu chòir dhuinn mothachadh mun sgeulachd seo nach ann ann an Loch Nis a bha an t-uilebheist seo idir, ach anns an abhainn. Tha fhios a’m gu bheil an dà rud ceangailte ri chèile, ’s gu bheil an abhainn a’ sruthadh a-mach às an loch. Ach tha mi searbh de bhith a’ cluinntinn gur e Uilebheist Loch Nis a chunnaic Calum Cille. Cha b’e, ach Uilebheist na h-Aibhne.
Agus bhon uairsin cha chreid mi gun cualas guth air Uilebheist Abhainn Nis. Is beag an t-iongnadh ’s dòcha. ’S e duine cumhachdach a bh’ann an Calum Cille. Ach an robh uilebheist anns an loch aig an àm sin agus, ma bha, a bheil gin air fhàgail an-diugh? Uill, fàgaidh mi sin agaibh fhèin.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.