
21/01/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 29
Duration: 04:22
Litir 29: Madadh
Bidh sibh eòlach, tha mi cinnteach, air an fhacal “madadh”. Tha am madadh-allaidh ann agus am madadh-ruadh, neo sionnach mar a chanas cuid. Tha na madaidhean-ruadha pailt, a cheart cho pailt, ’s dòcha, anns na bailtean mòra ’s a tha iad a-muigh air an dùthaich. ’S dòcha gu bheil iad nas sàbhailte anns na bailtean mòra far nach eil na sealgairean cho trang!
Ged is e “cù” am facal a th’againn an-diugh ann an Gàidhlig na h-Alba airson dog, bha “madadh” a’ ciallachadh na h-aon rud uaireigin. Agus ann an Gàidhlig Arainn, nuair a bha i fhathast beò, ’s e “madadh” a chanadh na daoine airson dog mar bu trice, seach “cù”. Agus ann an Eirinn, ’s e “madra” a chanas iad airson “cù” fiù’s an latha an-diugh.
Chan e nach tuig Gàidheil na h-Eireann am facal “cù” ach, mar is trice, tha e ceangailte ri facal eile, mar a tha “madadh” againne ann an leithid “madadh-allaidh” neo “madadh-ruadh”. ’S e eisimpleir dhen a sin “dobhar-chú”. Tha na faclan a’ ciallachadh “cù an uisge”, agus ann an Alba canaidh sinne, mar is trice, “dòbhran” neo “beiste dhubh” ris a’ bheathach sin. Tha am facal “dobhar-chù” againne cuideachd, ge-tà, ach tha e a’ ciallachadh dà bheathach eadar-dhealaichte – an dòbhran fhèin neo beathach a tha a’ tilleadh a dh’Alba an dèidh ceudan bliadhna – am bìobhar.
Ach air ais gu “madadh”. Tha corra àite air Ghàidhealtachd far a bheil e ann an ainmean-àite. Àiteachan mar “Cnoc a’ Mhadaidh” is “Preas a’ Mhadaidh” ann an Siorrachd Rois agus tha mi a’ deanamh dheth gu bheil a’ chuid as motha de na h-ainmean sin gu math sean, agus gur e am madadh-allaidh a bhathar a’ ciallachadh. Ach tha aon àite ann far a bheil an t-ainm a’ cur beagan dragh orm fhathast. ’S e sin Loch nam Madadh – neo Lochmaddy – loch-mara agus baile air cladach an locha ann an Uibhist a Tuath.
Leugh mi o chionn fhada gu robh seo a’ ciallachadh ann am Beurla loch of the wild dogs – Loch nam Madadh. Ach a bheil? Agus ma tha, carson? An robh coin de sheòrsa air choreigin uaireigin pailt ann an Uibhist a Tuath?
An uairsin, fhuair mi a-mach gun d’fhuair an loch ainm bho chreagan a tha faisg air a bheul, agus a tha a’ dìon beul an locha mar a bhiodh coin a’ dìon taigh am maighstir. Tha trì ac’ ann – am Madadh Beag, am Madadh Mòr agus am Madadh Gruamach. An e sin e ma tha? A bheil Loch nam Madadh a’ ciallachadh loch of the dog-like rocks? Mmm.
Uill, ’s e sin am beachd a bh’aig W.C. MacCoinnich, ceart gu leòr, anns an leabhar aige, Scottish Place Names, a chaidh fhoillseachadh ann an naoi ceud deug trichead ’s a h-aon – neo naoi ceud deug ’s a h-aon deug ar fhichead (1931) ma ’s fheàrr leibh. Ach o chionn ghoirid, bha mi a’ toirt sùil air leabhar nas sine na sin, Gaelic Names of Beasts etc, a chaidh a sgrìobhadh le Alasdair Foirbeis às an Eilean Sgitheanach, agus a chaidh fhoillseachadh ann an naoi ceud deug ‘s a còig (1905).
‘S e an rud a th’ann gu bheil ciall eile air an fhacal “madadh”. ‘S e sin “feusgan mòr”. Agus tha Alasdair Foirbeis ag innse dhuinn gun d’fhuair Loch nam Madadh ainm leis gu robh na madaidhean seo – na feusgain – uabhasach pailt air trì creagan, neo sgeirean ’s dòcha, air ceann a deas an locha.
Loch of the big mussels ma tha? Uill, cha bu mhath leam a ràdh cò tha ceart is cò tha ceàrr. Fàgaidh mi sin aig muinntir Loch nam Madadh fhèin!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.