Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 31: Tuathal

Gheall mi dhuibh, a chàirdean, gun innsinn tuilleadh dhuibh an t-seachdain-sa mu dheidhinn an fhacail “tuathal” a tha ri lorg ann am “partan-tuathal”. ’S e facal air leth inntinneach a th’ann air sgàth ’s gu bheil e co-cheangailte ris an t-sealladh a bh’aig na Gàidheil, o shean, air a’ chruinne-cè.

Mus robh na Gàidheil air gnothach a ghabhail ri Crìosdachd, nuair a bha iad fhathast nam pàganach, bha sealladh aca air an t-saoghal a bha stèidhichte air mar a sheasadh duine ann am meadhan cearcaill, a’ coimhead a-mach a dh’ionnsaigh na h-àird an ear, an àird far am bi a’ ghrian ag èirigh. Bhiodh an àird an ear air a bheulaibh, agus bhiodh an àird an iar air a chùlaibh. Agus ’s e sin a bha na faclan sin a’ ciallachadh anns an t-seann Ghàidhlig – an ear, air do bheulaibh, agus an iar, a’ tighinn as do dhèidh.

Nise, ma tha sibh nur suidhe an-dràsta, èirichibh gu’r casan. Greasaibh oirbh! Greasaibh oirbh! Seadh, tha sin nas fheàrr. Nise, smaoinichibh air combaist. Coimheadaibh a-mach a dh’ionnsaigh na h-àird an ear, mar a bhiodh an seann draoidh. Togaibh ur làmh dheas. Tha mi’n dòchas gu bheil an tè cheart agaibh! ’S e sin deas, agus ’s e sin ur làmh dheas. Tha deas ann an Gàidhlig a’ ciallachadh an dà chuid, right agus south. South Uist, Uibhist a Deas. South Africa, Afraga a Deas.

Ach dè tha air do làimh chlì air a’ chombaist? ’S e sin an àird a tuath. An latha an-diugh, ’s e clì neo ceàrr a chanas sinn anns a’ Ghàidhlig Albannaich airson left. Ach, o shean, bha am facal tuath a’ ciallachadh left a bharrachd air north.

Nise cumaibh air ur casan agus smaoinichibh air a’ ghrèin agus air slighe na grèine tron adhar. Bidh i ag èirigh anns an àird an ear, bidh i a’ gluasad a dh’ionnsaigh na h-àird a deas agus, mu dheireadh, thèid i fodha anns an àird an iar. Anns a’ mhadainn, agus tha seo cutromach, anns a’ mhadainn, aig toiseach an latha, bidh i a’ dol a dh’ionnsaigh na h-àird a deas. Canaidh sinn gur ann “deiseil” a tha i a’ dol. Tha “deiseil” a’ ciallachadh “a’ dol air slighe na grèine” neo, mar as fheàrr a thuigeas daoine an-diugh e, ’s dòcha, “air slighe spòg an uaireadair.”

Agus tha tuathal a’ dol calg-dhìreach an aghaidh sin. Tha tuathal a’ ciallachadh “a’ gluasad an aghaidh na grèine” neo “an aghaidh an uaireadair”.

Ach tha ciall neo dhà eile air na faclan seo, tuathal agus deiseil, neo deas. Bidh fios agaibh gu bheil deiseil a’ ciallachadh “ullamh” neo “crìochnaichte”. Ach tha am facal eile a tha càirdeach dha, deas, cuideachd a’ ciallachadh “gasta”, neo “snasail” neo “sgileil le do chuid làmhan”. Tha deas co-cheangailte ri dexter ann an Laideann. Tha am facal Beurla dexterous a’ tighinn às a Laidinn.

Agus tha tuathal a’ dol an aghaidh deiseil agus deas anns an t-seadh seo cuideachd. Tha e a’ ciallachadh “deireannach” neo “ceàrr” neo “troimh-chèile” neo “gun a bhith ro sgileil neo sgiobalta”. Carson, ma tha, an e partan-tuathal a chanas sinn ri hermit crab? An e gu robhar a’ deanamh dheth gum biodh am partan-tuathal a’ gluasad an aghaidh slighe na grèine, neo an e dìreach air sgàth ’s gur e beathach car neo-àbhaisteach – beathach “ceàrr” – a th’ann?

Chan eil mi buileach cinnteach mu dheidhinn sin, ach tha mi cinnteach mu dheidhinn aon rud. ’S e sin gu bheil tòrr ri ionnsachadh mu dheidhinn dualchas na Gàidhlig bhon dà fhacal sin – tuathal agus deiseil. Agus bheir sinn sùil a bharrachd air deiseil anns an ath litir. Ach, an-dràsta, tha mi deiseil.

Faclan na seachdaine

partan-tuathal: hermit crab; air leth: particularly; co-cheangailte(ri): connected (to); sealladh: view; o shean: of old; an cruinne-cè: the world; Crìosdachd:Christianity; combaist: compass; draoidh: druid; ullamh: ready, finished; crìochnaichte:finished; gasta: nice; snasail: elegant; deireannach: slow,backward; ceàrr: wrong, awkward;neo-àbhaisteach: unusual.

Abairtean na seachdaine

gheall mi dhuibh gun innsinn tuilleadh dhuibh: I promised you(pl) that I would tell you more; a tha ri lorg: that is to be found; mus robh X air gnothach aghabhail ri Y: before X had become involved with Y; stèidhichte air duine a sheasadh ann ammeadhan cearcaill: based upon a man who would stand in the middle of a circle; adh'ionnsaigh na h-àird an ear/an iar/a deas/a tuath: towards the east/west/south/north; air abheulaibh: in front of him; air a chùlaibh: behind him; as do dhèidh: after you; togaibh urlàmh dheas: lift your right hand; slighe na grèine: the route of the sun; tha X a' dol calgdhìreach an aghaidh sin: X goes directly against that (ie it is an opposite); an aghaidh nagrèine: anti-sunwise; anns an t-seadh seo: in this way; gu robhar a deanamh dheth: that itwas being made out; gu bheil tòrr ri ionnsachadh mu dheidhinn dualchas na Gàidhlig: thatthere is much to learn about the Gaelic heritage; tha mi deiseil: I am finished

Puing ghràmair na seachdaine

anns a' Ghàidhlig Albannaich: in (the) Scottish Gaelic. InLitir 8 (9 July) we looked at the slenderisation of feminine nouns in the dative case. Here isanother example but this time look out for the adjective, not the noun (which already has aslender vowel at the end of the word). You will see that the adjective is Albannaich, notAlbannach. It is slenderised because Gàidhlig is a feminine noun and the adjective alsofollows the rule. A more obvious example is air do làimh dheis (on your right hand). Deas islenited and slenderised to dheis. Here are some examples in which both noun and adjectiveare slenderised: fon uinneig mhòir (under the big window), air a' chaileig bhig (on the smallgirl), air a' ghealaich ghil (on the white moon). Here are some examples in which only theadjective is slenderised, because the noun already has a slender ending (to the ear): annsan Eaglais Bhric (in Falkirk ie the speckled church); leis a' phìob mhòir (with the great pipeie Highland bagpipes); anns a' Ghàidhlig Mhanainnich (in [the] Manx Gaelic).

Seanfhacal na seachdaine

'S fheàrr am partan-tuathal na bhith gun fhear-taighe: better thehermit crab than to be without a man of the house (ie a husband). An interpretation of thisis given in the text of the letter.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast