
03/03/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 35
Duration: 04:33
Litir 35:Colla Ciotach
Tha sean-fhacal againn ann an Gàidhlig a tha tri cheud, leth-cheud ’s a còig bliadhna a dh’aois agus a tha ri chluinntinn fhathast. Tha fios againn, co-dhiù ma chreideas sinn beul-aithris, cuin’ is càit’ a chaidh a chruthachadh, agus, gu dearbh, cò e a chruthaich e. “’S truagh nach bu cheàird gu lèir sibh an-diugh.”
’S e Alasdair Mac Cholla Chiotaich, an gaisgeach Gàidhealach a bha a’ sabaid ri taobh Mhontròis, a thuirt na faclan sin, aig Blàr Allt Eireann ann an 1645. A-rèir choltais, bha Alasdair ann am fìor chunnart a bheatha, agus e air a chuairteachadh le nàimhdean. Chunnaic fear eile, ceàrd air an robh Stiùbhart mar ainm, agus a bhuineadh do dh’Athall ann an Siorrachd Pheairt, an staing anns an robh Alasdair agus ruith e ga ionnsaigh airson a chuideachadh. Bha e cho teòma leis a’ chlaidheamh mhòr aige ’s gun do theich na saighdearan a bha a’ toirt ionnsaigh air Alasdair.
Thug Alasdair taing dha agus dh’fhaighnich e dheth cò e agus cò às a bha e. Nise feumaidh sinn cuimhneachadh gun do dh’fhulaing luchd-siubhail na Gàidhealtachd, neo na ceàrdan mar a bh’ac’ orra, droch chliù aig an àm (agus airson ùine mhòr as a dhèidh). Agus nuair a fhuair an dithis cothrom bruidhinn, cha robh an Stiùbhartach deònach innse cò e. Is, gu dearbh, cha robh e deònach aideachadh gur e ceàrd a bh’ann. Ach chum Alasdair a dh’fhaighneachd agus, mu dheireadh, dh’aidich an duine eile gur e ceàrd a bh’ann.
Agus a’ tionndadh do na saighdearan eile aige, thuirt Alasdair riutha, “’S truagh nach bu cheàird gu lèir sibh an-diugh.” Uill, ’s e sin an stòiridh co-dhiù, ged a chì thu an sean-fhacal ann an cruth rudeigin diofraichte uaireannan – “’S truagh nach bu cheàird sinn gu lèir an-diugh” mar gu robh Alasdair a’ bruidhinn air fhèin a bharrachd air na saighdearan aige. Chan eil e gu diofar. Seasaidh an sean-fhacal mar fhianais air a’ phàirt a ghabh an luchd-siubhail anns a’ bhatail sin, agus ann am moran tachartasan eile ann an eachdraidh na Gàidhealtachd.
Ach fàgamaid Alasdair Mac Cholla agus an luchd-siubhail air an darna taobh. Bu mhath leam ur n-aire a tharraing do dh’aithris ann am paipear-naidheachd o chionn ghoirid mu dheidhinn maorach a thathar a’ dol a dh’àrach ann an Alba, ma thèid gu math leotha – a’ chluas-mhara. Chaidh feadhainn àrach ann an Loch nan Uamh, faisg air Mòrar agus chaidh glè mhath dhaibh a dh’aindeoin ’s gur ann do dhùthchannan nas blàithe a bhuineas iad. Agus carson a tha mi cho toilichte mu dheidhinn na naidheachd seo? Uill, cha mhòr gu bheil biadh sam bith eile ri fhaighinn a tha cho blasda ris a’ chluais-mhara.
Tha deagh theans ann nach bi sibh eòlach air ainm a’ chreutair seo agus, gu dearbh, cha d’fhuair mi lorg air ann am faclair Albannach sam bith. Ach canaidh na h-Eireannaich cluas-mhara ris, agus ann an corra chànan eile, ’s e sin a tha an t-ainm a’ ciallachadh. Agus chanainn gur e sin an t-ainm as ciallaich’ a dh’fhaodadh a bhith againn anns a’ chànan againn fhèin. Tha an t-slige, agus chan eil ann ach an aon tè, a’ coimhead coltach ri cluas. Ann am
Beurla ’s e abalone a chanas iad ris, mar is trice, ach cluinnidh tu ear shell ann an corra àite cuideachd.
Innsidh mi tuilleadh dhuibh mu dheidhinn na cluaise-mara anns an ath litir, ach bu toil leam soraidh a leigeil leibh an t-seachdain-sa le fuaim … Dè an ceangal a th’ann eadar a’ chluas-mhara agus am fuaim seo? Airson faighinn a-mach, bithibh anns an èisteachd an ath sheachdain!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine
Sean-fhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.