
14/04/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 41
Duration: 04:51
Litir 41: Cho carach ris an t-sionnach
Tha samhla ann an Gàidhlig a chluinnear bho àm gu àm – cho carach ris a’ mhadadh-ruadh. Neo cho carach ris an t-sionnach. Bidh cuimhn’ agaibh bho Litir eile gu bheil madadh-ruadh agus sionnach a’ ciallachadh na h-aon rud – fox ann am Beurla. Chan eil teagamh nach eil cliù aig an t-sionnach mar bheathach carach. Tha e doirbh an gnothach a dhèanamh air sionnach.
Sin mar a tha e ann am beul-aithris co-dhiù. Tha mòran seann sgeulachdan ann anns a bheil sionnach a’ deanamh a’ ghnothaich air beathach eile. Agus tha e coltach gu bheil beagan dhen fhìrinn ann an cuid aca. Mar eisimpleir, chaidh innse do dh’fhear a bha a’ cruinneachadh beul-aithris Ghàidhlig anns an naoidheamh linn deug gum faca seann duine sionnach a’ sealg turas ann an loch far an robh lachan gu leòr. Chuir e bad fraoich na bheul, gus nach fhaiceadh na lachan e, agus shnàmh e a-mach gu meadhan an locha. Mar sin, fhuair e am measg nan lach gun fhiosda dhaibh. An uairsin leig e am fraoch às a bheul, agus mharbh e dà lach. B’esan am balgair!
Agus sin facal eile airson sionnach – balgair. Ach tha e cuideachd a’ ciallachadh duine a tha carach neo ladarna neo mi-onorach neo dìreach gun fheum. Balgair.
Tha stòiridh eile ann mu dheidhinn an t-sionnaich a tha a’ sealltainn cho glic ’s a tha e. Bidh na madaidhean sin a’ faighinn deargannan orra mar a bhios gach beathach eile dhen t-seòrsa. Agus tha deargannan a’ cur dragh mòr air na beathaichean air a bheil iad a’ fuireach. Bhiodh na seann daoine ag ràdh gu robh dòigh shònraichte aig an t-sionnach faighinn cuidhteas iad. Bhiodh an sionnach a’ coimhead timcheall airson pìos clòimhe a thàinig bho chaora. Mar a tha fios agaibh, bidh caoraich a’ fàgail clòimh air creagan is gàrraidhean is feansaichean, is air feadh an àite.
Bhiodh an sionnach a’ cur a’ chlòimh na bheul is a’ dol sìos a dh’abhainn. Bhiodh e a’ dol a-steach don abhainn, agus ga leigeil fhèin sìos anns an uisge gu slaodach, earball an toiseach. Bhiodh na deargannan a’ teicheadh bhon uisge suas a dh’ionnsaigh ceann an t-sionnaich. Chumadh an sionnach a’ dol ga leigeil fhèin na b’ìsle is na b’ìsle gus nach robh càil os cionn an uisge ach a shròn, a bheul agus am pìos clòimhe. Mu dheireadh, fhad ’s a bha sròn an t-sionnaich a’ dol fon uisge, leumadh na deargannan air a’ chlòimh, leigeadh an sionnach a’ chlòimh às a bheul, agus dh’fhalbhadh na deargannan leis an t-sruth, sìos an abhainn. Abair beathach glic!
Agus is toil leam an sgeulachd mun dòigh anns an d’fhuair an sionnach làmh an uachdair air a’ mhadadh-allaidh. Bha foghlam aig a’ mhadadh-allaidh ach cha robh foghlam aig an t-sionnach idir. Agus bha am madadh-allaidh na bu mhotha ’s na bu làidire.
Co-dhiù, latha a bha seo, bha iad air chuairt còmhla agus chunnaic iad each mòr. Thuirt an sionnach ris a’ mhadadh-allaidh, “An urrainn dhut an t-ainm air crudha an eich a leughadh?”
“Chan eil fhios a’m,” dh’fhreagair am madadh-allaidh, “a bheil ainm air?”
“O tha,” ars’ an sionnach,” agus leis gu bheil foghlam agad, bidh comas agad a leughadh.”
Chaidh am madadh-allaidh na b’fhaisge ’s na b’fhaisg’ air an each. Gach turas a thogadh an t-each cas, dh’fheuchadh am madadh-allaidh ris na bha sgrìobhte air a’ chrudha a leughadh. Mu dheireadh thall, nuair a bha e ro fhaisg, thog an t-each a chas agus bhreab e am madadh-allaidh air a cheann gu cruaidh. “O,” ars’ an sionnach, “chan eil mise nam sgoilear agus cha bu toil leam a bhith!”
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.