
19/05/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 46
Duration: 04:49
Litir 46: Gàidheal aona-chànanach
Thathar ag ràdh gu tric nach eil a leithid de rud ann an-diugh mar Ghàidheal aona-chànanach. Agus uaireannan cluinnear daoine, agus iad ag ràdh “Dè feum a th’ ann anns a’ Ghàidhlig - tha Beurla aig a h-uile mac màthar ann an Alba co-dhiù.” Uill, tha iomadh rud a b’ urrainn dhomh ràdh mu dheidhinn sin. Ach canaidh mi dìreach seo – nach eil e ceart gu bheil Beurla mhath choilionta aig a h-uile duine, a h-uile mac màthar ma thogras sibh, anns an dùthaich seo.
Tha dà bhuidhinn ann anns am faighear daoine a tha nas comasaich’ air a’ Ghàidhlig na tha iad air a’ Bheurla – feadhainn òga agus seann daoine. Tha fios agam gu bheil cuid de luchd-èisteachd a’ phrògraim seo ag ionnsachadh na Gàidhlig air sgàth ’s gu bheil oghaichean aca anns na h-Eileanan Siar, oghaichean òga nach eil aig sgoil agus aig nach eil deagh Bheurla fhathast.
Agus dè mu dheidhinn seann daoine? Uill, tha cuimhn’ agam air duine neo dithis nam òige fhèin, air tìr-mòr na Gàidhealtachd ann an Siorrachd Rois, aig an robh glè bheag dhen Bheurla. Ach tha iad air falbh a-nise. Tha aon àite ann fhathast, ge-tà, far an tig thu tarsainn air seann Ghàidheil a th’ air mòran dhen Bheurla aca a chall. An t-ospadal.
Chuala mi mu dheidhinn fear a chaochail o chionn ghoirid, agus ’s e sin a thachair dhasan. Bha Gàidhlig mhath aige, ged a bha e air a bhith a’ fuireach taobh a-muigh na Gàidhealtachd airson ùine mhòir. Ach cha b’ e sin a bheachd fhèin. Thuirt e rium gu robh e a’ cleachdadh cus fhaclan Beurla air sgàth ’s gu robh e a’ dìochuimhneachadh nam faclan Gàidhlig.
Uill, ’s e rud annasach a tha anns an inntinn, ach ghabh an duine còir seo stròc agus b’ fheudar dha dhol don ospadal. Chan eil fhios a’m co-dhiù ’s e an stròc a bu choireach, neo dìreach aois, ach anns na seachdainean mu dheireadh aige, agus e na laighe anns an ospadal, chaill e a chuid Bheurla gu lèir. Cha b’ urrainn dha ach Gàidhlig a bhruidhinn.
Nise, bhiodh sin dona gu leòr ann an Alba, gu h-àraidh air a’ Ghalltachd, ach bha an duine bochd seo fada bho Alba. Bha e ann an Astràilia agus, mar a thuigeas sibh, cha robh Gàidhlig aig gin dhen luchd-obrach anns an ospadal. Gu fortanach dha, ge-tà, bha Gàidheal eile a’ fuireach anns an dearbh bhaile, a bha eòlach air, agus rachadh esan a chèilidh air gu tric. Agus bhiodh cothrom dha eadar-theangachadh a dhèanamh airson nan nursaichean.
Cha chreid mi gu bheilear a’ tuigsinn cho cumanta ’s a tha suidheachaidhean mar seo, agus thug e bliadhnaichean mus do dh’aontaich luchd-stiùiridh Ospadal an
Rathaig Mhòir, ann an Inbhir Nis, anns am bi mòran Ghàidheal a’ cur seachad ùine, Radio nan Gàidheal a chur air siostam-rèidio an ospadail. Tha mi toilichte gu bheil iad air sin a dhèanamh a-nise.
Tha mi toilichte cuideachd gun do dh’fhoillsich buidheann de dh’oileanaich ann an Steòrnabhagh, a tha a’ trèanadh airson a bhith nan nursaichean, leabhar beag o chionn ghoirid, anns a bheil abairtean Gàidhlig a bhios feumail ann an ospadal. Tha mi ’n dòchas gum faigh nursaichean is dotairean, aig nach eil Gàidhlig, cothrom an leabhar fhaighinn, gu h-àraidh ma tha iad ag obair air a’ Ghàidhealtachd neo anns na h-Eileanan. ‘S e an t-ainm a th’ air an leabhar “Tha mi a’ dol a chur a-mach”. Cò aige tha fios nach biodh e feumail air bòrd bàta cuideachd! Co-dhiù, bheir sinn sùil air cuid de na h-abairtean a tha na bhroinn an ath sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.