
23/06/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 51
Duration: 04:58
Litir 51: Sgeulachd a Ghille Charaich
An t-seachdain ’s a chaidh, gheall mi dhuibh gun innsinn dhuibh criomag de sheann sgeulachd an t-seachdain-sa. ’S e an t-ainm a th’ oirre Sgeulachd a’ Ghille Charaich, Mac na Banntraich. Agus seo am pàirt far a bheil an gille carach a’ deanamh a’ chùis air a’ bhuachaille. Aig toiseach ghnothaich, bu chòir dhomh mìneachadh gu robh an gille carach air a chur roimhe a bhith na mhèirleach agus gu robh e a’ fuireach còmhla ri fear a bha a’ teagasg na sgilean sin dha – an gadaiche dubh.
Co-dhiù, bha fear beartach anns a’ bhaile a fhuair cuireadh dhol gu banais agus dh’iarr e air a’ bhuachaille aige falbh don mhonadh airson caora a thoirt dhachaigh mar phrèasant-bainnse. Nise, bha an gille carach a’ cumail sùil air a’ bhuachaille, agus thuirt e ris a’ ghadaiche dubh, “Cuiridh mi geall gun goid mi a’ chaora sin mus ruig am buachaille an taigh aige.” Agus dh’fhalbh e a-mach. Bha aig a’ bhuachaille ri dhol tro choille agus ruith an gille carach air thoiseach air. Shalaich e tè de na brògan aige agus dh’fhàg e ann am meadhan an rathaid i. An uairsin chaidh e am falach.
Nuair a ràinig am buachaille a’ bhròg, thuirt e, “Nam biodh do leth-bhreac ann, thogainn thu is ghlanainn thu.” Ach cha robh aon bhròg gu mòran feum dha, gu h-àraidh leis gu robh i salach, agus chaidh e seachad oirre.
Bha an gille carach air a h-uile facal dheth sin a chluinntinn. Thog e a’ bhròg shalach, is ruith e mar a’ pheilear tron choille gus am faigheadh e air thoiseach air a’ bhuachaille a-rithist. An uairsin, chuir e a bhròg eile ann am meadhan an rathaid. Nuair a ràinig am buachaille an t-àite, thuirt e ris fhèin, “’s e seo leth-bhreac na bròige salaich.” Dh’fhag e a’ chaora ann a sin, agus ruith e air ais airson a’ bhròg shalach a thogail gus am biodh paidhir aige.
Agus fhad ’s a bha e air falbh, ruith an gille carach a-mach às a’ choille, thog e an darna bròg agus a’ chaora agus theich e dhachaigh gu luath.
Uill, cha robh an duine beartach ro thoilichte, ach dh’iarr e air a’ bhuachaille dhol a-mach don mhonadh a-rithist airson gobhar fhaighinn. Agus nuair a chunnaic an gille carach am buachaille, thuirt e ris a’ ghadaiche dubh, “Cuiridh mi geall gun tèid agam air an gobhar a ghoid bhuaithe mus ruig e an taigh aige.”
A-rithist, b’ fheudar don bhuachaille dhol tron choille agus ruith an gille carach air thoiseach air. Chaidh e am falach agus, nuair a bha am buachaille faisg air, thòisich e air mèilich, a’ deanamh fuaim mar a bhios caora. “O,” ars’ am buachaille ris fhèin, “’s e sin a’ chaora a chaill mi an-dè.” Cheangail e an gobhar ri craobh, agus dh’fhalbh e a lorg na caorach.
Agus fhad ’s a bha e air falbh, ghoid an gille carach an gobhar agus chaidh e dhachaigh leis. ‘S e a bha carach, seòlta gun teagamh!
Tha an sgeulachd a’ leantainn, leis a’ ghille carach a’ dèanamh a’ chùis air mòran eile. Ach bha a mhàthair air a bhith ri fàidhearachd mu dheidhinn a bhàis bho bha e na bhalach òg, nan cumadh e a’ dol mar mhèirleach. Thuirt i gun d’rachadh a chrochadh ann an Eirinn. Agus, anns an sgeulachd, tha an gille carach a’ dol a dh’Eirinn. Ach dè thachras dha mu dheireadh? Uill, mholainn gun leugh sibh an sgeulachd fhèin ann am Popular Tales of the West Highlands, Leabhar a h-aon. Tha i an dà chuid ann am Beurla is Gàidhlig agus chan eil rian nach còrd i ribh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.