
30/06/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 52
Duration: 04:41
Litir 52: Pontius Pilat
Chan eil mi buileach cinnteach cuin’ a tha Pontius Pilat a’ nochdadh airson a’ chiad turais anns a’ Bhìoball, ach tha e ri lorg tràth anns an Tiomnadh Nuadh ann an Leabhar Mhata, Caibideil seachd ar fhichead, Earrann a dhà. Sin nuair a tha ceannardan nan sagart agus an t-sluaigh air greim fhaighinn air Iosa.
Seo mar a tha an earrann sin anns an t-seann Bhìoball Ghàidhlig: “Agus air dhaibh [Iosa] a cheangal, thug iad leotha e, agus thug iad thairis e do Phontius Pilat an t-uachdaran.” Tha e inntinneach gur e uachdaran a th’ air mar thiotal. Tha sinn eòlach air an fhacal an-diugh mar a’ Ghàidhlig air landlord. Ach, o shean, bha e a’ ciallachadh “duine a bh’ air an uachdar” – duine a bha os cionn daoine eile. Governor, ruler, chief, agus landlord. Ann an Eirinn, ’s e sin am facal a th’ aca airson an cinn-suidhe – Uachtarán na h-Eireann.
Tha diofar bheachdan air Pontius Pilat am measg Chrìosdaidhean agus Iudhaich an-diugh. Tha cuid a’ cur sìos air airson mar a leig e le Iosa a bhith air a sgiùrsadh ’s air a cheusadh. Ach tha cuid eile ga mholadh airson mar a sheas e an aghaidh a’ phobaill an toiseach. Ann an Etiopia, tha mòran de na Crìosdaidhean a’ coimhead air mar naomh.
Ann am Bìoball na Cloinne, leabhar de dh’earrannan às a’ Bhìoball ann an Gàidhlig shìmplidh, seo am pìos mu dheidhinn mar a sheas Pilat, airson greis, an aghaidh an t-sluaigh a bha ag iarraidh Iosa a cheusadh:
Dh’fhuirich Iosa sàmhach. Cheasnaich Pilat e, ach chan fhaigheadh e coire dha.
“Leigidh sinn air falbh e!” ars’ esan, oir bha e na chleachdadh aon duine a leigeil saor às a’ phrìosan aig àm na Càisge.
“Leig às Barabas!” dh’èigh an sluagh, “agus ceus Iosa!”
Bha fios aig Pilat gu robh cunnart ann gun dèanadh iad buaireadh mòr nan deigheadh esan nan aghaidh. Thuirt e, ged nach b’ e sin a roghainn fhèin, gum faodadh Iosa a bhith air a sgiùrsadh mus deigheadh e chun a’ chrainn-cheusaidh.
Bidh beachd agaibh fhèin air Pilat agus na rinn e. Ach bu mhath leam sùil aithghearr a thoirt air eachdraidh an duine fhèin. Agus gu h-àraidh air toiseach a bheatha air sgàth ’s gu bheil cuid ann an Alba dhen bheachd gun do rugadh e an seo.
A rèir beul-aithris à Gleann Lìomhann rugadh Pilat ann an àite ris an canar an Dùn Geal faisg air Fartairchill. Bha athair air a chur a dh’ionnsaigh Alba le Iompaire na Ròimhe, Caesar Augustus. Dh’iarr an t-Iompaire air athair Phontius rèite a dhèanamh le Rìgh nan Albannach. Agus fhad ’s a bha e ann an Alba, rugadh leanabh-gille dha. Agus b’ e sin Pontius.
Chan eil fhios a’m a bheil susbaint sam bith ann a sin, agus chan eil fhios a’m a bheil muinntir Ghlinn Lìomhainn ga chreidsinn an-diugh. Gu dearbh, tha e coltach nach robh cus eòlais aca air
a’ sgeul tràth anns an fhicheadamh linn, co-dhiù a rèir stòiridh èibhinn a tha an sgrìobhadair Seton Gordon ag innse anns an leabhar aige Highways and Byways in the Central Highlands.
Bha fear a bha seo a’ tadhal air an sgìre, agus e a’ coimhead airson an làraich far an do rugadh an t-uachdaran Ròmanach. Dh’fhaighnich e de dh’fhear a bha ag obair an rathad, agus a bhuineadh don sgìre, càit’ an do rugadh Pontius Pilat.
“Cha chuala mi guth air an duine sin a-riamh,” fhreagair fear an rathaid.
“Ach feumaidh,” thuirt am fear-turais, “feumaidh gum bi thu a’ dol don Eaglais.”
“O bithidh,” fhreagair an duine eile. “Bithidh, ach chan eil esan anns a’ choithional agamsa!”
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.