
18/08/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 59
Duration: 05:17
Litir 59: Maoim
A bheil sibh eòlach air an fhacal “maoim”? Ma tha sinn a’ bruidhinn air daoine, tha e a’ ciallachadh eagal mòr agus mar a bhios daoine a’ teicheadh, agus an t-eagal orra. “Biodh maoim air do naimhdean” – let your enemies flee in fear.
Faodaidh eagal buaidh mhòr a thoirt air daoine. Agus tha e doirbh smachd a thoirt air. Tha seanfhacal againn a tha a’ toirt iomradh air a sin: Triùir a thig gun iarraidh – gaol, eud is eagal.
Ach uaireannan ’s e maoim a tha ag adhbharachadh maoim. Feumaidh mi mìneachadh. Tha am facal maoim cuideachd a’ ciallachadh mar a bhios rudeigin a’ dòrtadh neo a’ taomadh gu h-obann air rudeigin eile. Agus tha sinn a’ cleachdadh an fhacail le faclan eile, leithid sliabh neo talamh. Canaidh sinn maoim-slèibhe neo maoim-talmhainn airson mudslide neo landslide.
Agus dè chanadh sibh airson avalanche? Tha e inntinneach gur e facal Frangach – avalanche – a thathar a’ cleachdadh ann am Beurla. Tha facal Gàidhlig againn air a shon, ge-tà – maoim-sneachda. Tha e a’ dèanamh ciall, nach eil? Agus nach cuireadh maoim-sneachda maoim oirbhse?
Ach bu mhath leam sùil a thoirt air maoimean-talmhainn de sheòrsa sònraichte – maoimean-mòintich – neo, mar a chanas iad ann am Beurla, migratory bogs.
Bha tè ainmeil ann an Eirinn, faisg air Luimneach, anns a’ bhliadhna sia ceud deug, ceithir fichead ’s a seachd-deug (1697), a thachair an dèidh uisge trom.
Ghluais a’ mhòinteach air fad sìos am bruach, a’ toirt leatha pàircean far am biodh crodh ag ionaltradh, agus chum i a’ dol gus an do stad i air lèana aig a’ bhonn. Mu dheireadh, bha an lèana air a chòmhdachadh le mòine is poll anns an robh sia troighean deug de dhoimhneachd.
Agus bha maoim-talmhainn dhen aon seòrsa ann an Alba, anns an iar-dheas, ann an àite ris an canar Mòinteach Shalmhaigh, neo Solway Moss, anns an ochdamh linn deug. Ann an seachd ceud deug, trì fichead ’s a h-ochd (1768) chunnaic am fear-siubhail is sgrìobhadair, Tòmas Pennant, an t-àite. Bha e gu math brèagha, shaoil e. Ach ceithir bliadhna as dèidh sin, chaidh e ann a-rithist, agus bha e doirbh dha creidsinn gur e an aon àite a bh’ ann.
Bha meudachd de mhìle is sia ceud acaire anns a’ mhòintich sin, agus bha i os cionn srath breàgha, anns an robh talamh torrach. Bha a’ mhòinteach gu math fliuch is bog, ach bha uachdar cruaidh oirre a chum slàn i. Gu mi-fhortanach, ge-tà, bhuain feadhainn mòine innte, agus bhris iad an t-uachdar. Thàinig uisge trom agus, air an oidhche, chuala tuathanach anns an t-srath fuaim mòr annasach os cionn an taigh’ aige.
Fhuair e lanntair, chaidh e a-mach agus chunnaic e uisge dubh a’ sruthadh sìos am bruach. Thuig e gur e maoim-slèibhe a bh’ ann agus ruith e timcheall, a’ toirt rabhadh do nàbaidhean. Chaidh a’
mhòine is am poll thairis air achaidhean is taighean gu luath agus b’ fheudar do fheadhainn faighinn a-mach tro mhullach an taigh’ aca.
Dh’fhalbh mu thrì cheud acaire dhen mhòintich air an oidhche sin, agus chòmhdaich i ceithir cheud acaire dhen t-srath. Bha crodh gu leòr air a mharbhadh, ach fhuair na daoine aon bhò a-mach gu sàbhailte, ged a bha i suas gu a h-amhaich ann am poll airson trì fichead uair a thìde. Bha i fallain gu leòr as dèidh làimh, ach cha d’rachadh i faisg air uisge airson a chòrr de a beatha.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.