
08/09/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 62
Duration: 05:14
Litir 62: Aithnichear duine air a chuideachd
Tha seanfhacal ann – “Aithnichear duine air a chuideachd” – a man will be known by his company. Aithnichear duine air a chuideachd. Dh’fhaodamaid an seanfhacal atharrachadh rud beag airson ’s gum biodh e fìor mun Ghàidhlig a bharrachd air daoine. ’S ann tric a tha luchd-ionnsachaidh a’ faighneachd dhiom, “ciamar a dh’aithnicheas mi facal a tha fireann is facal a tha boireann.” Agus ’s i an fhreagairt as fheàrr – le a chuideachd.
Seo an “seanfhacal” ùr agam – “aithnichear gnè an ainmeir air a bhuadhair” – the gender of a noun will be known by its adjective. Aithnichear gnè an ainmeir air a bhuadhair. Tha mi a’ ciallachadh le sin, gu bheil e cuideachail ainmear agus buadhair ionnsachadh còmhla. Bòrd mòr, uinneag mhòr, doras beag, eala bhàn is mar sin air adhart.
Ma tha am buadhair air a shèimheachadh (neo lenited) tha an t-ainmear boireann. Mura h-eil, tha e fireann. De mu dheidhinn “caora”, mar eisimpleir? An canadh tu “caora mòr” airson big sheep neo “caora mhòr”? Uill, chanadh tu “caora mhòr”, nach canadh? Mar sin, ’s e facal boireann a th’ ann an “caora”.
Tha dòighean eile airson gnè fhaclan a chuimhneachadh, agus gheibh sibh sin ann an leabhar-gràmair sam bith, ach bu mhath leam an-diugh sùil a thoirt air cuid de dh’fhaclan a bhios ag atharrachadh an gnè bho àite gu àite, agus bho thuiseal gu tuiseal.
Tha “muileann” na eisimpleir de dh’fhacal a dh’atharraicheas a ghnè bho sgìre gu sgìre. Tha caraid dhomh ann an Siorrachd Rois a’ fuireach ann am Bail’ a’ Mhuilinn. A bheil muileann boireann neo fireann ann a sin? Uill, tha mi an dòchas gun do dh’obraich sibh a-mach gu bheil e fireann. Airson “the mill”, canaidh daoine “am muileann”.
Ach tha loch ann an Sgìre Uig’ ann an Leòdhas air a bheil “Loch na Muilne” mar ainm. Anns an sgìre sin, tha “muileann” boireann, agus airson “the mill”, canaidh daoine “a’ mhuileann”. Far nach eil Gàidhlig làidir mar chànan dùthchasach an-diugh, leithid ann an Inbhir Nis, agus far nach eil e follaiseach dè chanadh muinntir an àite o shean, bidh sin a’ fàgail taghadh aig na Gaidheil. Mar eisimpleir, airson “Millburn Academy”, bidh cuid ag ràdh “Ard-sgoil Allt a’ Mhuilinn”. Ach tha feadhainn ann a chanas “Ard-sgoil Allt na Muilne.” A thaobh gràmair, tha an dà chuid ceart.
’S e “tobar” eisimpleir eile de dh’fhaclan a dh’atharraicheas an gnè bho sgìre gu sgìre. Agus, mar an ceudna, “ceò” agus “dealbh”. Ach tha cuid de dh’fhaclan Gàidhlig nas duilghe na sin, leis gu bheil iad atharrachadh an gnè bho thuiseal gu tuiseal. Thàinig seo gu m’ aire o chionn ghoirid nuair a bha mi a’ bruidhinn ri buidheann o thall thairis mu dheidhinn ainmean-àite ann an Alba.
“Dè,” dh’fhaighnich fear aca a bha rudeigin feallsanachail, “dè an gnè a th’ aig an fhacal Gàidhlig airson ‘earth’. An robh na Gaidheil o shean a’ coimhead air ‘Mother Earth’ mar rud boireann?” Uill, b’ fheudar dhomh smaoineachadh airson mionaid! ’S e am facal a thagh mi airson “earth” – “talamh”. Canaidh sinn talamh tioram, is chan e talamh thioram. B’ fheudar dhomh innse dha gur e facal fireann a bh’ ann.
Ach fuirich mionaid! Ciamar a chanas sinn “the surface of the earth”? Uachdar na talmhainn. Mar sin, anns an tuiseal ghinideach, neo genitive case, tha talamh boireann! Tha amharas agam gum bi mo charaid fhathast a’ beachdachadh air dè tha sin a’ ciallachadh! Dhomhsa, tha e a’ ciallachadh gu feum sinn a bhith mothachail nach eil riaghailt-ghràmair sam bith ann nach gabh briseadh!
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine:
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.