
15/09/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 63
Duration: 04:59
Litir 63: Faclan co-cheangailte ri tìr
An t-seachdain ’s a chaidh, dh’innis mi dhuibh mu fhacal Gàidhlig a tha ag atharrachadh a ghnè bho thuiseal gu tuiseal – talamh. Bidh cuimhn’ agaibh gu bheil e fireann anns a’ chuid as motha de shuidheachaidhean, ach boireann anns an tuiseal ghinideach. Agus ma leugh sibh a’ phuing-ghràmair anns a’ Phàipear Bheag neo air an eadar-lìon, bidh cuimhn’ agaibh gu bheil sin fìor mun fhacal cruinne cuideachd.
Tha e inntinneach gu bheil an dà fhacal sin co-cheangailte ri tìr. Agus seallaibh air an fhacal tìr fhèin. Tha a’ chuid as motha de sheann fhaclairean ag innse dhuinn gu bheil e fireann. Agus, gu dearbh, canaidh sinn tìr-mòr airson mainland is chan e tìr-mhòr – anns a’ chuid as motha de dh’àiteachan co-dhiù. Ach ciamar a chanas sinn of the land? Dè an coltas a th’ air an fhacal anns an tuiseal ghinideach?
A rèir cuid mhòr de dh’fhaclairean an latha an-diugh, ’s e na tìre. Canaidh sinn coltas na tìre, mar eisimpleir. Anns an t-suidheachadh sin, tha tìr ag obair mar fhacal boireann. Agus chan e dìreach faclan co-cheangailte ris an talamh a tha ag atharrachadh an gnè mar sin. Air falbh on tìr, tha am facal muir ag atharrachadh a ghnè cuideachd.
Dhomhsa, agus do mhòran eile, tha muir boireann. Airson the sea, canaidh sinn a’ mhuir. Tha a’ mhuir ciùin an-diugh. Anns an tuiseal ghinideach, tha e ag obair ann an dòigh an ìre mhath àbhaisteach; canaidh sinn na mara. “Taigh na mara” – sin soighne a chì sibh air mòran thaighean air taobh siar na Gaidhealtachd. Agus ’s dòcha gun cuala sibh an seanfhacal “A’ taomadh na mara le cliabh” – bailing the sea with a creel. Bha e a’ taomadh na mara le cliabh. Tha sin a’ ciallachadh gu robh e a’ dèanamh obair mhòr, ’s dòcha, ach obair gun fheum. Obair nach tigeadh gu crìch a-chaoidh.
Ann an cuid de dh’àiteachan, leithid ann am pàirtean de Leòdhas, ge-tà, tha muir fireann. Airson the sea, canaidh daoine am muir. Agus airson of the sea, canaidh iad a’ mhara. Agus tha àiteachan ann far a bheil muir ag obair mar a tha talamh. Canaidh daoine am muir mar gu bheil e fireann, ach canaidh iad cuideachd na mara mar gu bheil e boireann anns an tuiseal ghinideach.
Mus fhàg sinn gnè fhaclan, bu mhath leam ur n-aire a thoirt do riaghailt eile a th’ air a briseadh an siud ’s an seo. Mar is trice, ma tha ainmhidh neo duine fireann, bidh am facal air a shon fireann cuideachd, mar eisimpleir, tarbh neo damh neo fear. Agus ma tha e boireann, bidh am facal boireann, leithid bò neo eilid neo bean.
Ach tha cuid de dh’fhaclan ann a bhriseas an riaghailt sin. Bidh sibh eòlach air boireannach mar thà. Tha am facal sin fireann. Agus ged a bhios capall uaireannan a’ ciallachadh “each boireann” agus ged a bhios mart uaireannan a’ ciallachadh “bò”, tha na faclan sin an-còmhnaidh fireann.
Agus tha am facal sgalag an-còmhnaidh a’ ciallachadh “fear a bhios ag obair air tuathanas”. Feumaidh an neach fhèin a bhith fireann. Ach tha am facal boireann. Canaidh sinn “an sgalag bheag” is “làmh na sgalaige bige”. ’S dòcha gum bi cuid agaibh airson faighneachd “carson?”. Carson a tha an cànan mar sin? Uill, leis an fhìrinn innse, chan eil fhios a’m. Agus nan toisichinn air rannsachadh air a sin, tha amharas agam gum biodh e car coltach ri bhith a’ taomadh na mara le cliabh!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.