Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 68: Buadhairean

Ho ro, mo nighean donn bhòidheach. Hi ri, mo nighean donn bhòidheach… Bidh sibh eòlach air an òran, tha mi cinnteach. Ach an do bhuail e oirbh a-riamh mar a tha an dà bhuadhair, an dà adjective, ag obair ann an dòigh eadar-dhealaichte. Chan e mo nighean dhonn bhòidheach a chanas sinn, ach mo nighean donn bhòidheach.

Aig a’ chiad shealladh tha sin rudeigin annasach, leis gu bheil am facal nighean boireann, mar a shaoileadh tu, agus tha e a’ sèimheachadh an fhacail bòidheach, ach chan eil e a’ sèimheachadh donn. ’S e is coireach airson sin am fuaim, agus an dòigh sa bheil an teanga is am beul a’ gluasad. An dèidh “n” aig deireadh facail boirinn, mar is trice, cha bhithear a’ sèimheachadh “d” neo “t” neo “s” aig toiseach a’ bhuadhair.

Seo eisimpleirean far nach eil an “d” air a shèimheachadh: canaidh sinn beinn mhòr ach beinn dearg, sgian bheag ach sgian dubh, Clann Ghriogair ach Clann Dòmhnaill. Tha an aon seòrsa rud a’ tachairt le “t”, mar eisimpleir canaidh sinn nighean tana, is chan e nighean thana mar a bhiodh dùil ’s dòcha. Canaidh sinn bean tuigseach, seach bean thuigseach, agus glùn tachaiseach, seach glùn thachaiseach. Agus seo eisimpleirean le faclan a’ tòiseachadh le “s”: ealtainn gheur ach ealtainn salach; madainn mhath ach madainn sàmhach, clann mhòr ach clann seang.

Agus tha an dearbh rud a’ tachairt leis a’ bhuadhair “seann”. Bidh cuimhn’ agaibh gu bheil grunn bhuadhairean ann a tha a’ dol air thoiseach air an ainmear, air thoiseach air a noun, seach as a dhèidh. ’S iad “deagh”, “droch” agus “prìomh” eisimpleirean dhiubh. Agus bidh cuimhn’ agaibh gu bheil na buadhairean sin a’ sèimheachadh an ainmeir as an dèidh.

Mar eisimpleir, canaidh sinn droch dhuine, is chan e droch duine; Prìomh Mhinistear, seach Prìomh Ministear; agus deagh sheachdain an àite deagh seachdain. Uill, tha an aon rud a’ tachairt le “seann”, a tha cuideachd a’ dol ron ainmear. Ach tha seann a’ crìochnachadh le “n”. Agus, mar is trice, cha bhi e a’ sèimheachadh fhaclan as a dhèidh, a tha a’ tòiseachadh le “d”, “t” neo “s”.

Dè chanas sinn airson old house, ma-thà? Seann thaigh? Chan e, ach seann taigh. Dè mu dheidhinn old people? Uill, ’s dòcha gum bi fios agaibh mar-thà gur e seann daoine, seach seann dhaoine a th’ ann. Agus airson old saucer, canaidh sinn seann sàsar, seach seann shàsar.

Tha a leithid ri fhaicinn ann an ainmean-àite cuideachd, gu h-àraidh leis na dathan cumanta, dubh is dearg, an dèidh n. Dh’ainmich mi Beinn Dearg mar-thà, is tha mòran dhiubh sin air a’ Ghaidhealtachd, ach seo dà eisimpleir eile – Bidean an Eòin Deirg, faisg air Ach nan Seileach ann an Siorrachd Rois, agus Cruach an Fhearainn Duibh ri taobh Loch nan Uamh ann an Lochabair.

Agus seo eisimpleir eile. Dè a’ Ghàidhlig a th’ air big dogs? A bheil e agaibh? Coin mhòra. Bidh sibh a’ cuimhneachadh gu bheil ainmearan, a bhios air a chaolachadh nuair a tha iad iolra neo plural, a’ sèimheachadh a’ bhuadhair a tha a’ dol còmhla riutha. Coin mhòra, ma-thà. Ach dè a’ Ghàidhlig a th’ air black dogs? A bheil sin agaibh? Coin dubha. Chan eil an sèimheachadh ann as dèidh an “n”.

O shean, bha seòrsa de choin ann air an robh “coin dubha Ghriogarach”. Chaidh an ainmeachadh mar sin air sgàth ’s gu robh iad air an cleachdadh airson muinntir Clann Ghriogair a lorg nuair bha iad air an comharrachadh leis an riaghaltas mar eucoirich. Coin dubha, gu dearbh.

Faclan na seachdaine

buadhair: adjective; sèimheachadh: lenition; Clann Ghriogair: theMacGregors; Clann Dòmhnaill: the MacDonalds (Clan Donald); tuigseach: understanding;glùn: knee; tachaiseach: itchy; ealtainn: razor; seang: slender, lean;

Abairtean na seachdaine

tha an dearbh rud a’ tachairt le X: the same thing happens withX; tha a leithid ri fhaicinn ann an ainmean-àite cuideachd: the same type of thing is to beseen in place names as well; Bidean an Eòin Deirg: pinnacle of the red bird; Cruach anFhearainn Duibh: rounded hill of the black land; bidh sibh a’ cuimhneachadh gu bheilainmearan, a bhios air a chaolachadh nuair a tha iad iolra, a’ sèimheachadh a’ bhuadhair atha a’ dol còmhla riutha: you will remember that nouns, which are slenderised when they areplural, lenite the adjective which goes with them; bha seòrsa de choin ann air an robh “coindubha Ghriogarach”: there was a type of dog(s) known as the “black dogs of MacGregors”;nuair a bha iad air an comharrachadh leis an riaghaltas mar eucoirich: when they wereclassified by the government as criminals; coin dubha, gu dearbh: evil dogs, indeed (dubhmay also mean “evil”).

Puing ghràmair na seachdaine

The substance of this week’s Litir is the general tendencyfor words starting with “d”, “t” or “s” (sometimes called the “dental consonants”) not tobe lenited after a terminal “n” on the previous word, even where the “normal”grammatical rules would demand a lenition. This is the reason that the famous “blackknife” of the Gaidhealtachd is a sgian dubh (often horribly anglified to “skean dhu”, withthe “dh” pronounced as a “d”), and not a sgian dhubh as might be expected, given thatsgian is a feminine noun. The same occurrence explains why we have mountains calledBeinn Bhàn, with the adjective lenited following the feminine noun, but several others calledBeinn Dearg, without the lenition. Similarly, while “the head of the white dog” would beceann a’ choin ghil, “the head of the black dog” would be ceann a’ choin duibh, with anunlenited “d” following the “n”. This also explains why we say seann dotair, seann tarbhand seann sàbh, when the adjective seann would normally lenite the following consonant (egseann charbad, seann mhansa). How would you say in Gaelic “the red pens”?

elic/litir/pdf/001_100/litir068.pdf

An do bhuail e oirbh a-riamh?: did it ever occur to you?

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast