
01/12/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 74
Duration: 04:51
Litir 74: Rannsachadh
Uaireannan, bidh sinn a’ cleachdadh faclan airson bliadhnaichean gun fios a bhith againn cò às a thàinig iad bho thùs. Tha eisimpleir againn anns an fhacal teòclaid neo, ann am Beurla, chocolate. Thàinig am facal sin a-steach don Bheurla anns an t-seachdamh linn deug bhon Spàinntis, chocolate.
Ach chan e facal Spainntis a bh’ ann bho thùs. Thog na Spàinntich e thall ann am Mexico bhon treubh ainmeil anns an dùthaich sin, na h-Aztecs. Ann an Aztec, agus gabhaibh mo leisgeul ma tha mi ga ràdh gu ceàrr, ’s e xocolatl a bh’ ann, agus thàinig e bho dhà fhacal anns a’ chànan aca, xococ, a tha a’ ciallachadh “searbh”, agus atl, a tha a’ ciallachadh “uisge”. Mar sin, tha co-dhiù aon fhacal againn ann an Gàidhlig a thàinig bho thùs bho chànan nan Aztecs.
’S e a thug orm smaoineachadh mu dheidhinn seo gu robh mi a’ dèanamh beagan rannsachaidh. Seadh, bha mi a’ rannsachadh. Agus dè thàinig fo m’ aire ach am facal sin fhèin – rannsachadh. An latha an-diugh, cluinnear gu math tric e, gu h-àraidh anns na naidheachdan air an rèidio agus air telebhisean. Tha e co-ionann ris an fhacal research neo inquiry ann am Beurla.
Canaidh sinn ionad-rannsachaidh airson research institute, sgioba-rannsachaidh airson research team, rannsachadh poblach airson public inquiry is mar sin air adhart. Cluinnidh sibh rudan air an rèidio mar “tha am poilis a’ rannsachadh bàs fir ann an Glaschu.” ’S e cuideachd am facal a tha sinn a’ cleachdadh far a bheilear ag ràdh explore neo exploration ann am Beurla. ’S e fear-rannsachaidh ainmeil a bh’ ann an Daibhidh Mac Dhunleibhe, ann an Afraga, mar eisimpleir.
Ach, ma bheir sibh sùil ann am faclair, chì sibh gu bheil am facal cuideachd a’ ciallachadh “a’ coimhead airson rudeigin”, “a’ rùrachadh” agus “a’ sgrùdadh”. Nuair a bhios an gille agam ag iarraidh stocainnean a lorg anns a’ mhadainn, feumaidh e uaireannan rannsachadh mòr a dhèanamh anns an t-seòmar aige, leis na th’ ann de stuth aige, agus e gu lèir mì-sgiobalta!
Tha a’ chiall sin nas fhaisge air a’ chiall a bh’ air an fhacal rannsachadh aig tùs. Agus cò às a thàinig am facal? Uill, a rèir nan sgoilearan, ’s ann à cànan nan Lochlannach a thàinig e. Ann an Lochlannais, ’s e rannsaka a bh’ ann. Thàinig e bho dhà fhacal anns a’ chànan sin – rann, a’ ciallachadh taigh, agus saka, a’ ciallachadh lorg, neo coimhead airson rudeigin. Rannsaka.
Nise, bidh sibh eòlach air facal Beurla a thàinig bho na dearbh fhreumhan Lochlannach. Ransack. Tha sin a’ ciallachadh an-diugh “a’ milleadh”, neo “a’ creachadh”. Ach tha e cuideachd a’ ciallachadh “a’ coimhead gu mionaideach airson rudeigin ann an taigh, neo bocsa, neo àite dhen t-seòrsa”. Is tha an dearbh chiall fhathast aig rannsachadh anns a’ chànan againn fhèin.
Tha smuain a’ cuairteachadh nam cheann mu na Lochlannaich nuair a thàinig iad a dh’Alba an toiseach, agus iad a’ togail chreach anns na manachainnean agus taighean aig na Gaidheil air cladaichean na dùthcha. Tha mi a’ faicinn nam inntinn dealbh de bhalach òg a’ ruith a dh’ionnsaigh an taigh’ aige air costa siar na Gaidhealtachd, agus an t-eagal air.
“A Mhamaidh, a Mhamaidh,” tha e ag èigheachd, “tha Lochlannaich a’ tighinn. Daoine mòra le clogaidean is claidheamhan.”
“O,” tha a mhàthair ag ràdh, “tha iad a’ tilleadh – airson tuilleadh dhen ‘rannsachadh’ aca a dhèanamh.”
“Och uill, tha sin math gu leòr, ma thà,” tha am balach a’ freagairt. “Tha mi an dòchas, ge-tà, nach cur iad cus cheistean orm!”
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.