
29/12/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 78
Duration: 05:13
Litir 78: Na Mìosan
’S e a’ chiad mhìos dhen bhliadhna, ann am Beurla – January, a tha a’ faighinn ainm bho sheann dia Ròmanach. Ach, gu h-eachdraidheil, chanadh na Sasannaich am wolf-month ris, agus ’s e an ìre mhath an aon ainm a tha againn dha ann an Gàidhlig – am Faoilleach. ’S e faol seann fhacal airson madadh-allaidh, agus bha an t-ainm Faolan (neo madadh-allaidh beag) gu math cumanta am measg fir na Gaidhealtachd o shean. Tha e againn fhathast anns an ainm-chinnidh, MacIllFhaolain, neo mar a theirear ann am Beurla, MacLellan.
Tha mi a’ dèanamh dheth gur e is coireach gu bheil am Faoilleach air a’ mhìos seo gur e sin an t-àm sam biodh na madaidhean-allaidh gu math acrach, agus sneachd air feadh na dùthcha. Thigeadh iad do na bailtean, a’ coimhead airson biadh agus, uaireannan, dheanadh iad sgrios.
Ach feumaidh mi rudeigin cudthromach a ràdh mu dheidhinn an Fhaoillich. Ged a tha sinn an-diugh ga thomhas mar co-ionann ri January, cha b’ ann mar sin a bha e o shean. Do na seann Ghaidheil, b’ e am Faoilleach an ceala-deug mu dheireadh dhen gheamhradh, agus a’ chiad cheala-deug dhen earrach. Bha sin na b’ fhaisge air a bhith co-ionann ri February, seach January.
Agus tha dearbhadh air a sin anns an t-seanfhacal seo: chan eil port a sheinneas an smeòrach san Fhaoilleach, nach gul i seachd uairean mus ruith an t-earrach. Canaidh mi sin a-rithist gus an greimich sibh air: Chan eil port a sheinneas an smeòrach san Fhaoilleach, nach gul i seachd uairean mus ruith an t-earrach. ’S gann gun cluinnear smeòrach anns an Fhaoilleach mar a tha e an-diugh – a’ chiad mhìos dhen bhliadhna. Agus seo abairt eile a bhios feumail dhuibh. Ma chluinneas sibh naidheachd nach gabh creidsinn, neo a tha gu math eu-coltach, dh’fhaodadh sibh a ràdh, “tha sin mar smeuran dubha san Fhaoilleach.”
’S e an ath mhìos an Gearran a tha an-diugh co-ionann ri February. Tha am facal gearran cuideachd a’ ciallachadh “each fireann a th’ air a spothadh”, agus tha e coltach gu bheil ceangal ann eadar na dhà, agus gun deach ainm a’ bheathaich a chur air gaoth a thigeadh aig an àm sin a h-uile bliadhna. Tha an treas mìos, am Màrt, furast’ a chuimhneachadh leis gu bheil e cho coltach ri March ann am Beurla. Thàinig an dà ainm bhon Laidinn, Martius, mìos Mhars. B’ e Mars dia a’ chogaidh anns an t-seann Ròimh.
Ach, a-rithist, do na Gaidheil o shean, bhiodh am Màrt a’ gluasad anns a’ mhìosachan a rèir na h-aimsir. Bha e a’ ciallachadh dhaibhsan – an t-àm anns am biodh obair nan tuathanach a’ tòiseachadh. Chuireadh iad sìol anns a’ Mhàrt, ach chan ann ro thràth anns a’ Mhàrt. Bha e cudthromach dhaibh nach nochdadh na duilleagan bhon t-sìol gus am biodh am Màrt seachad. Agus tha sean-fhacal ann mu dheidhinn sin: Am feur a thig a-mach sa Mhàrt, thèid e a-staigh sa Ghiblean. Am feur a thig a-mach sa Mhàrt, thèid e a-staigh sa Ghiblean. Tha sin a’ ciallachadh – ma nì sibh rudeigin ro thràth, nuair nach eil an t-àm freagarrach air a shon, nach soirbhich leibh.
Agus ’s e an Giblean an ath-mhìos anns a’ mhìosachan. As dèidh sin, thig an Cèitean. Canaidh feadhainn a’ Chèitean ris, seach an Cèitean, is canaidh feadhainn eile a’ Mhàigh. Tha an Ceitean a’ ciallachadh a’ chiad phàirt dhen t-samhradh, agus bidh Gaidheil tric is minig a’ moladh a’ mhìosa seo – mar a chì sinn anns an ath litir, nuair a bheir sinn sùil air a’ Chèitean, agus air a’ chòrr de mhìosachan nan Gaidheal.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine
Sean-fhaclan na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.