
05/01/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 79
Duration: 05:10
Litir 79: Na mìosan
A’ dol thar Allt an t-Siùcair air madainn chùbhraidh Chèit’… A bheil sibh ag aithneachadh sin? Tha e bho “Allt an t-Siùcair”, òran a chaidh a sgrìobhadh leis a’ bhàrd ainmeil, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair. ’S ann tric a chithear na faclan sin – air madainn chùbhraidh Chèit’ - ann am bàrdachd Ghàidhlig.
Tha “Chèit” goirid airson Chèitein – am mìos mu dheireadh air an tug sinn sùil an t-seachdain ’s a chaidh. ’S e am mìos a tha a’ leantainn air – an t-Ogmhìos – am fear anns a bheil rudan a’ fàs gu mòr, ag ùrachadh na talmhainn. As dèidh sin, bidh an seachdamh mìos dhen bhliadhna againn – an t-Iuchar.
Thathar a’ smaoineachadh gun tàinig am facal sin, Iuchar, bho futhar, an t-àm as teotha san t-samhradh. O shean, chanadh muinntir na Beurla na “dog days” ris na làithean seo air sgàth ’s gur e seo an t-àm dhen bhliadhna nuair a bhios an rionnag ris an canar an “dog star”, neo “Sirius” ag èirigh agus a’ dol fodha aig an aon àm ris a’ ghrèin. Agus ’s e an t-ainm a th’ air an rionnaig seo, neo an reul seo, ann an Gàidhlig – Reul an Iuchair.
’S e an Lùnasdal a’ Ghàidhlig air August. Tha an t-ainm a’ tighinn bhon t-seann dia, Lugh. B’ e dia na grèine a bh’ ann do na Gaidheil phàganach, agus bhathar ag adhradh dha aig an àm seo dhen bhliadhna. As dèidh sin, bidh an t-Sultain ann. Tha sin a’ tighinn bhon fhacal sult, a tha a’ ciallachadh reamhrachd. ’S e sin an t-àm dhen bhliadhna nuair a bhios beathaichean, mar chrodh is caoraich, a’ fàs reamhar, mus tig an geamhradh.
’S e an deicheamh mìos dhen bhliadhna an Dàmhair, an t-àm nuair a bhios an damh a’ bùirich, a’ dèanamh fuaim mòr anns na glinn. Tha e coltach gur e an darna pàirt dhen fhacal – dàir – a tha a’ ciallachadh “bùireadh”. Damh-dàir – an Dàmhair. Nach eil e math gu bheil an t-ainm air a’ mhìos sin, agus air mòran eile, a’ tighinn bhon àrainneachd againn fhìn, seach bho chleachdadh Ròmanach.
Agus tha sinn gar tilleadh don dà mhìos air an tug sinn sùil o chionn ceala-deug – an t-Samhain, agus am mìos a th’ againn a-nise – an Dùbhlachd. Sin na mìosan ann an Gàidhlig an latha an-diugh, ma thà. Ach tha dà rud ann a dh’fheumas mi ràdh mun deidhinn. Anns a’ chiad dol a-mach, ’s ann tric a bhios Gaidheil a’ cleachdadh nan ainmean Beurla, seach an fheadhainn Ghàidhlig. Agus, a bharrachd air a sin, nuair a leughas sibh seann sgrìobhaidhean Gàidhlig, cuimhnichibh nach robh an t-ùghdar uaireannan dhen bheachd gun tigeadh, agus gum falbhadh, gach “mìos” a rèir a’ mhìosachain, neo co-dhiù a rèir mìosachan na Beurla.
Seo criomag às òran a sgrìobh am bàrd, Dòmhnall MacEacharn, a rugadh ann an Diùra ann an ochd ceud deug, is sia-deug ar fhichead (1836). ’S e an t-ainm a th’ air “Cuairt san Fhrìth”.
An crann fo bhlàth san òg-mhìos Mhàigh,
An geamhradh dh’fhàg gun bhlàth gun bhrìgh,
Is ionann sin ’s mar tha mi ’n-dràst’,
Gun sunnd, gun chàil, am ànrach sgìth.
An crann fo bhlàth san òg-mhìos Mhàigh? Tha Dòmhnall a’ cleachdadh òg-mhìos, chan ann mar a’ Ghàidhlig air June, ach mar “mìos òg”, mìos far am bi an talamh air ùrachadh le fàs. Dhasan, ’s e a’ Mhàigh “an t-òg-mhìos”. Ach tha e a’ cleachdadh “an Cèitean” cuideachd na bhàrdachd. Fàgaidh mi sibh an t-seachdain-sa le rann bhon òran aige, “Anna Mhìn, Mheall-Shùileach”:
Is cuimhne leam nuair bha sinn
Nar cloinn a’ ruith mun àirigh,
’S do chuailean donn bu tlàithe
A’ snàmh san oiteig Chèitein…
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.