
09/03/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 88
Duration: 05:05
Litir 88: Uilleam Ros
Bha e na bhriseadh-cridhe don bhàrd, Uilleam Ros, nuair a chuala e gu robh a leannan, Mòr Ros, air pòsadh, agus gu robh i air a dhol a dh’fhuireach ann an Sasainn còmhla ris an duine aice. Sgrìobh e an uairsin an dàn, neo òran, air an do chuir e “Oran Cumhaidh” mar ainm. Gu dearbh, ’s e cumha a th’ ann.
Tha còig rannan deug anns an òran mar a sgrìobh am bàrd e. Agus sgrìobh e e airson a bhith air a sheinn, air an fhonn “Robai dona gòrach”. Tha cuid de na rannan nach bi aithnichte idir don mhòr-shluagh an-diugh, ach ’s ann tearc a tha na Gaidheil nach aithnich an deicheamh rann. ’S e sin, mar as trice, a’ chiad rann dhen òran mar a tha e air a sheinn an-diugh. Bheireadh e cus ùine na còig rannan deug gu lèir a sheinn.
Is truagh nach d’ rugadh dall mi, gun chainnt is gun lèirsinn. Sin mar a tha e a’ tòiseachadh. ’S dòcha gu bheil sibh ga aithneachadh. Seo an rann gu lèir:
Is truagh nach d’ rugadh dall mi,
Gun chainnt is gun lèirsinn.
Mus fhac’ mi d’ aghaidh bhaindidh,
Rinn aimhleas nan ceudan.
O’n chunna’ mi air thùs thu,
Bu chliùiteach do bheusan,
Gum b’ fhasa leam am bàs
Na bhith làthair as d’ eugmhais.
’S ann mar sin a tha na briathran nuair a tha an t-òran air a sheinn. Ach chan ann buileach mar sin a chaidh an sgrìobhadh. Anns a’ chiad loighne, an àite Is truagh nach d’ rugadh dall mi, sgrìobh Ros, Carson nach d’ rugadh dall mi..? Agus tha diofar ann cuideachd anns an dà loighne mu dheireadh. Sgrìobh am bàrd, “Chan fhasa leam nam bàs, a bhith làthair as d’ eugmhais.” Ach, ged a tha an diofar sin ann, chan eil diofar mòr sam bith air a’ bhrìgh. Mar a sgrìobh am bàrd ann an rann eile…
…cha d’fhuair mise sgeul
Ann am Beurla neo Gàidhlig,
A dh’innseadh dhomh mar dh’fhaotainn
An gaol ud a smàladh
’S toil leam am pìos seo cuideachd a tha, mar as trice, air a sheinn mar dharna rann:
Gur binne leam do chòmhradh
na smeòrach nan geugan,
Na cuach sa mhadainn Mhàighe,
’s na clàrsach nan teudan,
Nan t-Easbaig air Latha Dòmhnaich,
’s am mòr-shluagh ga èisteachd,
Neo ged a chunntadh stòras
na h-Eòrpa gu lèir dhomh.
Anns an òran thùsail tha am bàrd a-mach tric air fear Cormac, ged nach bi seo a’ nochdadh anns an òran a th’ air a sheinn.
Ach siud mar sheinneadh Cormac,
’s e dearmad a chiad ghaoil…
Bha an Cormac seo na chlàrsair Eireannach a bha ainmeil, aig an àm ud, ann am beul-aithris. Gu bitheanta air a’ Ghaidhealtachd anns an dà dhùthaich – Eirinn agus Alba – bhiodh na clàrsairean a’ siubhal bho àite gu àite is, gu dearbh, bho dhùthaich gu dùthaich, mar gur e aon dùthaich a bh’ ann, a’ dèanamh am bith-beò eatarra. Agus thàinig Cormac a dh’Alba, far an do chuir e seachad bliadhnaichean còmhla ri ceann-feadhna Clann ’icLeòid ann an Leòdhas. Agus ann a sin … uill … chan urrainn dhomh innse dhuibh an-dràsta gu dè dh’èirich dha. Cha cheadaich an ùine mi.
Ach cluinnidh sibh an sgeul an ath-sheachdain, agus tuigidh sibh an uairsin carson a rinn am bàrd, Uilleam Ros, coimeas eadar e fhèin is an clàrsair, Cormac. Agus tuigidh sibh carson a bha e duilich, ann an dòigh, nach robh Ros na chlàrsair, seach bàrd. Ach an-dràsta, leigidh mi soraidh leibh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.