
04/05/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 96
Duration: 05:18
Litir 96: Sgeulachd thraidiseanta
Bha tuathanach ann uaireigin a bha beartach. Bha triùir mhac aige agus nuair a bha e air leabaidh a bhàis, thuirt e riutha, “anns an dràthair agam anns an t-seòmar eile, gheibh sibh suim òir. Roghnaichibh i eadaraibh gu cothromach.”
Goirid as dèidh sin, chaochail e. Nuair a bha an tiodhlacadh seachad, chaidh na bràithrean còmhla don dràthair. Ach bha e falamh. “Chan eil fios gu robh òr a-riamh ann,” thuirt am fear a b’ òige.
“Feumaidh gu robh,” thuirt an darna mac.
“Cha do dh’innse ar n-athair breug a-riamh,” thuirt am fear a bu shine.
Chaidh iad còmhla gu taigh bodaich. Bha am bodach gu math eòlach air an athair, agus dh’iarr e air na bràithrean fuireach còmhla ris airson deich latha gus am faigheadh e cothrom smaoineachadh mu dheidhinn an t-suidheachaidh. As dèidh deich latha, dh’iarr e orra coinneachadh ris. Thòisich e air sgeulachd innse.
“Bha uaireigin gille,” thuirt e, “a bha bochd. Ghabh e trom-ghaol air nighean nàbaidh a bha beartach, agus ghabh ise gaol airsan. Ach, leis cho bochd ’s a bha e, cha b’ urrainn dhaibh pòsadh. Thug iad gealladh-pòsaidh do chàch a chèile, ge-tà, agus dh’fhalbh an duine òg a dh’fhuireach anns an taigh aige fhèin.
As dèidh greis, thàinig suirghiche eile. Bha esan gu math beartach agus thug athair na h-ìghne oirre an duine seo a phòsadh, agus ’s e sin a thachair. As dèidh na bainnse, lorg an duine a bhean ùr anns an t-seòmar-chadail, agus i a’ gul is a’ caoineadh. ‘Dè tha a’ cur ort?’ dh’fhaighnich e, agus mhìnich i dha mar a bha i air gealladh-pòsaidh a thoirt don fhear eile.
‘Thig còmhla rium,’ thuirt an duine rithe, agus chuir e air muin-eich i. Chaidh iad còmhla air an each gu taigh an fhir bhochd. Chuir an duine a bhean ùr air an stàirsnich, chnog e an doras agus dh’fhalbh e.
Thàinig am fear bochd don doras. Cò bh’ ann ach an leannan aige, agus dreasa-bhainnse oirre. ‘Dè tha thu a’ dèanamh an seo?’ dh’fhaighnich e, agus dh’innis i dha gu dè bh’ air tachairt. ‘Fuirich an seo,’ thuirt e, agus dh’fhalbh e air an each gu taigh an t-sagairt.
Thug e an sagart dhachaigh leis, agus dh’fhuasgail an sagart am boireannach bhon ghealladh-pòsaidh a bha i air a thoirt don duine bochd. Chuir an duine bochd air muin an eich i, agus thuirt e rithe, ‘a-nise thalla dhachaigh gu taigh do chèile.’
Ach cha robh i air a dhol fada nuair a thachair i ri triùir robairean a chuir an greim i. ‘Leigibh leam dhol don duine agam,’ thuirt i riutha. ‘Tha an duine dha robh mi geallta roimhe air mo shaoradh. Seo agaibh deich not’ ann an òr. Gabhaibh e agus leigibh saor mi.’
‘Bheir mi dhachaigh thu,’ thuirt fear de na robairean, ‘cha ghabh mi sgillinn bhuat.’ Ach cha robh an dithis eile cho truasail agus, mus do dh’fhalbh i, ghoid iad an t-òr bhuaipe.”
“Nise,” dh’fhaighnich am bodach dhen triùir bhràithrean, “cò an duine a b’ fheàrr a bh’ ann.”
“Am fear a thug am boireannach don duine dha robh i geallta roimhe,” thuirt am bràthair a bu shine. “Bha esan onarach.”
“Ach rinn am fear a bha fo ghealladh-pòsaidh na b’ fheàrr nuair a thug esan don duine eile i,” thuirt an darna mac.
“Ge-tà,” thuirt am fear a b’ òige, “nach iad na robairean a fhuair an t-airgead an fheadhainn a bu ghlice?”
“Is tus’ a ghoid an t-òr a bh’ aig d’ athair,” thuirt am bodach ris an fhear òg. Agus b’ fheudar don fhear òg aideachadh gu robh e ceart.
Faclan na seachdaine:
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.