Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 107: Soraidh Slàn le Fionnairigh

Èirich agus tiugainn O,

Èirich agus tiugainn O,

Èirich agus tiugainn O,

Mo shoraidh slàn le Fionnairigh

Tha mi an dùil gu bheil a’ chuid mhòr agaibh eòlach air na faclan sin, agus air an òran às an tàinig iad. Seo a’ chiad rann dheth:

Tha an latha math, ’s an soirbheas ciùin,

Tha an ùine a’ ruith, ’s an t-àm dhuinn dlùth,

Tha am bàt’ gam fheitheamh fo a siùil,

Gam thoirt a-null à Fionnairigh.

’S e tiotal an òrain “Soraidh Slàn le Fionnairigh” agus tha e mu dheidhinn àite ann Morbhairne, mu choinneamh Eilein Mhuile. Ach cò sgrìobh e? Dh’fhaodainn a ràdh gun deach a sgrìobhadh leis an Ollamh Urramach Tormod MacLeòid, air an robh am frith-ainm, “Caraid nan Gaidheal”, agus a bha uaireigin gu math ainmeil ann an saoghal na Gàidhlig, ach cha bhiodh sin buileach ceart. Feumaidh mi mìneachadh.

Bha Tormod MacLeòid beò eadar na bliadhnaichean seachd ceud deug, ochdad ’s a trì (1783) agus ochd ceud deug, seasgad ’s a dhà (1862). ’S e gille a’ mhans’ a bh’ ann. Rugadh e agus thogadh e ann am Fionnairigh far an robh athair na mhinistear.

Chaidh Tormod a-steach don mhinistrealachd e fhèin, agus bha e an toiseach ann am Muile, agus an uairsin ann an àiteachan eile air tìr-mòr Earra-Ghaidheal. Ghluais e don Ghalldachd as dèidh sin agus bha e greis ann an Siorrachd Shruighlea agus ann an Glaschu, far an do ghabh e ceum-ollaimh ann an Diadhaireachd. Bha e na Mhodaràtor do dh’Eaglais na h-Alba ann an ochd ceud deug, trithead ’s a sia (1836).

Bha e math math mar shearmonaiche, gu h-àraidh ann an Gàidhlig, agus choisinn e cliù dha fhèin ann an Eirinn, far an d’rachadh e bho àm gu àm. Bha Gàidhlig na h-Eireann aige gu fileanta, agus chruthaich e fhèin is fear Eireannach, eatarra, leabhar de shailm ann an Gaeilge airson Eaglais na h-Eireann.

Ach tha e air a chuimhneachadh an-diugh gu seachd àraidh airson dà rud – an obair a rinn e airson na Gàidhlig ann an Alba, agus na rinn e as leth nan daoine bochd’ air a’ Ghaidhealtachd. ’S ann air sgàth sin a chuireadh am frith-ainm air “Caraid nan Gaidheal”. Tha an teacs airson òraid a thug e seachad turas ann an Lunnainn fhathast againn, agus tha e a’ togail dealbh dhuinn dhen dòrainn a bha a’ bualadh air an t-sluagh aig an àm. Sluagh gun obair, gun airgead is, ann an cuid de dh’àiteachan, gun bhiadh. Bha Tormod MacLeòid ag iarraidh an cuideachadh.

Agus bha e na shàr-Ghaidheal. Thòisich e iris Ghàidhlig, an Teachdaire Gaelach, ann an ochd ceud deug is naoi ar fhichead (1829). Bha i làn artaigilean mu dheidhinn cuspairean cho farsaing ri eachdraidh, poileataics an latha, cruinn-eòlas, saidheans is creideamh. Gu mì-fhortanach, ge-tà, cha do mhair an Teachdaire ach dà bhliadhna.

Dh’fheuch e a-rithist le iris eile, Cuairtear nan Gleann, ann an ochd ceud deug is ceathrad (1840) ach mhair sin dìreach trì bliadhna. Anns an eadar-ama, ge-tà, rinn e obair air faclair agus air grunn leabhraichean eile. Agus bha e an sàs ann a bhith a’ brosnachadh Eaglais na h-Alba gus barrachd a dheanamh airson foghlam nan Gaidheal.

Ach dè mu dheidhinn “Soraidh Slàn le Fionnairigh”? Carson a thuirt mi nach b ’e Tormod MacLeòid fhein a bha buileach air a sgrìobhadh? Bha mi a’ ciallachadh gun do sgrìobh e ann am Beurla e, mar “Farewell to Fiunary” agus gur e Gilleasbaig Mac na Ceàrdaich a dh’eadar-theangaich gu Gàidhlig e. Ach chanainn gum biodh Tormod MacLeòid toilichte gu bheil an t-òran nas ainmeile an-diugh anns a’ chànan aige fhèin dhan do rinn e uiread o chionn còrr is ceud gu leth bliadhna.

Faclan na seachdaine

Faclan na seachdaine: èirich: arise; tiugainn (or thugainn or chugainn): come, let’s go; soraidh slàn: farewell; an t-Ollamh Urramach: The Reverend Doctor; ceum-ollaimh: doctorate; Diadhaireachd: divinity; Modaràtor: Moderator: searmonaiche: preacher; sailm: psalms; Eaglais na h-Eireann: Church of Ireland; frith-ainm: nickname; teacs: text; iris: periodical; teachdaire: messenger; cruinn-eòlas: geography; cuairtear: visitor, sojourner; brosnachadh: encourage; Gilleasbaig Mac na Ceàrdaich: Archibald Sinclair.

Abairtean na seachdaine

tha an latha math, ’s an soirbheas ciùin: the day is good and thewind gentle; tha an ùine a’ ruith, ’s an t-àm dhuinn dlùth: time is moving on and the moment(of departure) approaches; tha am bàt’ gam fheitheamh fo a siùil: the boat awaits me underher sails; gam thoirt a-null à Fionnairigh: to take me over from Fiunary; Caraid nanGaidheal: Friend of the Gaels; cha bhiodh sin buileach ceart: that wouldn’t be completelycorrect; far an d’rachadh e bho àm gu àm: where he would go from time to time; tha e air achuimhneachadh gu seachd àraidh airson dà rud: he is remembered particularly for twothings; tha e a’ togail dealbh dhuinn dhen dòrainn a bha a’ bualadh air an t-sluagh aig anàm: it gives us a picture of the hardship that was afflicting the people at the time; cha domhair e ach dà bhliadhna: it only lasted two years; dhan do rinn e uiread o chionn còrr isceud gu leth bliadhna: for which he did so much over 150 years ago.

Puing ghràmair na seachdaine

Puing ghràmair na seachdaine: Bha Tormod MacLeòid ag iarraidh an cuideachadh: Norman MacLeod wanted to help them. The grammatical point I want to make here concerns the fact that, despite verbal nouns normally governing a following noun in the genitive (eg tha mi ag iarraidh na h-obrach), we do not say bha X ag iarraidh an cuideachaidh, but bha X ag iarraidh an cuideachadh (Note the important point that “cuideachadh” is also a verbal noun). The reason concerns the “an” before “cuideachadh” being a possessive pronoun (“their”), and is given succinctly by Calder in his Gaelic Grammar (p 166), which I repeat here: “A Possessive Pronoun accompanying a verbal noun, and following a word that governs the genitive, prevents the verbal noun from being thrown into the genitive.” He gives the example, “bha aon

neo dhà ag iarraidh mo phòsadh” (one or two were seeking to marry me). It is mo phòsadh, NOT mo phòsaidh. The same applies to other causes of genitivisation eg complex prepositions: bha e airson mo bhreabadh (he wanted to kick me); bha sin as dèidh a naomhachadh (that was after sanctifying him).

Gnàths-cainnt na seachdaine

’S e gille a’ mhansa a bh’ ann. He was a son of the manse (ie his father was a minister).

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast