
21/09/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 116
Duration: 04:57
Litir 116: Mac-làmhaich
Tha mi an dòchas gum bi feadhainn agaibh eòlach air an iasg, a bhios iasgairean a’ glacadh nuair a tha iad a’ tràladh air grunnd na mara, ris an canar “mac-làmhaich”. ’S e iasg grànda a th’ ann, ach tha fheòil glè bhlasta.
Tha a bheul uabhasach mòr, agus tha ball-bodhaig air, os a chionn, a tha a’ tarraing èisg bheaga faisg air na fiaclan biorach aige. ’S e iasgair mealltach a th’ anns a’ mhac-làmhaich, anns an aon dòigh ’s a tha daoine mealltach nuair a ghlacas iad bradain le cuileagan fuadain. Air sgàth sin, canar angler fish ris ann am Beurla, ged a tha ainm cumanta eile ann cuideachd – monkfish.
Bha mi a-riamh airson faighinn a-mach carson is e mac-làmhaich a th’ air. Tha an t-ainmear làmhach a’ ciallachadh a bhith a’ cleachdadh ball-airm is tha luchd-làmhaich a’ ciallachadh artillerymen neo bowmen neo slingmen. Tha làmhach cuideachd a’ ciallachadh the act of gleaning. Uill, ’s dòcha gu bheil ciall aig na dhà dhuibh sin, nuair a smaoineachas tu air an dòigh ’s a tha an t-iasg seo a’ tighinn beò aig grunnd na mara.
Ach, bha mi a’ leughadh seann leabhar an là eile, a thug mìneachadh eile seachad. Bha e air a sgrìobhadh leis an Urramach Alasdair Stiùbhart nach maireann, a sgrìobh fon ainm-pinn Nether Lochaber. Bha esan dhen bheachd gur e mac-làthaich a bh’ ann bho thùs, a’ ciallachadh the son, or inhabitant, of the mud, oir ’s e sin, gu dearbh, an seòrsa àite ’s a bheil a leithid a’ tighinn beò. Bidh e leth-fhalaichte anns an làthaich, neo làghaich, mar a chanas iad ann an cuid de dh’àiteachan, agus e a’ feitheamh gu foighidneach airson èisg bheaga.
Thàinig Mgr Stiùbhart tarsainn air mac-làmhaich air a’ chladach ann am badeigin ann an Loch Abar anns a’ gheamhradh, ochd ceud deug, seachdad ’s a h-aon (1871). Agus cha b’ e fear beag a bh’ ann. Bho cheann a-mach a bheòil gu bonn earbaill, bha e còig troighean is seachd òirlich a dh’fhaide, agus bha am ministear dhen bheachd gur e a bh’ ann an t-iasg a bu ghràinde a chunnaic e a-riamh. Chuir e snèap a bha cho mòr ri ceann duine na bheul gu furasta.
Bha mi uaireigin ag obair do chompanaidh Albannach a bha a’ cur maoraich a-null thairis, agus thachair mi ri fear turas a bh’ air a bhith a’ dràibheadh làraidhean làn èisg. Ach cha b’ urrainn dha dhràibheadh tuilleadh air sgàth ’s gu robh e air pàirtean de na corragan aige air aona làimh a chall. Bha e anns an Fhraing, agus dh’fhosgail e dòrsan-deiridh na làraidh. Thuit bocsa a-mach air, agus bhris e. Ghlac an dràibhear an t-iasg – ’s e mac-làmhaich a bh’ ann – agus chaidh bioran, a bha a’ stobadh a-mach à cnàmh-droma an èisg, a-steach gu feòil a làimhe. Tha e coltach gu robh puinnsean neo bhìoras ann, oir bha a làmh air a puinnseanachadh gu goirt.
Tha beul air coltach ri mac-làmhaich. Sin abairt Ghàidhlig a bhios feumail airson iomradh a dhèanamh air cuideigin aig a bheil beul mòr neo a bhios a’ bruidhinn cus. Tuigidh sibh nach eil e uabhasach modhail!
Tha ainm neo dhà eile air a’ mhac-làmhaich ann am Beurla, mar eisimpleir fishing-frog agus sea devil. Agus tha mi eòlach air ainm eile air ann an Gàidhlig, ach chan urrainn dhomh a mhìneachadh. ’S dòcha gum bi smuain agaibh fhèin air a sin. Gheibh sibh lorg air, agus air dealbh dhen iasg, ann am faclair Dwelly air taobh-duilleig còig ceud, is còig ar fhichead (525). Chun na h-ath sheachdain, beannachd leibh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.