Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 118: Sir Pòl Edmund de Strzelecki

A bheil an t-ainm Sir Pòl Edmund de Strzelecki a’ ciallachadh dad dhuibh? Cuiridh mi geall nach eil, ach, o chionn ceud gu leth bliadhna, bha mòran Ghaidheal gu math eòlach air ainm, agus bha a’ chuid a bu mhotha aca dhen bheachd, a rèir choltais, gur e trustar a bh’ ann. Nuair a chanas mi Gaidheil, tha mi a-mach air Gaidheil Astràilia agus, ann an meadhan an naoidheamh linn deug, cha bu bheag an àireamh aca.

’S e duine-uasal Pòlainneach a bh’ ann an Strzelecki, agus thàinig e a dh’Alba turas nuair a bha e òg. Chuir e seachad ùine air an fhearann aig Pàdraig Sellar ann an Srath Nabhair, às an deach na daoine dùthchasach fhuadachadh. Tha e coltach gu robh Strzelecki dhen bheachd gu robh Sellar a’ dèanamh rudan math’ ann, is ga adhartachadh airson an t-saoghail mhòir. Ach cha b’ e sin an t-adhbhar a bha gràin aig Gaidheil Astràilia air.

Chaidh e a dh’Astràilia ann an ochd ceud deug, trithead ’s a naoi (1839), agus cha b’ fhada gus an robh e air a dhol a-mach don dùthaich, a’ rannsachadh sgìrean iomallach. Bliadhna as dèidh sin, chaidh e tro cheann an ear-dheas New South Wales, eadar Sydney agus Melbourne, nach robh aithnichte idir do na daoine geala. No, ’s e sin a bha Strzelecki a’ smaoineachadh co-dhiù.

Chuir e seachad còrr is dà mhìos anns na beanntan is coilltean mus do ràinig e Melbourne, a bha dìreach na bhaile beag bìodach aig an àm. Lorg e aibhnichean, lochan is beanntan dhan tug e ainmean agus, don sgìre gu lèir, thug e an t-ainm Gipps’ Land, as dèidh Riaghladair New South Wales, Sir Seòras Gipps, an t-ainm a th’ air fhathast.

Ach chuir sin caothach air na h-Albannaich, oir bha iadsan a’ cumail a-mach gu robh fear dhen fheadhainn aca fhèin air a bhith ann roimhe, agus gu robh e fhèin air ainmean a chur air na beanntan is eile. Agus chuir e an t-ainm air an sgìre air fad “Caledonia Australis”.

B’ esan Aonghas Mac a’ Mhaoilein. Bhuineadh e don Eilean Sgitheanach, ged a bha e air ùine a thoirt seachad ann am Barraigh cuideachd, agus bha e ag obair mar mhanaidsear-stuic aig fear de na h-uachdarain Albannach ann an New South Wales. Chaidh e air cuairt fhada tro Chaledonia Australis ach – agus seo a’ mhearachd a rinn e – cha do dh’fhoillsich e càil mu dheidhinn don mhòr-shluagh.

Bha diofar bheachdan air na bha a’ gluasad an dithis fhear-rannsachaidh. Thuirt luchd-taic Strzelecki nach robh Mac a’ Mhaoilein na fhear-rannsachaidh ceart anns an t-seadh ’s nach robh e airson fiosrachadh a leigeil ma sgaoil mu na h-àiteachan a lorg e; bha e a’ cleith an fhiosrachaidh gus am faigheadh e fhèin buannachd às le bhith a’ cur crodh is caoraich air an fhearann as fheàrr mus robh fios aig duine sam bith eile mu dheidhinn.

Air an làimh eile, thog luchd-taic Mhic a’ Mhaoilein iomhaigh dheth mar dhuine iriosal nach robh idir airson cliù a choisinn dha fhèin am measg àrd-urrachan na dùthcha. Cha robh e ag iarraidh a bhith cliùmhor, mar a bha Strzelecki. Agus chaidh na casaidean air ais is air adhart, le gach taobh a’ dèanamh dheth gur e am fear eile a bha fèineil.

Chan eil an deasbad buileach seachad an-diugh, agus beachdan làidir ann fhathast airson, agus an aghaidh, Mhic a’ Mhaoilein. Ach bha aon sluagh ann an Astràilia a bha coma mu dheidhinn – na daoine dubha a bh’ air a bhith a’ fuireach ann airson nam mìltean bhliadhnaichean, fada mus robh guth air Caledonia neo air a’ Phòlainn, neo air Sir Seòras Gipps.

Faclan na seachdaine

Faclan na seachdaine: trustar: a rogue, bad person; Pòlainneach: Polish; Srath Nabhair: Strathnaver; riaghladair: governor; fear-rannsachaidh: explorer; mearachd: mistake; cliùmhor: renowned, celebrated; casaidean: accusations.

Abairtean na seachdaine

às an deach na daoine dùthchasach fhuadachadh: I from whichthe native people were cleared; ga adhartachadh airson an t-saoghail mhòir: improving it forthe greater world; a’ rannsachadh sgìrean iomallach: exploring remote areas; nach robhaithnichte idir do na daoine geala: which was unknown to the white people; chuir sincaothach air na h-Albannaich: that greatly angered the Scots; gu robh fear dhen fheadhainnaca fhèin air a bhith ann roimhe: that one of their own had been there before; bha e ag obairmar mhanaidsear-stuic aig fear de na h-uachdarain: he was working as livestock manager toone of the landowners; cha do dh’fhoillsich e càil mu dheidhinn don mhòr-shluagh: hedidn’t tell the population anything about it; nach robh e airson fiosrachadh a leigeil masgaoil: that he didn’t want to release information; bha e a’ cleith an fhiosrachaidh gus amfaigheadh e fhèin buannachd às: he was keeping information hidden so that he himselfwould benefit; thog luchd-taic X iomhaigh dheth mar dhuine iriosal: X’s supporters createdan image for him as a humble man; le gach taobh a’ dèanamh dheth gur e am fear eile a bhafèineil: with each side making out that it was the other man who was selfish; chan eil andeasbad buileach seachad an-diugh: the debate is not entirely over today.

Puing ghràmair na seachdaine

Puing ghràmair na seachdaine: ann am meadhan an naoidheamh linn deug, cha bu bheag an àireamh aca: in the middle of the 19th Century, that was not small (there were reputedly 20,000 Gaelic speakers in Australia at that time). The use of the assertive verb (“is”) in this type of phrase may seem a little old-fashioned and it probably shouldn’t be overdone, certainly in conversation. But used appropriately, it is very neat. Remember that, in the past tense, it is bu (or b’ before vowels or before f followed by a vowel). Bu usually lenites the following word eg bu mhòr am bonnach (the cake was large), bu bheag an t-iongnadh (little was the surprise), bu mhise am ministear (I was the minister). However, it does not lenite words starting with “d” or “t” or“s” eg bu daor an crùn (the crown was expensive), bu tusa an duine! (you were the man! ie well done), nach bu sinne na gaisgich (weren’t we the heroes). It is worth noting that the assertive verb cannot exist independently of its subject, ie while we may say “tha” or “rinn” or “chì” without an accompanying noun or pronoun, we cannot say “is” or “bu” on their own. If the question is asked, “am bu tusa an dotair?”, the answer must be “bu mhi” or “cha bu mhi”.

Gnàths-cainnt na seachdaine

Gnàths-cainnt na seachdaine: cuiridh mi geall nach eil: I bet (it) doesn’t.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast