
12/10/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 119
Duration: 04:51
Litir 119: Daibhidh Lloyd George
O chionn ceithir fichead bliadhna an-diugh fhèin, ma tha sibh ag èisteachd ris a’ chiad chraoladh dhen phrògram seo, bha a’ Ghaidhealtachd aig teis-meadhan na h-Iompaireachd Breatannaich ann an dòigh nach robh a-riamh roimhe sin, no as dèidh làimh. Air an là sin, an seachdamh là dhen t-Sultain, naoi ceud deug is aon ar fhichead (1921), choinnich Caibineat Bhreatainn ann an Inbhir Nis, an aon turas a-riamh taobh a-muigh Lunnainn, co-dhiù aig àm sìthe.
’S e a bu choireach airson sin gu robh am Prìomhaire, Daibhidh Lloyd George, a’ gabhail làithean-saora ann an Geàrrloch agus gu robh an Rìgh faisg air làimh, anns a’ Mhòigh. Air an t-siathamh là, rinn Courier Inbhir Nis coimeas eadar a’ choinneamh a bha gu bhith ann air an lathairne-mhàireach agus tè eile a bh’ ann fada roimhe sin, nuair a chum Rìgh Seumas I pàrlamaid ann an Inbhir Nis ann ceithir ceud deug is seachd ar fhichead (1427). Agus chaidh iad na b’ fhaide air ais buileach, a’ dèanamh coimeas leis an turas a bhuail Calum Cille dorsan lùchairt Rìgh nan Cruithneach le bhachall.
Bha gu leòr a’ dol air a’ Ghaidhealtachd aig an àm a dh’fhaodadh aire a’ Chaibineit a tharraing. Bha bochdainn is cion-obrach uabhasach ann. Ann an Leòdhas a-mhàin, bha trì mìle is còig ceud duine gun obair. Agus bha còmh-stri an fhearainn a’ leantainn ann an àiteachan mar Ratharsair, Uibhist a Tuath agus Leòdhas.
Cha b’ e gnothaichean na Gaidhealtachd a bh’ air a’ chlàr, ge-tà, ach suidheachadh na h-Eireann. Bha Lloyd George ann an Geàrrloch, agus e fo òrdughan dhotairean fois a ghabhail. Ach cha b’ urrainn dha faighinn air falbh o phoileataics na h-Eireann, fiù ’s ann an sin. Bha teachdairean Sinn Féin air a bhith air ais ’s air adhart eadar a’ Ghaidhealtachd agus Bail’ Atha Cliath, agus nochd commandair nam feachdan Breatannach ann an Eirinn ann an Geàrrloch air soitheach-cogaidh.
Bha na h-uibhir de mhuinntir Inbhir Nis a’ feitheamh taobh a-muigh Talla a’ Bhaile nuair a thàinig na ministearan, nam measg Winston Churchill, Stanley Baldwin, Sir Hamar Greenwood agus am Morair Fitzalan. Thòisich a’ choinneamh aig aon uair ’s deug, agus aig cairteal gu ceithir feasgar, dh’fhalbh an dithis theachdairean Eireannach ann an cabhaig airson faighinn air an trèana. Nan làmhan, bha litir bho Lloyd George, a’ toirt cuireadh do Sinn Fèin pàirt a ghabhail ann an co-labhairt airson “faighinn a-mach ciamar a b’ fheàrr a b’ urrainn an càirdeas eadar Eirinn agus … Iompaireachd Bhreatainn agus miann nàiseanta nan Eireannach a bhith air an co-rèiteachadh.” Bha an co-labhairt gu bhith ann an Inbhir Nis air an fhicheadamh là dhen t-Sultain.
Uill, bidh fios agaibh nach do thachair e. Chan e nach robh Eamonn de Valera ga iarraidh, ach gu robh e airson ’s gum biodh na Breatannaich ag aithneachadh an riochdaire aig Dáil Eireann, pàrlamaid na Poblachd, mar riochdaire aig dùthaich neo-eisimileach. Cha robh Lloyd George deònach sin a dhèanamh agus tharraing e an cuireadh don cho-labhairt. Grunn seachdainean as dèidh sin, ghabh co-labhairt eile àite ann an Lunnainn.
An e call no buannachd a th’ ann gun do chaill Inbhir Nis an cothrom sin? Nuair a choimheadas sinn air eachdraidh Saorstát na h-Eireann, agus an cogadh a bh’ ann, ’s dòcha gu bheil e na bhuannachd nach eil prìomh bhaile na Gaidhealtachd co-cheangailte ri uiread dòrainn. Ach, air an làimh eile, nan robh muinntir na Gaidhealtachd mothachail gu robh am baile air a bhith mar bhean-ghlùin aig breith dùthaich Cheilteach neo-eisimileach, ’s dòcha gun coimheadadh iad air suidheachadh poilitigeach na h-Alba le sùilean eadar-dhealaichte.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.