
19/10/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 120
Duration: 04:46
Litir 120: Ar-a-mach Inbhir Ghòrdain
Bidh sibh eòlach air “Ar-a-mach nan Seumasach”, tha mi cinnteach, agus “Ar-a-mach na Frainge”, a thug buaidh mhòr air an Roinn Eòrpa. Ach cia mheud nur measg a th’ air cluinntinn mu dheidhinn “Ar-a-mach Inbhir Ghòrdain”? Seadh, Inbhir Ghòrdain – baile beag air cladach Rois an Ear.
Thachair e air an t-seachdain seo o chionn seachdad bliadhna ann an naoi ceud deug, trithead ’s a h-aon (1931), ged nach ann buileach ann an Inbhir Ghòrdain a bha e, ach pìos beag a-mach à cladach a’ bhaile ann an soithichean a’ Chabhlaich Rìoghail a bha aig acair ann an Linne Chrombaidh. Thug e crathadh mòr air Riaghaltas Bhreatainn.
Bha cabhlach a’ Chuain Siar air tighinn cruinn anns an acarsaid mhòir sin, agus iad a’ deiseileachadh airson eacarsaich an fhoghair. Bha sia soithichean-cogaidh deug ann, agus dusan mìle seòladair air bòrd orra, ach thàinig iad cruinn aig fìor dhroch àm. Bha eaconomaidh Bhreatainn ann an staing mhòr, agus bha an Riaghaltas ann an Lunnainn dìreach air innse gum biodh iad a’ lughdachadh gu mòr na suim a chosgadh iad anns an roinn phoblaich.
Bha an suidheachadh poilitigeach air fàs na bu mhiosa thairis air an t-samhradh, agus thuit an Riaghaltas Làbarach às a chèile anns an Lùnasdal. Bha còir aig a’ Phrìomhaire, Ramsay Dòmhnallach, falbh còmhla ri càch, ach dh’iarr an Rìgh air fuireach ann an Sràid Downing mar cheannard air Riaghaltas Nàiseanta, a ghabhadh a-steach Tòraidhean agus Libearalaich. Chuir e chùl ris na Làbaraich agus dh’fhuirich e mar phrìomhaire. Bha an Rìgh dhen bheachd gur e prìomhaire sòisealach a-mhàin a bhiodh comasach air buidseat cruaidh fhaighinn troimhe gu soirbheachail.
Agus bha am buidseat cruaidh. Airson dearbhadh do bhancairean mòra an t-saoghail gu robh Breatainn dha-rìreabh a’ dèanamh a dìchill gus an eaconomaidh a thoirt am feabhas, gheàrr an Riaghaltas na bha iad a’ dol a chosg ceud is fichead millean not – barrachd na bhathar a’ cosg air foghlam na dùthcha. Bha a’ chuid mhòr dhen ghearradh gu bhith a’ tighinn à lughdachadh ann an tuarastal. Agus am measg an fheadhainn a chailleadh airgead bha muinntir a’ Chabhlaich Rìoghail.
Gu mì-fhortanach, cha robh na gearraidhean cothromach. Bha a h-uile duine anns an nèibhidh a’ dol a chall tasdan gach là. Dh’fhàgadh sin Lieutenant-Commandair le ceithir às a’ chèud nas lugha anns an tuarastal aige. Ach bhiodh an fheadhainn faisg air a’ bhonn, na h-Able Seamen mar a chanas iad, a’ call aon not às a h-uile ceithir. Bha iad bochd co-dhiù. As dèidh gearradh mar sin, bhiodh an teaghlaichean, shaoil iad, ann am bochdainn dha-rìreabh. Agus bha an caothach orra.
Air tìr, ann an Inbhir Ghòrdain, thòisich na maraichean a dheasbad na cùise. Nuair a thill iad do na longan aca, bha cuid mhath aca a’ maoidheadh nach togadh iad corrag as leth a’ Chabhlaich gus am biodh iad air an riarachadh. Agus ’s ann mar sin a bha e. Dhiùlt iad gabhail ri òrdughan air bòrd. Shuidh iad air slabhraidhean nan acraichean gus nach cuireadh na soithichean gu muir.
Bha cuid anns an riaghaltas ag iarraidh saighdearan is gunnaichean a chur an sàs an aghaidh nam maraichean reubalach ach, gu fortanach, bha làmh-an-uachdair aig feadhainn na bu ghlice, agus dh’aontaich an Caibineat sùil a thoirt air gearanan nan seòladairean. Mu dheireadh thall, dh’aontaich iad na gearraidhean ann an tuarastal a chumail aig deich às a’ cheud, an àite còig ar fhichead às a’ cheud. Agus ann an Linne Chrombaidh, an àite dhol gu muir airson eacarsaich, dh’fhalbh na soithichean-cogaidh dhachaigh gu na puirt aca, agus bha ar-a-mach Inbhir Ghòrdain seachad.
Faclan na seachdaine
Faclan na seachdaine: Ar-a-mach nan Seumasach: the Jacobite Rebellion; Ar-a-mach na Frainge: the French Revolution; Ar-a-mach Inbhir Ghòrdain: the Invergordon Mutiny; eacarsaich an fhoghair: autumn exercises; sòisealach: socialist; gu soirbheachail: successfully; bancairean: bankers; tuarastal: wages; nèibhidh: navy (in some places this is used rather than Cabhlach Rìoghail); tasdan: shilling; maraichean: mariners; slabhraidhean: chains; reubalach: rebellious; Caibineat: Cabinet (political); deich às a’ cheud: ten percent.
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine: Bha cabhlach a’ Chuain Siar air tighinn cruinn anns an acarsaid: the Atlantic fleet had gathered in the anchorage. A’ tighinn cruinn – gathering, assembling.
Before I leave you this week, have you seen the new publication “The Essential Gaelic-English Dictionary” by Angus Watson (pub. Birlinn)? It is very useful for learners, giving modern spellings and examples of how many words are used. I can recommend it.
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.