
09/11/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 123
Duration: 04:51
Litir 123: Ar-a-mach nan Seumasach
An t-seachdain sa chaidh, chuir mi ceist oirbh airson meòmhrachadh air. Dh’fhaighnich mi – dè a’ Ghàidhlig a th’ air kerfuffle? ’S dòcha gun do thagh sibh rudeigin mar “cur troimh chèile”. Is iomadh turas a chaidh a’ Ghaidhealtachd a chur troimh chèile na h-eachdraidh, agus tha mòran dhen bheachd gur e ar-a-mach nan Seumasach an t-àm a bu mhiosa dhi.
Agus tha ceist agam dhuibh mu dheidhinn an dearbh ghnothaich a tha sin. Cò loisg a’ chiad pheilear ann an ar-a-mach nan Seumasach ann am “Bliadhna a’ Phrionnsa” neo “Bliadhna Theàrlaich”? Tha fhios gum bi diofar bheachdan ann air sin ach a rèir beul-aithris à Earra-Ghaidheal, thachair e ann a sin, pìos beag gu tuath air an Òban.
Bha fear Stiùbhart, uachdaran na h-Apainn, a’ feuchainn ri nàbaidh aige, air an robh Caimbeul, is a bha na uachdaran ann am Barra Calltainn, a bhrosnachadh gus dhol còmhla ris ann an arm a’ Phrionnsa. Chaidh an Stiùbhartach tarsainn Loch Creurain ann am bàta, aig an Rubha Gharbh, airson bruidhinn ris a’ Chaimbeulach ach, mar a bhios fios agaibh, cha robh a’ chuid mhòr de na Caimbeulaich deònach dhol air taobh nan Seumasach, agus cha robh fear Bharra Challtainn airson a dhol an aghaidh a chinn-chinnidh.
Mar sin, dhiùlt e dhol ann. Ach, leis gu robh e fhèin is an Stiùbhartach a’ faighinn air adhart gu math còmhla mar charaidean is nàbaidhean, dh’aontaich e leigeil le fear na h-Apainn dhol am measg muinntir na h-oighreachd aige, feuch feadhainn aca a thàladh gu arm nan Seumasach. Dh’aontaich feadhainn dhol còmhla ris an Stiùbhartach, agus rinn iad deiseil airson falbh.
Chaidh an Caimbeulach cuide riutha don chladach airson soraidh slàn a leigeil leotha. Chaidh an Stiùbhartach a-steach do bhàta agus thuirt e na faclan seo: “Bàrr no faobhar, thig air aghaidh!” Bàrr no faobhar, thig air aghaidh. Bha e a’ brosnachadh chàich gus dhol a shabaid as leth a’ Phrionnsa.
Bha an Caimbeulach na sheasamh air creag os cionn a’ bhàt-aiseig. Thog e a ghunna, agus loisg e e. An uairsin, thuirt e, “Tha an sin a’ chiad pheilear.” Agus bha muinntir an àite a-riamh dhen bheachd bhon uairsin gum b’ e sin a’ chiad pheilear a chaidh a losgadh anns an ar-a-mach, ged nach robh droch-rùn co-cheangailte ris. Gu mì-fhortanach, lean mòran pheilearan eile air an fhear sin.
A-nise seo stòiridh beag laghach dhuibh. Dh’fhaighnich gille a bha seo de nighinn, air an do ghabh e nòisean, cuin a rachadh i air chuairt leis. Bha esan taobh a-muigh an taigh aice agus bha i fhèin aig uinneig fhosgailte. Seo an fhreagairt a fhuair e:
‘Nuair a thogas mi an lìon, a leagas mi a’ ghlainne, agus a chuireas mi am marbh a thiodhlacadh a’ bheò, thig mi còmhla riut.’
Uill, smaoinich e airson mionaid. Nuair a thogadh i a lìon, nuair a leagadh i a’ ghlainne agus nuair a chuireadh i am marbh a thiodhlacadh a’ bheò, rachadh i còmhla ris. Bha sin ro fhada dha, shaoil e, ged a bha gràdh aige dhi, agus dh’fhalbh e gu tìrean cèin. An ceann trì bliadhna, thill e agus chuala e gu robh i a-nise pòsta aig fear eile. Chaidh e a choimhead oirre, agus mhìnich i a’ chùis dha leis na faclan seo: “Cho luath ’s a thogainn an t-anart far a’ bhùird, a dhùininn an uinneag agus a smàlainn an tèine, bha mi air a bhith deiseil dhut. Ach bha thu mì-fhoighidneach, agus dh’fhalbh thu.” Nuair a thuig e a mhearachd, tha fhios gu robh am fear bochd troimh-chèile buileach.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.