
16/11/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 124
Duration: 04:35
Litir 124: Sgamhan
A bheil sibh eòlach air an fhacal “sgamhan”? ’S dòcha gu bheil sibh air a chluinntinn air an rèidio anns an tuiseal ghinideach, nuair a tha daoine a’ bruidhinn mu “aillse-sgamhain”. ’S e sin a’ Ghàidhlig air lung cancer. Aillse-sgamhain. Agus ’s e sgamhan a’ Ghàidhlig air lungs no, uaireannan, dìreach air one lung.
Tha am facal sgamhan nam cheann an-dràsta oir, gach turas a thèid mi eadar Inbhir Nis agus a’ Chomraich ann an Ros an Iar, bidh mi a’ dol seachad air loch ann meadhan Siorrachd Rois air a bheil Loch Sgamhain. Tha tuathanas-èisg air an loch, agus dà eilean beag le craobhan orra, ach sin e. Cha mhòr gu bheil duine a’ fuireach anns an sgìre an-diugh. Ciamar, ma-thà, a fhuair an loch ainm?
Faisg air làimh, tha dà aite eile air a bheil ainmean stèidhichte air pàirtean dhen bhodhaig – Beinn na Feusaige agus Coire a’ Chlaiginn. Nise, chan eil càil a dh’fhios agam ciamar a fhuair an dà aite sin an cuid ainmean, ach tha mi air beul-aithris a chluinntinn mu Loch Sgamhain. Bha na seann daoine anns an sgìre sin a’ cumail a-mach gun deach sgamhan a lorg là air choreigin air bhog anns an loch. Sgamhan duine.
Bha iad a’ coireachadh an eich-uisge. Bha iad ag ràdh gu robh each-uisge a’ fuireach anns an loch agus, mar a tha fios aig a h-uile duine, bidh eich-uisge bho àm gu àm a’ marbhadh dhaoine, is gan ithe. Ach tha aon phàirt dhen bhodhaig ann nach ith iad uair sam bith, agus ’s e sin an sgamhan. Slaodaidh iad an duine gu aigeann an locha, is bidh iag ga ithe ach a-mhàin an sgamhan. As dèidh na creiche, tillidh an sgamhan an uachdar, leis gu bheil e nas aotruime na uisge, agus bidh cuideigin ga lorg air a’ chladach is ag ràdh ris fhèin, “A, seadh, ’s e an t-each-uisge as coireach ri seo.”
“Sgamhan coin is sgamhan sagairt, is coltach iad ri chèile”. ’S e abairt annasach a tha sin, ach tha sgeulachd co-cheangailte rithe. Bha fear a bha seo ann an Cataibh a bha na ghadaiche, air an robh Dòmhnall MacMhurchaidh mar ainm. Là a bha seo, bha e a’ togail taigh is bha e faisg air a bhith deiseil, nuair a chaidh sagart na Comraich seachad air.
“Tha aon choire air an taigh,” thuirt an sagart. Bha Dòmhnall ro àrdanach airson faighneachd dè bh’ ann agus dh’fhalbh an sagart. Ach mu dheireadh mhothaich Dòmhnall don uireasbaidh – cha robh doras ann! Bha an caothach air, agus chuir e dithis de na mic aige a-mach airson an sagart a mharbhadh agus an sgamhan aige a thoirt air ais. Uill, cha robh na mic deònach sin a dhèanamh agus mharbh iad cù na àite. Thug iad sgamhan a’ choin air ais leotha. Agus ’s e sin na faclan a thuirt
Dòmhnall riutha, “sgamhan coin is sgamhan sagairt, is coltach iad ri chèile.” Bha e borb, ’s dòcha, ach cha robh e faoin.
Ach dè mu dheidhinn Loch Sgamhain? Ma choimheadas sibh ann am faclair Dwelly, tha sgamhan cuideachd a’ ciallachadh rudan eile, nam measg blockhead, villainous person, corn or hay built up in a barn, no refuse or dross. ’S dòcha gur e sin a bha e a’ ciallachadh o thùs – loch of the refuse. Chan eil fhios a’m. B’ fheàrr leam dhol le beachd nan seann daoine, ceart no ceàrr e. Agus cò chanadh le cinnt nach robh each-uisge a’ fuireach ann uair no uaireigin?
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine: As dèidh na creiche, tillidh an sgamhan an uachdar: after the destruction (ie the killing and eating of the human), the lung returns to the surface. An uachdar means “to the surface” and can also be used figuratively eg thig a h-uile càil an uachdar aig a’ cheann thall (all will be revealed in the end).
NB: There will be no Litir next week because of the National Mòd. The repeat broadcast for this week’s Litir will be on Monday 15 October at 6.30 pm, instead of 7.00
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.