
23/11/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 125
Duration: 04:36
Litir 125: Cliabh
Anns an Litir mu dheireadh, o chionn ceala-deug, thug sinn sùil air an fhacal sgamhan. An t-seachdain seo bu mhath leam sùil a thoirt air facal eile, aig a bheil ceangal do sgamhan. ’S e sin “cliabh”. Tha amharas agam gum bi sibh eòlach air an fhacal cliabh mu thràth. Tha e a’ ciallachadh creel. Ann an Litir seasgad ’s a trì (63) an-uiridh, thug mi an abairt dhuibh – “a’ taomadh na mara le cliabh” – rud nach gabh coileanadh g’ e bith dè nì thu.
Agus, gu dearbh, ’s e sin a’ chiall as cumanta a th’ aige – creel no basket – an seòrsa a bhiodh daoine a’ cleachdadh o shean airson rudan a ghiùlan air an guailnean, leithid airson fàdan a thoirt dhachaigh bhon pholl-mònach. Canaidh sinn cliabh cuideachd ri pannier air each agus ri creel dhen t-seòrsa a chleachdas iasgair airson giomaich a ghlacadh. ’S e sin cliabh-ghiomach. Chan eil, ge-tà, ceangal aig gin aca sin ri sgamhan.
Ach ma smaoineachas sibh airson tiotan air cumadh clèibh, bidh sibh a’ tuigsinn gu bheil e rudeigin coltach ri pàirt dhen bhodhaig – mar a chanar anns a’ Bheurla – the chest no thorax, an dearbh àite far a bheil an sgamhan. Tha na h-aisnichean, na cnàmhan timcheall a’ chlèibh ann an duine, car coltach ris na staingean ann an cliabh dhen t-seòrsa a thogas duine. Gu dearbh, ’s e an aon fhacal a th’ air na dhà anns a’ Bheurla – ribs. Aisnichean agus staingean.
Tha cuimhn’ a’m air turas a sheall m’ athair dhomh mar a thogainn cliabh anns an t-seann dòigh Ghaidhealaich – rud a chunnaic e fhèin iomadh turas na òige air a’ Chomraich. Bha sinn a’ fuireach ann an Astràilia, agus b’ e a’ chiad cheist a chuir mi air – ciamar a gheibheadh e fiodh a bhiodh freagarrach. ’S e coilltean eucalypt a bha timcheall oirnn. Ach suas an rathad bha cuideigin air na h-uibhir de chraobhan seilich a chur, agus ’s e an seileach a’ chraobh as freagarraiche airson clèibh a thogail, leis gu bheil e sùbailte. Chruinnich sinn slatan seilich agus thill sinn don leas air cùl an taighe.
Thòisich e le bhith a’ stobadh grunn slatan anns an talamh. Lùb e iad agus stob e na cinn eile anns an talamh mu dhà throigh air falbh. B’ iad sin na staingean. An uairsin, dh’fhigh e slatan eile eatarra gus an do thog e, mean air mhean, cliabh a bha bun-os-cionn. Cha robh ann an uairsin ach an cliabh a tharraing às an talamh agus ceann gach staing a ghearradh dheth.
Tha fhios nach eil mòran daoine a’ togail chliabh air a’ Ghaidhealtachd an-diugh. Chan fhiach an t-saothair. Ach, nuair a bha mi anns na h-Eileanan Arainneach ann an taobh siar na h-Eireann, mhothaich mi do dhoireachan beaga de chraobhan seilich. Bidh muinntir na coimhearsnachd a’ cumail nan doireachan sin airson ’s gum bi stuth aca airson clèibh a thogail no, mar as trice a thachras an-diugh, airson bascaidean beaga a thogail a reiceas iad do luchd-turais.
Ach tilleamaid don bhodhaig. Agus seo rabhadh dhuibh. Na canaibh uair sam bith gu bheil duine “ann an cliabh” oir, anns an t-seadh sin, tha cliabh a’ ciallachadh straightjacket. Anns an t-seann aimsir, b’ e nàdar de chliabh a chuirte air daoine a bha feumach air smachd dhen t-seòrsa. Agus canaidh daoine fhathast “tha an t-òlach ann an cliabh”, a’ ciallachadh the fellow is a madman! Nise, a rèir seann fhaclair MhicAilpein is MhicCoinnich bha sin cuideachd air a ràdh mu dheidhinn daoine aig an robh droch Ghàidhlig. Taing do Shealbh gu bheil sinn nas modhaile na sin an-diugh!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.