
21/12/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 129
Duration: 04:55
Litir 129: Seann Ghrèigis
Càite anns a’ Bhìoball a gheibh sibh lorg air dà litir às an aibidil Ghreugaich? ’S dòcha, air a’ chiad shealladh, gu bheil a’ cheist car annasach, oir tha fios agaibh gur ann air aibidil na Laidinn a tha aibidil na Gàidhlig stèidhichte, seach tè na Grèigis, ged a bha an Tiomnadh Nuadh air eadar-theangachadh bhon t-seann Ghrèigis. Gheibhear gach litir anns an aibidil Ghàidhlig anns a’ Bhìoball, ceart gu leòr, ach am faighear litrichean aibidil na Grèigis?
Uill, gheibhear – co-dhiù dà litir – an tè aig toiseach na h-aibidil agus an tè aig an deireadh. Alpha agus Omega. Tha amharas agam gum bi mòran agaibh air an cluinntinn air bilean ministeir neo sagairt. “Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch, tha an Tighearna ag ràdh, a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd, an t-Uile-chumhachdach.”
Tha sin a-mach à Leabhar an Taisbeanaidh, neo airson a thiotal slàn a thoirt dha, Taisbeanadh Eòin an Diadhair, anns an ochdamh earrann dhen chiad chaibidil. Tha an dearbh theachdaireachd a’ nochdadh turas no dhà eile anns an leabhar sin. Mar eisimpleir, ann an Caibidil aon ar fhichead, earrann a sia: “Is mise Alpha agus Omega, an tùs agus a’ chrìoch: bheir mi dhasan air am bheil tart de thobar uisge na beatha gu saor.”
Cho-dhùin an fheadhainn a bha ag eadar-theangachadh a’ Bhìobaill gu Gàidhlig dìreach mar a cho-dhùin an fheadhainn a dh’eadar-theangaich gu Beurla e gun tuigeadh an sluagh dè bhathar a’ ciallachadh le Alpha agus Omega. Cha do dh’atharraich iad na samhlaidhean sin gu litrichean Gàidhlig no litrichean Laidinneach.
Tha litrichean Greugach nam inntinn an t-seachdain sa oir bha mi a’ beachdachadh air a’ Ghàidhlig a chuireamaid air delta, nuair a tha sin a’ ciallachadh mar a bhios abhainn uaireannan a’ briseadh aig a beul gu sreath de shruthan agus àbanan. Bidh fios agaibh gur e delta a’ cheathramh litir anns an aibidil Ghreugaich. Mar cheann-litir, tha cumadh triantain oirre, an dearbh chumadh a th’ air delta aig beul aibhne. Chì thu sin ma bhios tu ann am plèana os cionn a leithid, agus a’ coimhead sìos air.
Chan eil aibhnichean mar sin pailt air a’ Ghaidhealtachd, ach bha a leithid uaireigin air an abhainn agam fhìn – Abhainn Nis. ’S dòcha gu bheil sin doirbh a chreidsinn an-diugh, oir tha mac an duine air cruth beul na h-aibhne atharrachadh gu mòr thairis air an dà cheud bliadhna a dh’fhalbh gus am faigh luingeas a-mach ’s a-steach a Chala Inbhir Nis.
Ach tha na seann mhapaichean ga shealltainn. Ann an seachd deug, seachdad ’s a ceithir (1774) bha beul na h-aibhne air a roinn ann an ceithir sruthan. Eadar na sruthan sin, bha oitirean ann a bh’ air an còmhdachadh aig a’ mhuir-làn. Bha uair ann nuair a bha ainmean Gàidhlig orra uile, agus rachadh muinntir Inbhir Nis a-mach orra airson feusgain a chruinneachadh nuair a bhiodh a’ mhuir-tràigh ann aig àm an reothairt. Cha bu mhath leam feusgan sam bith ithe ann a sin an-diugh!
Agus bha àban neo dhà ann cuideachd. ’S e àban seann sruth far nach bi abhainn a’ sruthadh tuilleadh ach a-mhàin nuair a bhios i loma-làn uisge. Bha fear ann far a bheil Sràid an Àbain, no Abban Street, a bha uaireigin mar phàirt dhen delta aig beul Abhainn Nis. Agus tha sin gam thoirt air ais don Ghàidhlig air delta. Dh’fhàg eadar-theangadairean a’ Bhìobaill alpha agus omega ann an Grèigis. ’S dòcha gum bu chòir dhuinn an aon rud a dhèanamh le delta agus, gu dearbh, ’s e sin a th’ ann anns an aon atlas a th’ againn ann an Gàidhlig – air a litreachadh D-E-A-L-T-A.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.