Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 131: Òrain Dhòmhnaill Ailein Dhòmhnall na Bainich

Aig an àm seo an-uiridh, bha na litrichean agam mu dheidhinn mìosan na bliadhna, agus chleachd mi am facal Gàidhlig as aithne dhomh airson calendar – “mìosachan”. Tha e stèidhichte air a’ Ghàidhlig airson month – mìos. Ach tha dà fhacal eile ann a chluinneas tu cuideachd airson calendar – caladair agus, seadh, “calendar”, dìreach mar a tha e ann am Beurla.

Tha sin nam inntinn an t-seachdain sa, oir bha mi a’ leughadh leabhar inntinneach air a bheil “Òrain Dhòmhnaill Ailein Dhòmhnall na Bainich”, a chaidh a dheasachadh leis an Athair Urramach Iain Aonghas Dòmhnallach, a tha na shagart anns a’ Ghearastan. Buinidh Mgr Iain Aonghas do dh’Uibhist a Deas, an dearbh eilean dhan do bhuin am bàrd mun do sgrìobh e. Mholainn an leabhar dhuibh, oir tha eadar-theangachadh ann do na h-òrain air fad.

Bha Dòmhnall Ailean Dhòmhnall na Bainich beò eadar na bliadhnaichean naoi deug ’s a sia agus naoi deug, naochad ’s a dhà, agus sgrìobh e na h-uibhir de dh’ òrain mhatha, nam measg “Gruagach Òg an Fhuilt Bhàin” agus “Moladh Uibhist”. Is tha òran snog spòrsail san leabhar air a bheil “Òran a’ Chalendar” – fear a tha furasta gu leòr do luchd-ionnsachaidh. Seo mar a tha e a’ tòiseachadh:

Hù ga rì; hù ga rìreadh;

B’ fheàrr gun d’ chum mi dhachaigh dìreach,

’S cha leiginn a leas bhith ’g innse

Do mhuinntir na tìr’ mar dh’èirich;

’S hù ga rì; hù ga rìreadh.

’S fhuair mi calendar bho Dhòmhnall

A chumadh fad na bliadhn’ air dòigh mi:

A h-uile mìos air sgrìobhte còmhla

’S pòcaid air bhiodh dhomhsa feumail;

’S hù ga rì; hù ga rìreadh.

Bha an t-ùghdar, Dòmhnall Ailean, air an rathad dhachaigh le calendar a fhuair e mar phreusant bho fhear air an robh Dòmhnall. Bha còir aige dhol dìreach dhachaigh leis, ach cha deach, oir thachair e ri fear a’ phuist, Nillidh Eairdsidh, taobh a-muigh Oifis a’ Phuist. Thuirt Nillidh ris, “nach tiugainn thu tacan suas air chèilidh?” Cha b’ urrainn do Dhòmhnall Ailean dhol seachad agus chaidh e a-steach airson cupa tì.

Ach fhad ’s a bha e shuas an staidhre, bha na boireannaich ri dibhearsan shìos, far an do dh’fhàg Dòmhnall Ailean a chalendar. Co-dhiù, nuair a chaidh e sìos an staidhre as dèidh dha cupa tì a ghabhail, bha an calendar dìreach far an do dh’fhàg e e, agus cha robh coltas ann gu robh e eadar-dhealaichte ann an dòigh sam bith. Ach bha. Seo na rannan mu dheireadh san òran, agus an t-ùghdar a’ toirt a’ chalendar gu bhean:

Ràinig mis’ an taigh gu druaipleach

Is shìn mi Cheit e airson fhuasgladh,

’S b’ fheàrr leam fhìn gu robh mi ’n uair sin

Nam cheò uain’ air feadh nan speuran;

’S hù ga rì; hù ga rìreadh.

Dhragh i pìos de phàipear cruaidh às,

Dh’fhaighneachd i dhomh, “An croch mi suas e?”

’S tha is’ a’ fanaid orm bhon uair sin

’S bu mhis’ a’ chulaidh-thruais ga h-èisteachd!”

’S hù ga rì; hù ga rìreadh.

Tuigidh sibh gun deach car a thoirt às leis na boireannaich ann an taigh Nillidh Eairdsidh – gun tug iad an calendar a-mach às a’ chèis is gun do chuir iad pìos pàipeir cruaidh innte na àite.

Bha comas aig Dòmhnall Ailean gàire a dhèanamh air fhèin – rud a tha math ann am bàrd sam bith. Agus bha e na bhàrd air leth. Bha e dhen bheachd nach robh “de dh’fhoghlam air an t-saoghal a dhèanadh duine na bhàrd” agus gur e comas a bh’ ann a bhuineadh do nàdar an duine fhèin. Bha an comas sin aigesan ann am pailteas.

Faclan na seachdaine

Faclan na seachdaine: clach-mheallain, clachan-meallain: hailstone, hailstones; guineach, piantail: stinging and painful; buill-ghoilf: golf balls; itealain: aircraft (pl.); am Blàr Dubh: Muir of Ord; bàthach: byre; baile-fearainn: farm, country township; luchd-leughaidh: readers; criostalan daoimeanach: diamond-shaped crystals; turtair: turtle; lachan reòite: frozen ducks; an Dùbhlachd: December

Abairtean na seachdaine

there have not already been showers of them; chan ionann e ann an àiteachan eile: it’s not the same in other places; anns an ath-shràid nach robh cron sam bith air a dhèanamh: in the next street that no damage at all was done; gun cuala sibh fhèin naidheachdan annasach: that you (have) heard yourselves strange anecdotes; mu chnapan mòra deighe a’ tuiteam às an adhar: about large lumps of ice falling from the sky; nach tàinig e às an adhar buileach gun rabhadh: that it did not come from the sky entirely without warning; chualas brag mòr tàirneanaich anns na speuran: a loud thunderclap was heard in the heavens; frasan èisg is frasan losgann: showers of fish and showers of frogs; tha iad sin cumanta gu leòr: they are common enough; chan eil càil as ùr ann mun deidhinn: there is nothing new about them; agus iad air an cuairteachadh le deigh: surrounded by ice; am broinn deighe: inside (a lump of) ice; bha iad deiseil airson dìnnear na Nollaig, ged a bha na h-itean fhathast orra: they were ready for Christmas dinner, although they still had feathers on them.

Gnàths-cainnt na seachdaine

Gnàths-cainnt na seachdaine: Bha an comas sin aigesan ann am pailteas: he had that capability in abundance. Pailteas means “plenty, abundance, sufficiency”. Tha pailteas Gàidhlig aige: he has plenty of Gaelic (ie he speaks it well).

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast